Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 17 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XVII. CAIB. Urnaigh Chriosta air son a dheisciopul.

1 Labhair Iosa na nichean so: ʼsa togail suas a shuilean gu neamh, thuirt e: Athair, tha an uair air tighinn, gloraich do Mhac, gus gun gloraich do Mhac Thu:

2 Mar a thug thu cumhachd dha thairis air a h-uile feoil, gus gun tugadh e a bheatha shiorruidh dhaibhsan uile, a thug thu dha.

3 A nis si so a bheatha shiorruidh: Eolas a bhith aca ortsa, an t-aon Dia fior, agus air Iosa Criosta, a chuir thusa.

4 Ghloraich mise thu air talamh: chriochnaich mi an obair, a thug thu dhomh ri dianamh:

5 ʼSa nis gloraich thusa mise, O Athair, maille riut fhein, leis a ghloir a bhʼ agam maille riut, mun robh an saoghal ann.

6 Shoilleirich mi tʼ ainm do na daoine, a thug thu dhomh as an t-saoghal. Bu leatsa iad, us thug thu dhomhsa iad: agus ghleidh iad tʼ fhacal.

7 A nis tha fios aca gur h-ann bhuatsa a tha a h-uile ni, a thug thu dhomhsa:

8 A chionn gun tug mi dhaibh na facail, a thug thu dhomh; us ghlac iadsan iad, agus thuig iad gu firinneach, gun tainig mi mach bhuat, agus chreid iad gun do chuir thu mi.

9 Tha mi guidhe air an sonsa: cha n-eil mi guidhe air son an t-saoghail, ach air an sonsan, a thug thu dhomh: a chionn ʼs gur leatsa iad;

10 Agus is leatsa a h-uile ni is leamsa, agus is leamsa a h-uile ni is leatsa; agus tha mi air mo ghlorachadh unnta.

11 Agus a nis cha n-eil mi san t-saoghal, ach tha iadsan san t-saoghal, ʼs tha mise tighinn ga tʼ ionnsuidhse. Athair naoimh, gleidh na tʼ ainm iadsan, a thug thu dhomh; gus gum bi iad ʼnan aon, ceart mar tha sinne.

12 Fhad sa bha mi comhla riu, ghleidh mi iad na tʼ ainm-se. Ghleidh mi iadsan, a thug thu dhomh; ʼs cha do chailleadh a h-aon diu, ach mac an sgrios, chum gun coimhlionar an sgriobtur.

13 ʼSa nis tha mi tighinn ga tʼ ionnsuidh; ʼsna nichean so tha mi labhairt anns an t-saoghal, gus mʼ aoibhneas a bhith aca coimhlionta unnta fhein.

14 Thug mi tʼ fhacal dhaibh; us thug an saoghal fuath dhaibh: a chionn ʼs nach ann dhe ʼn t-saoghal iad, mar nach ann dhe ʼn t-saoghal mise fhein.

15 Cha n-eil mi guidhe gun toir thu as an t-saoghal iad, ach gun gleidh thu bho olc iad.

16 Cha n-eil iad dhe ʼn t-saoghal, mar nach eil mise fhein dhe ʼn t-saoghal.

17 Naomhaich iad ann am firinn. Se tʼ fhacalsa an fhirinn.

18 Mar a chuir thu mise thun an t-saoghail, is amhuil a chuir mise iadsan thun an t-saoghail.

19 Agus air an sonsan tha mise gam naomhachadh fhein; gus iadsan a bhith air an naomhachadh ann am firinn.

20 Ach cha n-ann air an sonsan a mhain a tha mi guidhe, ach air an sonsa cuideachd a thig gu creidsinn unnam tromh ʼm facal-san.

21 Gus iad a bhith uile ʼnan aon, mar tha thusa, Athair, unnamsa, us mise unnadsa, gus iadsan mar an ciadna a bhith ʼnan aon unnainn; a los gun creid an saoghal gun do chuir thusa mi;

22 ʼSa ghloir, a thug thu dhomh, thug mise dhaibhse; gus iad a bhith ʼnan aon, amhuil mar tha sinne ʼnar n-aon.

23 Mise unntasan, us thusa unnamsa; gus iad a bhith coimhlion ʼnan aon, ʼs gun aithnich an saoghal, gun do chuir thusa mi, agus gun tug thu gaol dhaibhse, mar a thug thu gaol dhomhsa.

24 Athair, si mo thoil, gum bi iadsan, a thug thu dhomh, maille rium, far am beil mise; los gum faic iad mo ghloir, a thug thu dhomh: a chionn thug thu gradh dhomh mun do chruthaicheadh an saoghal.

25 Athair cheairt, cha dʼ aithnich an saoghal thu: ach dhʼ aithnich mise thu; agus dhʼ aithnich iad so gun do chuir thusa mi.

26 Agus rinn mi tʼ ainm aithnichte dhaibh, ʼs ni mi aithnichte e, gus an gradh, leis na ghradhaich thu mise, a bhith unntasan, agus mise unnta.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan