Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 14 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XIV. CAIB. Comhradh Chriosta an deigh a shuipreach deirionnaich.

1 Na biodh ur cridhe fo iomaguin. Tha sibh a creidsinn ann an Dia, creidibh mar an ciadna unnamsa.

2 Ann an tigh mʼAthar tha iomadh aros: mur biodh, bhithinn air innse dhuibh: a chionn tha mi dol a dhianamh deas aite dhuibh.

3 Agus ma dhʼfhalbhas mi, ʼs ma dheasaicheas mi aite dhuibh, thig mi rithist, agus gabhaidh mi gam ionnsuidh fhein sibh, air chor ʼs, far am beil mise, gum bi sibhse mar an ciadna.

4 Agus is aithne dhuibh cean tha mi dol, agus is aithne dhuibh an rathad.

5 Thuirt Tomas ris: A Thighearna, cha n-aithne dhuinn cean a tha thu dol; agus ciamar is urrainn eolas a bhith againn air an rathad?

6 Thuirt Iosa ris: Is mise an rathad, agus an fhirinn, agus a bheatha: cha tig neach air bith thun an Athar, ach tromhamsa.

7 Nam bʼaithne dhuibh mise, gu cinnteach dhʼaithneadh sibh mʼAthair mar an ciadna; agus á so suas aithnidh sibh e, agus chunnaic sibh e.

8 Thuirt Philip ris: A Thighearna, fiach dhuinn an t-Athair, agus foghnaidh sin duinn.

9 Thuirt Iosa ris: An fhad so dhʼ uine tha mise cuide ribh, ʼs nach aithne dhuibh mi? Philip, esan a tha gam fhaicinn-sa, tha e faicinn an Athar cuideachd. Ciod h-uige a tha thusa, g-radh: Fiach dhuinn an t-Athair?

10 Nach eil sibh a creidsinn gum beil mise anns an Athair, ʼs an t-Athair unnamsa? Na briathran a tha mi labhairt ribh, cha n-ann bhuam fhein a tha mi gan labhairt. Ach an t-Athair, a tha tamh unnam, se tha dianamh nan oibrichean.

11 Nach eil sibh a creidsinn gum beil mise anns an Athair, ʼs an t-Athair unnamsa?

12 Mur eil, creidibh as leth nan oibrichean fhein. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: esan a chreideas unnamsa, na h-oibrichean a tha mise dianamh, ni esan iad mar an ciadna, agus nas mua na iad sin ni e: a chionn gum beil mi dol gu mʼ Athair.

13 Agus ciod sam bith a dhʼ iarras sibh air an Athair na mʼainmse, ni mi e; los gum bi an t-Athair air a ghlorachadh anns a Mhac.

14 Ma dhʼ iarras sibh orm ni air bith na mʼ ainmse, sin ni mise.

15 Ma tha gaol agaibh ormsa, cumaibh mʼ fhaintean.

16 Us iarraidh mi air an Athair, agus bheir e Cofhurtair eile dhuibh, gus e dhʼ fhantuinn maille ribh a chaoidh,

17 Spiorad na firinne, nach urrainn do ʼn t-saoghal a ghabhail: a chionn ʼs nach eil e ga fhaicinn, no eolach air: ach bithidh eolas agaibhse air: a chionn gum fan e maille ribh, agus gum bi e unnaibh.

18 Cha n-fhag mi sibh ʼnur dilleachdain; thig mi gu ʼr n-ionnsuidh.

19 Sealan fhathast ʼs cha n-fhaic an saoghal mi tuilleadh. Ach chi sibhse mi: a chionn gum beil mise beo, ʼs gum bi sibhse beo.

20 ʼS an latha sin tuigidh sibh gum beil mise ann am Athair, us sibhse unnamsa, agus mise unnaibhse.

21 Am fear aig a bheil mʼ fhaintean, ʼsa tha gan cumail, se a tha toirt gaoil dhomhsa. ʼS am fear a tha toirt gaoil dhomhsa, bithidh gaol aig mʼAthair air: agus bithidh gaol agamsa air, agus foillsichidh mi mi fhein dha.

22 Thuirt Iudas (cha n-e Iscariot) ris: A Thighearna, ciamar a tha e gum foillsich thu thu fhein dhuinne, ʼs nach ann do ʼn t-saoghal?

23 Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Ma ghradhaicheas duine air bith mise, cumaidh e mʼ fhacal, us bheir mʼ Athair gaol da, agus thig sinn ga ionnsuidh, agus gabhaidh sinn comhnuidh maille ris:

24 Am fear nach toir gradh dhomh, cha chum e mʼfhacal. ʼS am facal a chuala sibhse, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir mi.

25 Na nichean so labhair mi ribh, ʼs mi gabhail comhnuidh mar-ribh.

26 Ach an Cofhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t-Athair na mʼ ainmse, teagaisgidh e h-uile ni dhuibh, agus bheir e gach ni gu ʼr cuimhne, ge bʼ e air bith iad, a their mi ribh.

27 Sith tha mi fagail agaibh, mo shith tha mi toirt dhuibh; cha n-ann mar a tha ʼn saoghal ga toirt, tha mise ga toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo iomaguin no fo fhiamh.

28 Chuala sibh gun tuirt mi: Tha mi falbh, agus thig mi gu ʼr n-ionnsuidh. Ma thug sibh gaol domh, bhiodh aighear gu dearbh oirbh, gum beil mi dol dhʼionnsuidh an Athar: oir is mua an t-Athair na mise.

29 Agus a nis dhʼinnis mi dhuibh mun tachair e; los, nuair a thachras e, gun creid sibh.

30 Cha n-abair mi moran nichean ribh an drasda: oir tha prionns an t-saoghail so a tighinn, agus unnamsa cha n-eil ni aige.

31 Ach gu fios a bhith aig an t-saoghal gur toigh leam an t-Athair, ʼs mar a thug an t-Athair fainte dhomh, mar sin tha mi dianamh. Eiribh, rachamaid as a so.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan