Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 10 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


X. CAIB. Se Criosta an dorus agus an deagh bhuachaill: agus is aon e fhein agus ʼAthair.

1 Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: esan nach teid a stigh do chrò nan caorach air an dorus, ach a streapas suas rathad eile, is meirleach agus creachadair e.

2 Ach esan a theid a stigh air an dorus, se buachaille nan caorach e.

3 Dhasan fosglaidh an dorsair, agus eisdidh na caoraich ri ghuth, agus gairmidh e chaoraich fhein air an ainm, agus stiuiridh e mach iad.

4 Agus air dha a chaoraich fhein leigeil a mach, theid e rompa, agus leanaidh na caoraich e: a chionn gur aithne dhaibh a ghuth.

5 Ach cha lean iad coigreach, ach teichidh iad bhuaith e: a chionn nach aithne dhaibh guth choigreach.

6 Labhair Iosa an samhladh so riu. Ach cha do thuig iadsan ciod a bha e labhairt riu.

7 Thuirt Iosa ma ta riu a rithist: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh gur mise dorus nan caorach.

8 Is meirlich agus creachadairean iadsan uile a mhiad ʼsa thainig, ʼs cha dʼ eisd na caoraich riu.

9 Is mise an dorus. Ma theid neach air bith stigh tromhamsa, bithidh e sabhailte: us theid e stigh agus a mach, agus gheobh e ionaltradh.

10 Cha tig am meirleach ach gu goid, ʼs gu marbhadh, ʼs gu sgriosadh. Thainig mise gu beatha a bhith aca, ʼsa bhith aca nas lan phailte.

11 Is mise am buachaill math. Bheir am buachaill math a bheatha air son a chaorach.

12 Ach am fear-tuarasdail, ʼs esan nach e am buachaill, ʼs dha nach buin na caoraich, chi e am madadh-alluidh a tighinn, agus fagaidh e na caoraich, agus teichidh e; agus glacaidh am madadh-alluidh agus sgapaidh e na caoraich:

13 Ach teichidh am fear-tuarasdail, a chionn gur fear-tuarasdail e, ʼs nach eil omhail aige de na caoraich.

14 Is mise am buachaill math: is aithne dhomh mo chaoraich, agus is aithne dha mo chaoraich mi.

15 Mar is aithne dha ʼn Athair mise, mar sin is aithne dhomhsʼ an t-Athair; agus tha mi leigeil sios mo bheatha air son mo chaorach.

16 Agus tha caoraich eile agam, nach eile de ʼn chrò so: iadsan cuideachd feumaidh mi thoirt a stigh; ʼs eisdidh iad ri mo ghuth, agus bithidh aona chrò ann, agus aona bhuachaill.

17 Air an aobhar so tha gaol aig an Athair orm: a chionn ʼs gum beil mi leigeil sios mo bheatha, gus a glacail a rithist.

18 Cha n-eil duine air bith ga toirt bhuam: ach tha mi ga leigeil sios bhuam fhein, agus tha comas agam a leigeil sios; agus tha comas agam a glacail a rithist: an fhainte so fhuair mi bho mʼAthair.

19 Dhʼeirich consachadh a rithist am measg nan Iudhach as leth nam briathran so.

20 Us thuirt moran dhiubh: Tha deomhan aige, ʼs tha an caothach air: car-son a tha sibh ga eisdeachd?

21 Thuirt cuid eile: Cha bhriathran duine aig a bheil deomhan iad so: an urrainn do dheomhan suilean nan dall fhosgladh?

22 Agus bʼ e feill coisrigeadh an teampuill an Ierusalem a bhʼ ann; ʼs bʼ e an geamhradh e.

23 ʼS bha Iosa coiseachd san teampull ann am for-dhorus Sholomoin.

24 Chruinnich na h-Iudhaich ma ta mun cuairt da, ʼs thuirt iad ris: Cia fhad a chumas tu ar n-anmannan an teagamh? Ma ʼs tu Criosta, innis dhuinn gu soilleir.

25 Fhreagair Iosa iad: Tha mi labhairt ribh, ʼs cha n-eil sibh a creidsinn; na gniomhra, na tha mi dianamh an ainm mʼ Athar, tha iadsan a toirt teisteanais orm:

26 Ach cha n-eil sibhse a creidsinn, a chionn ʼs nach ann de mo chaoraich sibh.

27 Tha mo chaoraich-sa g-eisdeachd ri mo ghuth; agus is aithne dhomh iad, ʼs tha iad gam leantuinn;

28 Us tha mi toirt na beatha siorruidh dhaibh; ʼs cha teid iad a chaoidh a dhith, agus cha spion neach air bith as mo laimh iad.

29 Tha na thug mʼ Athair dhomh nas mua na h-uile ni; ʼs cha n-urrainn do neach air bith an spionadh á laimh mʼ Athar.

30 Is aon mise agus an t-Athair.

31 An sin thog na h-Iudhaich clachan gus a chlachadh.

32 Fhreagair Iosa iad: Is iomadh obair mhath a dhʼ fhiach mi dhuibh bho mʼ Athair: co an obair dhiu sin air son am beil sibh gam chlachadh?

33 Fhreagair na h-Iudhaich e: Cha n-eil sinn ga dʼ chlachadh air son deagh ghniomha, ach air son blaisbheum: ʼsa chionn gum beil thusa, a tha na dʼ dhuine, a dianamh Dia dhiot fhein.

34 Fhreagair Iosa iad: Nach eil e sgriobhte ʼnur laghsa: Thuirt Mi, is diathan sibh?

35 Ma thuirt e diathan riusan, ris na labhradh facal Dhe, agus nach fhaodar an sgriobtur a bhristeadh:

36 An abair sibh ris-san, a naomhaich an t-Athair, ʼsa chuir e thun an t-saoghail: Tha thu labhairt blaisbheum: a chionn gun tuirt mi: Is mi Mac Dhe?

37 Mur eil mi dianamh oibrichean mʼ Athar, na creidibh mi.

38 Ach ma tha mi gan dianamh: mur aill leibh mise chreidsinn, creidibh na h-oibrichean, los gun aithnich ʼs gun creid sibh, gum beil an t-Athair unnamsa, agus mise anns an Athair.

39 Uime sin dhʼiarr iad a ghlacadh; us thàr e as an lamhan.

40 Us dhʼ fhalbh e rithist thar Iordain thun an aite sin anns an robh Eoin a baisteadh an toiseach; agus dhʼ fhuirich e an sin.

41 Agus thainig moran ga ionnsuidh, us thuirt iad: Cha dʼ rinn Eoin gu dearbh miarailt air bith.

42 Ach bha gach ni, a thuirt Eoin mu ʼn duine so, fior. Us chreid, moran ann.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan