Eòin 12 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XII. CAIB. Ungadh casan Chriosta: e marcachd gu Ierusalem air muin asail: guth bho neamh. 1 Uime sin thainig Iosa sia latha romh ʼn chàisg gu Bethania, far an robh Lasarus air bhith marbh, a thug Iosa beo. 2 Us rinn iad suipeir dha an sin; agus bha Marta a frithealadh, ʼs bʼ e Lasarus fear dhe ʼn fheadhainn a bha aig bord maille ris. 3 Uime sin ghabh Mairi punnd de dhʼ ola spiocnaird ro luachmhor, agus dhʼ ung i casan Iosa, us shuath i chasan le ʼfalt; agus lionadh an tigh le deagh fhaile na h-ola. 4 An sin thuirt fear dhe dheisciopuil, Iudas Iscariot, esan a bha gus a bhrath: 5 Car-son nach do reiceadh an ola so air son tri chiad peighinn, ʼs nach tugadh iad do na bochdan? 6 A nis thuirt e so, cha n-ann air son omhail a bhith aige de na bochdan, ach a chionn gun robh e ʼna mheirleach, ʼs leis an sporan a bhith aige, gun robh e giulan na chuireadh ann. 7 Uime sin thuirt Iosa: Leigibh leatha, los a gleidheadh mu choinneamh latha mʼ adhlaic. 8 Oir tha na bochdan agaibh daonnan maille ribh: ach cha n-eil mise agaibh daonnan. 9 Agus thuig cuideachda mhor de na h-Iudhaich gun robh e an sin; us thainig iad, cha n-ann air son Iosa mhain, ach a dhʼ fhaicinn Lasaruis, a thog e bho na mairbh. 10 Ach smaoinich na h-ard-shagairt air Lasarus a mharbhadh cuideachd: 11 A chionn gun dʼ fhalbh moran de na h-Iudhaich as a lethse, ʼs gun do chreid iad ann an Iosa. 12 Agus air an là ʼr na mhàireach, nuair chuala am mor-shluagh, a bhʼ air tighinn gu latha na feille, gun robh Iosa a tighinn gu Ierusalem, 13 Ghabh iad giagan pailm, ʼs chaidh iad a mach ʼna chomhail, agus dhʼ eigh iad: Hosanna, is beannaichte esan, righ Israil, a tha tighinn an ainm an Tighearna. 14 Us fhuair Iosa asal og, agus shuidh e air, mar a tha sgriobhte: 15 Na gabh eagal, a nighean Shioin: seall, tha do righ a tighinn, ʼna shuidhe air bioraiche asail. 16 Cha do thuig a dheisciopuil na nichean so an toiseach: ach nuair a ghloraicheadh Iosa, an sin chuimhnich iad, gun robh na nichean so sgriobhte uime, agus gun dʼ rinn iad iad so dha. 17 As leth sin thug an sluagh, a bha comhla ris nuair a ghairm e Lasarus as an uaigh, ʼsa thog e bho na mairbh e, teisteanas. 18 ʼSann air son sin cuideachd, a thainig an sluagh ʼna choinneamh: a chionn gun cuala iad gun dʼ rinn e a mhiarailt so. 19 Thuirt na Phairisich uime sin eatorra fhein: Am beil sibh a faicinn nach eil sinn a cosnadh a bheag? Seall, tha ʼn saoghal uile air dol ʼna dheigh. 20 A nis bha cinnich araid am measg na feadhnach a thainig a thoirt aoraidh air an latha feille. 21 Thainig iad sin ma ta gu Philip, a bha bho Bhethsaida Ghalile, agus ghuidh iad air, a g-radh: A mhaighistir, tha toil againn Iosa fhaicinn. 22 Thainig Philip, us dhʼ innis e do dhʼAindris: a rithist dhʼinnis Aindris agus Philip do Iosa. 23 Agus fhreagair Iosa iad: Tha an uair air tighinn gu Mac an duine a bhith air a ghlorachadh. 24 Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: mur faigh an grainne cruithneachd, a thuiteas san talamh, bàs, 25 Stadaidh e leis fhein: ach ma gheobh e bàs, bheir e mach moran toraidh. Esan aig a bheil gaol dha bheatha, caillidh e i; us esan aig a bheil fuath dha bheatha anns an t-saoghal so, gleidhidh e i gu beatha shiorruidh. 26 Ma ni neach air bith frithealadh dhomhsa, leanadh e mi; agus far am beil mise, an sin cuideachd bithidh mo; sheirbhiseach. Ma ni neach air bith seirbhis domhsa, bheir mʼ Athair onair dha. 27 A nis tha mʼ anam fo bhruaillean. Us ciod a their mi? Athair, sabhail mi bho ʼn uair so. Ach ʼsann as leth so a thainig mi gus an uair so. 28 Athair, gloraich tʼ ainm. An sin thainig guth bho neamh: Ghloraich mi e a cheana, agus gloraichidh mi rithist e. 29 Uime sin thuirt an sluagh, a bha ʼnan seasamh ʼsa chuala, gur e tairneanach a bhʼ ann. Us thuirt cuid eile: Labhair aingeal ris. 30 Fhreagair Iosa, us thuirt e: Cha n-ann air mo shonsa a thainig an guth so, ach air ur sonsa. 31 A nis tha breitheanas an t-saoghail ann: a nis tilgear a mach prionns an t-saoghail so. 32 Agus mise, ma thogar bho ʼn talamh mi, tarruinnidh mi gach ni gam ionnsuidh fhein. 33 (A nis thuirt e so a ciallachadh ciod an seorsa bàis a bha e gus fhaighinn.) 34 Fhreagair an sluagh e: Chuala sinne as an lagh, gum fuirich Criosta gu bràth: us ciamar a tha thusa g-radh: Feumar Mac an duine a bhith air a thogail suas? Co e Mac an duine so? 35 Uime sin thuirt Iosa riu: Car uine bige fhathast, tha an solus ʼnur measg. Gluaisibh fhad ʼsa tha an solus agaibh, los nach beir an dorchadas oirbh; oir am fear, a tha g-imeachd san dorchadas, cha n-eil fhios aige cean a tha e dol. 36 Fhad ʼsa tha an solus agaibh, creidibh anns an t-solus, los gum bi sibh ʼnur cloinn an t-soluis. Labhair Iosa na nichean so; an sin dhʼ fhalbh e, ʼs dhʼ fhalaich e e fhein bhuapa. 37 Us ged a bha e air cho liuthad miarailt a dhianamh ʼnan lathair, cha do chreid iad ann: 38 Chum gum biodh facal an fhaidh Isaias air a choimhlionadh, a labhair e: A Thighearna, co a chreid ga ʼr n-eisdeachd-ne? agus co dha a thaisbeanadh gairdean an Tighearna? 39 So an t-aobhar nach bʼ urrainn daibh creidsinn: a chionn thuirt Isaias a rithist: 40 Dhall e an suilean, ʼs chruadhaich e an cridhe; gus nach faiceadh iad le ʼn suilean, ʼs nach tuigeadh iad le ʼn cridhe, ʼs gum biodh iad air an iompachadh, ʼs gun slanaichinn iad. 41 Na nichean so thuirt Isaias, nuair a chunnaic e ghloir, ʼsa labhair e uime. 42 An deigh sin chreid moran de na priomh-dhaoine ann: ach as leth nam Phairiseach cha robh iad ga aideachadh, los nach tilgte mach as an t-sinagog iad. 43 Oir bu docha leo gloir dhaoine na gloir Dhe. 44 Ach ghlaodh Iosa, us thuirt e: An neach a tha creidsinn unnamsa, cha n-ann unnamsa a tha e creidsinn, ach annsan a chuir mi. 45 Agus an neach a tha gam fhaicinn-sa, tha e ga fhaicinn-sa a chuir mi. 46 Tha mise, an solus, air tighinn thun an t-saoghail; gus ge bʼ e, a chreideas unnamsa, nach fan e ann an dorchadas. 47 ʼS ma dhʼeisdeas neach air bith ri mʼ fhacail, ʼs nach cum e iad, cha n-eil mise ga dhiteadh: oir cha tainig mi gus an saoghal a dhiteadh, ach gus an saoghal a shabhaladh. 48 Esan a tha dianamh diu dhiom, ʼs nach eil gabhail mʼ fhacal, tha aon aige a bheir breth air: am facal a labhair mi, ditidh sin e air an latha mu dheireadh. 49 Oir bhuam fhein cha do labhair mise, ach thug an t-Athair, a chuir mi, fainte dhomh, ciod a theirinn agus ciod a labhruinn. 50 Agus is aithne dhomh gur beatha shiorruidh fhaintesa. Uime sin na tha mise cantuinn, tha mi ga chantuinn, mar thuirt an t-Athair rium. |