Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 18 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XVIII. CAIB. Pàis Chriosta.

1 Nuair, a labhair Iosa na nichean so, chaidh e le dheisciopuil thairis air struth Chedroin, far an robh lios, anns an deach e fhein ʼsa dheisciopuil a stigh.

2 Agus bʼ aithne do Iudas cuideachd, a bhrath e, an t-aite: a chionn gun do thathaich Iosa gu tric ann maille ri dheisciopuil.

3 Uime sin nuair fhuair Iudas buidhean shaighdearan agus maoir bho na h-ard-shagairt ʼs bho na Phairisich, thainig e do ʼn aite le lochrain, ʼs le leois, ʼs le airm.

4 Chaidh Iosa ma ta, ʼs e tuigsinn a h-uile ni a bha ri tachairt dha, air adhart, us thuirt e riu: Co tha sibh a sireadh?

5 Fhreagair iad e: Iosa bho Nasareth. Thuirt Iosa riu: Is mise e. Us sheas Iudas fhein, a bhrath e, maille riu.

6 Uime sin cho luath ʼsa thuirt e riu: Is mise e, dhʼ aom iad air an ais, us thuit iad air an talamh.

7 Dhʼfharraid e an sin dhiubh rithist: Co tha sibh a sireadh? Us thuirt iad: Iosa bho Nasareth.

8 Fhreagair Iosa: Dhʼinnis mi dhuibh gur mise e: air an aobhar sin ma tha sibh gam shireadh-sa, leigibh leo sin falbh.

9 Gus gun coimhlionteadh am facal a thuirt e: Dhe ʼn fheadhainn, a thug thu dhomh, cha do chaill mi gin.

10 An sin air do chlaidheamh a bhith aig Simon Peadar, tharruinn e e, us bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e dheth a chluas dheas. Agus bʼ e Malchus ainm an t-seirbhisich.

11 Uime sin thuirt Iosa ri Peadar: Cuir do chlaidheamh san truaill. An e nach ol mi a chailis, a thug mʼ Athair dhomh?

12 An sin rug a bhuidhean, ʼs an ceannard-ciad, us maoir nan Iudhach air Iosa, agus cheangail iad e.

13 Us thug iad leo e an toiseach gu Annas: oir bʼ esan athair-ceile Chaiphais, a bha ʼna ard-shagart a bhliadhna sin.

14 A nis bʼ e Caiphas, a thug comhairle do na h-Iudhaich: Gun robh e iomchuidh gum faigheadh aon duine bàs air son an t-sluaigh.

15 Agus lean Simon Peadar Iosa, us deisciopul eile. Us bʼ aithne do ʼn ard-shagart an deisciopul so, agus chaidh e stigh maille ri Iosa do chùirt an ard-shagairt.

16 Ach bha Peadar ʼna sheasamh a muigh aig an dorus. Uime sin chaidh an deisciopul eile, a bʼ aithne do ʼn ard-shagart, a mach, agus bhruidhinn e ris a bhan-dorsair, us thug e Peadar a stigh.

17 As leth sin thuirt a chailin, a bhan-dorsair, ri Peadar: Nach aon thusa cuideachd de dheisciopuil an duine so? Ars esan: Cha mhi.

18 A nis bha na seirbhisich ʼs na maoir ʼnan seasamh aig an teine ghuail: chionn bha ʼm fuachd ann, ʼs bha iad gan garadh fhein: agus bha Peadar cuideachd ʼna sheasamh comhla riu, ʼs ga gharadh fhein.

19 Dhʼfharraid ma ta an t-ard-shagart de dhʼIosa mu dheisciopuil, agus mu theagasg.

20 Fhreagair Iosa e: Labhair mi gu follaiseach ris an t-saoghal; ʼs theagaisg mi daonnan anns an t-sinagog, agus anns an teampull, far a bheil na h-Iudhaich uile a tional: agus an uaigneas cha do labhair mi ni air bith.

21 Car-son tha thu faighneachd dhiomsa? faighnich dhiusan a chuala ciod a thuirt mi riu: seall, is aithne dhaibhse na thuirt mi.

22 Agus nuair a thuirt e so, bhuail fear de na maoir, a bha lathair, Iosa le bhois, a g-radh: An ann mar sin tha thu freagairt an ard-shagairt?

23 Fhreagair Iosa e: Ma labhair mi gu h-olc, tog fianuis air an olc: ach ma labhair mi gu math, car-son tha thu gam bhualadh?

24 ʼS chuir Annas e ceangailte gu Caiphas, an t-ard-shagart.

25 Agus bha Simon Peadar ʼna sheasamh, ʼs ga gharadh fhein. Thuirt iad ma ta ris: Nach fear dhe dheisciopuil thusa cuideachd? Dhʼaicheadh e, us thuirt e: Cha n-eadh.

26 Thuirt aon de sheirbhisich an ard-shagairt (caraid dhasan dhe na ghearr Peadar a chluas) ris: Nach fhaca mise thu san lios comhla ris?

27 Dhʼaicheadh Peadar an sin rithist; agus ghoir an coileach sa cheart uair.

28 An sin thug iad Iosa bho Chaiphas gu talla an uachdrain. Us bʼ i mhaduinn a bhʼann; agus cha deach iad fhein a stigh do ʼn talla, gus nach biodh iad air an truailleadh, ach gun icheadh iad a chàisg.

29 Air an aobhar sin chaidh Pilat a mach gan ionnsuidh, us thuirt e: Ciod a thʼ agaibh ri thoirt suas an aghaidh an duine so?

30 Fhreagair iad, us thuirt iad ris: Mur biodh e ʼna fhear droch-bheairt, cha bhithemid air a liubhairt dhutsa.

31 An sin thuirt Pilat riu: Gabhaibh fhein e, ʼs thugaibh breth air a reir ur lagh. Uime sin thuirt na h-Iudhaich ris: Cha n-eil e ceadaichte dhuinne duine air bith a chur gu bàs.

32 Gu facal Iosa a bhith air a choimhlionadh, a thuirt e, a fiachuinn a bhàis a bha e dol a dhʼfhaighinn.

33 Uime sin chaidh Pilat a stigh do ʼn talla rithist, agus ghairm e Iosa, us thuirt e ris: An tusa righ nan Iudhach?

34 Fhreagair Iosa: An ann bhuat fhein a tha thu g-radh so, no an dʼinnis feadhainn eile dhut e mu mʼ dheidhinn?

35 Fhreagair Pilat: An Iudhach mise? Liubhair do chinneadh fhein ʼs na h-ard-shagairt dhomhsa thu: ciod a rinn thu?

36 Fhreagair Iosa: Cha n-ann dhe ʼn t-saoghal so mo rioghachd. Nam bʼ ann dhe ʼn t-saoghal so mo rioghachd, gu cinnteach dhianadh mo sheirbhisich stri gus nach rachadh mo liubhairt do na h-Iudhaich: ach a nis cha n-ann bho so a tha mo rioghachd.

37 Air an aobhar sin thuirt Pilat ris: Am beil thu ma ta na dʼ righ? Fhreagair Iosa: Tha thu cantuinn gur righ mi. ʼSann air son so a rugadh mi, ʼsann air son so a thainig mi thun an t-saoghail, gus mi teisteanas a thoirt air an fhirinn: gach aon a tha air taobh na firinne, eisdidh e ri mʼ ghuthsa.

38 Thuirt Pilat ris: Ciod e an fhirinn? Us nuair a thuirt e so, chaidh e mach a rithist a dhʼionnsuidh nan Iudhach, us thuirt e riu: Cha n-eil mi faighinn cionta air bith ann.

39 Ach tha e ʼna chleachdadh agaibh, gun tugainn a chead do h-aon dhuibh aig a chàisg: an aill leibh ma ta gun saor mi dhuibh righ nan Iudhach?

40 An sin ghlaodh iad uile rithist, a g-radh: Cha n-e e so, ach Barabbas. A nis bha Barabbas ʼna mheirleach.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan