Eòin 11 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XI. CAIB. Criosta togail Lasaruis bho na mairbh: na riaghladairean a cur rompa a mharbhadh. 1 A nis bha duine araid tinn, air an robh Lasarus, bho Bhethania, bho bhaile Mairi agus Marta, a piuthar. 2 (Agus bʼ i Mairi, a dhʼ ung an Tighearna le ola, ʼsa shuath a chasan le a falt; bʼ e brathair-sa Lasarus, a bha gu tinn.) 3 Uime sin chuir a pheathraichean-sa ga ionnsuidh, a g-radh: A Thighearna, tha esan is toil leat gu tinn. 4 ʼS nuair chuala Iosa so, thuirt e riu: Cha n-eil an tinneas so gu bàs, ach gu gloir Dhe, ʼs gu Mac De a bhith air a ghlorachadh leis. 5 A nis bha gaol aig Iosa air Marta, ʼs air a piuthar Mairi, agus air Lasarus. 6 Nuair a chuala e ma ta gun robh e tinn, dhʼ fhan e fhathast dà latha san aite san robh e. 7 An sin ʼnan deigh so, thuirt e ri dheisciopuil: Rachamaid gu Iudéa rithist. 8 Thuirt a dheisciopuil ris: A Rabbi, dhʼ iarr na h-Iudhaich a chianamh do chlachadh, ʼs am beil thu dol ann a rithist? 9 Fhreagair Iosa: Nach eil dà uair dhiag san latha? Ma choisicheas duine san latha, cha tuislich e: a chionn gum beil e faicinn solus an t-saoghail so: 10 Ach ma choisicheas e trath oidhche, tuislichidh e: a chionn nach eil solus ann. 11 An deigh dha so labhairt, thuirt e riu: Tha ar caraid Lasarus ʼna chadal: ach tha mise dol gus a dhusgadh as a chadal. 12 Uime sin thuirt a dheisciopuil: A Thighearna, ma tha e ʼna chadal, bithidh e gu math. 13 Ach labhair Iosa mu bhàs: us shaoil iadsan gur ann mu fhois cadail a labhair e. 14 An sin ma ta thuirt Iosa riu gu soilleir: Tha Lasarus marbh; 15 ʼS tha toil-inntinn orm as ur lethse, nach robh mi an sin, los gun creid sibh. Ach rachamaid ga ionnsuidh. 16 Uime sin thuirt Tomas, ris an abrar Didimus, ri cho-dheisciopuil: Rachamaid-ne cuideachd los gum basaich sinn comhla ris. 17 Thainig ma ta Iosa; ʼs fhuair e mach gun robh e air bhith cheana ceithir latha san uaigh. 18 (A nis bha Bethania teann air Ierusalem, mun cuairt do choig stàdan diag bhuaithe.) 19 ʼS bha moran de na h-Iudhaich air tighinn gu Marta, ʼs gu Mairi, gu furtachd a thoirt dhaibh a thaobh am brathar. 20 Cho luath ma ta ʼsa chuala Marta gun tainig Iosa, chaidh i ʼna choinneamh: ach shuidh Moire aig an tigh. 21 Thuirt Marta ma ta ri Iosa: A Thighearna, nam bitheadh tu an so, cha n-fhaigheadh mo bhrathair bàs: 22 Ach a nis fhein tha fios agam, ge bʼ e ni a dhʼiarras tu air Dia, gun toir e dhut e. 23 Thuirt Iosa rithe: Eiridh do bhrathair a rithist. 24 Thuirt Marta ris: Tha fios agam gun eirich e rithist san aiseirigh air an latha mu dheireadh. 25 Thuirt Iosa rithe: Is mise an aiseirigh agus a bheatha: esan a chreideas unnamsa, ged bhitheadh e marbh, thig e beo; 26 ʼS gach neach a tha beo, agus a creidsinn unnamsa, cha n-fhaigh e bàs a chaoidh. Am beil thu creidsinn so? 27 Thuirt i ris: Tha, a Thighearna, chreid mi gur tu Criosta Mac an De bheo, a thainig thun an t-saoghail. 28 ʼS an deigh dhi so chantuinn, dhʼfhalbh i, us ghairm i Mairi a piuthar os n-iosal, a g-radh: Tha am maighistir air tighinn, ʼs tha e ga dʼ iarraidh. 29 Cho luath ʼsa chual i so ghrad-dhʼeirich i, agus thainig i ga ionnsuidh. 30 Oir cha robh Iosa fhathast air a bhaile ruighinn: ach bha e fhathast san aite far na choinnich Marta e. 31 Nuair ma ta a chunnaic na h-Iudhaich, a bha stigh comhla rithe, ʼsa toirt furtachd dhi, gun dʼ eirich Mairi gu h-ealamh, ʼs gun deach i mach, lean iad i, a g-radh: Tha i dol thun na h-uaighe a chaoineadh an sin. 32 An sin nuair thainig Mairi far an robh Iosa, ʼsa chunnaic i e, thuit i aig a chasan, us thuirt i ris: A Thighearna, nam bitheadh tu an so, cha n-fhaigheadh mo bhrathair bàs. 33 Uime sin, nuair chunnaic Iosa i gal, ʼs na h-Iudhaich a thainig comhla ri a gal, rinn e osnadh ʼna spiorad, ʼs chuir e spairn air fhein. 34 Us thuirt e: Càite na chuir sibh e? Thuirt iad ris: A Thighearna, thig, agus faic. 35 Agus ghuil Iosa. 36 Uime sin thuirt na h-Iudhaich: Seall mar thug e gradh dha. 37 Ach thuirt cuid dhiu: Nach bʼ urrainn dhasan, a dhʼ fhosgail suilean an duine a rugadh dall, a thoirt air an fhear so nach faigheadh e bàs? 38 Uime sin thainig Iosa, a g-osnaich a rithist ann fhein, thun na h-uaighe. A nis se uamh a bhʼ ann; ʼs bha clach air a cur oirre. 39 Thuirt Iosa: Togaibh a chlach. Thuirt Marta, piuthar an fhir a bha marbh, ris: A Thighearna, tha nis droch fhaile dheth: oir se so nis an ceathramh là dha. 40 Thuirt Iosa rithe: Nach tuirt mi riut, ma chreideas tu, gum faic thu gloir Dhe? 41 Thug iad ma ta a chlach air falbh: us thuirt Iosa, ʼs e togail suas a shuilean: Athair, tha mi toirt taing dhut air son gun dʼ eisd thu rium. 42 Agus bʼ aithne dhomh gum beil thu an comhnuidh gam eisdeachd, ach ʼsann air son an t-sluaigh, a tha ʼnan seasamh mun cuairt, a thuirt mi e; chum gun creid iad gun do chuir thu mi. 43 Nuair thuirt e so, ghlaodh e le guth ard: A Lasaruis, thig a mach. 44 Us ghrad-thainig esan a bha marbh a mach, a chasan ʼsa lamhan ceangailte san aodach-mhairbh, agus aodann air a suaineadh le neapaicin. Thuirt Iosa riu: Fuasglaibh, agus leigibh as e. 45 Uime sin, moran de na h-Iudhaich, a thainig gu Mairi us Marta, a faicinn na rinn Iosa, chreid iad ann. 46 Ach dhʼfhalbh cuid dhiu thun nam Phairiseach, agus dhʼ innis iad daibh na rinn Iosa. 47 Air an aobhar sin thionail na h-ard-shagairt ʼs na Phairisich comhairle, us thuirt iad: Ciod a tha sinn a dianamh, ʼs gum beil an duine so a dianamh moran mhiarailtean? 48 Ma leigeas sinn air adhart e mar so, creididh iad uile ann; agus thig na Romanaich, ʼs bheir iad air falbh an t-aite ʼs an cinneadh againne. 49 Ach thuirt fear dhiu riu, dha ʼm bʼ ainm Caiphas, a bha a bhliadna sin ʼna ard-shagart: Cha n-aithne dhuibh ni air bith, 50 Cha mhua ghabh sibh beachd gum beil e riatanach dhuibh, gum faigheadh aon duine bàs air son an t-sluaigh, ʼs nach rachadh an cinneadh uile a dhith. 51 A nis cha bʼ ann bhuaithe fhein a thuirt e so: ach air dha bhith ʼna ard-shagart a bhliadhna sin, rinn e faisneachd gun robh Iosa gu bàs fhaighinn air son a chinnidh. 52 Agus cha n-ann air son a chinnidh a mhain, ach gu clann De, a bha sgapte, a thional gu bhith ʼnan aon. 53 Bha e ʼnam beachd ma ta bho ʼn latha sin a chur gu bàs. 54 As leth sin cha robh Iosa a triall gu follaiseach tuilleadh am measg nan Iudhach, ach chaidh e gu duthaich teann air an fhasach, gu baile ris an abrar Ephrem, agus thamh e an sin maille ri dheisciopuil. 55 Agus bha càisg nan Iudhach aig laimh; ʼs chaidh moran suas as an duthaich romh ʼn chàisg, gus iad fhein a ghlanadh. 56 Uime sin shir iad Iosa; agus bhruidhinn iad ri cheile ʼnan seasamh san teampull: Ciod e ur barail-sa, a thaobh ʼs nach tainig e thun na feille? Agus bha na h-ard-shagairt ʼs na Phairisich air toirt orduigh, ma bha fios aig aon sam bith càite an robh e, e a dhʼ innse, gus gun glacadh iad e. |