Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


I. CHAIBIDEAL. Diadhachd us daondachd Chriosta: Eoin a toirt fianuis air: Criosta tòiseachadh air ostail a ghairm.

1 San toiseach bha am Facal, ʼs bha am Facal maille ri Dia, agus bʼ e am Facal Dia.

2 Bha e so san toiseach maille ri Dia.

3 Rinneadh a h-uile ni leis: ʼs gun e cha dʼ rinneadh ni a chaidh a dhianamh.

4 Annsan bha a bheatha, ʼs bʼ i a bheatha solus dhaoine:

5 Agus tha an solus a soillseachadh san dorchadas, ʼs cha do ghabh an dorchadas ris.

6 Chuireadh duine bho Dhia, dha ʼm bʼ ainm Eoin.

7 Thainig e so mar fhianuis gu teisteanas a thoirt air an t-solus, los gun creideadh daoine uile troimh-san.

8 Cha bʼ e esan an solus, ach bha e gu teisteanas a thoirt air an t-solus.

9 Bʼ e sin an solus firinneach, a tha soilleireachadh a h-uile duine, a tha tighinn dhʼ ionnsuidh an t-saoghail so.

10 Bha e anns an t-saoghal, ʼs rinneadh an saoghal leis, ʼs cha bʼ aithne do ʼn t-saoghal e.

11 Thainig e gu chuid fhein, ʼs cha do ghabh a mhuinntir fhein ris.

12 Ach a mhiad ʼsa ghabh ris, thug e cumhachd dhaibh a bhith ʼnan cloinn do Dhia, dhaibhse a tha creidsinn ʼna ainm,

13 A rugadh cha n-ann bho fhuil, no bho thoil na feola, no bho thoil duine, ach bho Dhia.

14 Us ghabh am Facal feoil, us rinn e comhnuidh ʼnar measg: us chunnaic sinn a ghloir, mar ghloir aonghin an Athar, lan ghras agus firinn.

15 Thug Eoin teisteanas air, agus dhʼeigh e, a g-radh: Bʼ e so esan mun do labhair mi: Esan a tha ri tighinn as mo dheigh, tha toiseach aige orm: a chionn gun robh e romham.

16 Agus dhe a lanachd fhuair sinn uile, agus grasan air ghrasan:

17 Oir thugadh an lagh le Maois, ach thainig grasan agus firinn le Iosa Criosta.

18 Cha n-fhaca duine Dia riamh: an t-aonghin Mic, a tha an uchd Athar, se dhʼ innis e.

19 Agus se so teisteanas Eoin, nuair a chuir na h-Iudhaich bho Ierusalem sagairt agus leibhitich ga ionnsuidh a dhʼfhaighneachd dheth: Co thu?

20 Us dhʼ aidich e, ʼs cha dʼ aicheadh e; us dhʼ aidich e: Cha mhise Criosta.

21 Agus dhʼ fharraid iad dheth: Co thu ma ta? An tu Elias? Us thuirt e: Cha mhi. Am faidh thu? Us fhreagair e: Cha n-eadh.

22 Thuirt iad uime sin ris: Co thu, los gun toir sinn freagairt dhaibh-san, a chuir sinn? Ciod a tha thu g-radh mu dʼ dheidhinn fhein?

23 Thuirt e: Is mi guth neach a g-eigheach san fhasach: Dianaibh direach slighe an Tighearna, mar a thuirt am faidh Isaias.

24 Agus bʼ ann dhe na Phairisich iadsan a chuireadh ga ionnsuidh.

25 ʼS dhʼfharraid iad dheth, us thuirt iad ris: Car-son ma ta a tha thu a baisteadh, mur tu Criosta, no Elias, no faidh?

26 Agus fhreagair Eoin iad, a g-radh: Tha mise baisteadh le uisge: ach tha aon ʼna sheasamh ʼnur miadhon, nach aithne dhuibh.

27 Se so esan a tha ri tighinn am dheigh, aig a bheil toiseach orm: air nach airidh mise air barriall a bhroige fhuasgladh.

28 Rinneadh na nichean so ann am Bethania, air taobh thall Iordain, far an robh Eoin a baisteadh.

29 Air an ath latha chunnaic Eoin Iosa a tighinn ga ionnsuidh, us thuirt e: Seall uan De, seall esan a tha toirt air falbh peacadh an t-saoghail.

30 Se so esan mun tuirt mi: Thig fear am dheigh aig a bheil toiseach orm: chionn bha e romham.

31 ʼS cha bʼ aithne dhomh e: ach ʼsann los gum biodh e air fhoillseachadh ann an Israel a thainig mise a baisteadh le uisge.

32 Agus thug Eoin fianuis, a g-radh: Chunnaic mi an Spiorad a tearnadh mar chalaman bho neamh, us dhʼfhan e air.

33 Agus cha bʼ aithne dhomh e: ach esan a chuir mise a bhaisteadh le uisge, thuirt e rium: Esan air am faic thu an Spiorad a tearnadh ʼsa fantuinn air, se esan a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.

34 Agus chunnaic mise: ʼs tha mi toirt fianuis, gur e so Mac Dhe.

35 A rithist air an ath latha sheas Eoin agus dithis dhe dheisciopuil.

36 ʼSa faicinn Iosa coiseachd, thuirt e: Seall uan De.

37 Agus chuala an dithis dheisciopul e a labhairt, us lean iad Iosa.

38 Us Iosa a tionndadh ʼs gam faicinn ga leanail, thuirt e riu: Ciod a tha sibh a sireadh? Thuirt iad ris: A Rabbi (se sin air eadar-theangachadh, a mhaighistir), càite am beil thu fuireach?

39 Thuirt e riu: Thigibh, agus faicibh. Thainig iad, ʼs chunnaic iad càite an robh e fuireach, agus dhʼ fhan iad maille ris an latha sin: oir bha e nis mun cuairt do ʼn deicheamh uair.

40 Agus bʼ e Aindris brathair Shimoin Pheadair a h-aon de ʼn dithis, a chuala so bho Eoin, ʼsa lean e.

41 Fhuair esan an toiseach a bhrathair Simon, us thuirt e ris: Fhuair sinn am Messias (se sin air eadar-theangachadh Criosta).

42 Agus thug e gu Iosa e. Us Iosa a sealltuinn air, thuirt e: Is tusa Simon mac Iona: theirear Cephas riut, se sin air eadar-theangachadh, Peadar.

43 Air an latha an deigh sin bʼ aill leis dol do Ghalile, us fhuair e Philip. Us thuirt Iosa ris: Lean mise.

44 A nis bha Philip bho Bhethsaida, baile Aindris agus Pheadair.

45 Fhuair Philip Nathanael, us thuirt e ris: Fhuair sinn esan mun do sgriobh Maois anns an lagh, agus na faidhean, Iosa mac Ioseph bho Nasareth.

46 Us thuirt Nathanael ris: An urrainn do ni math air bith tighinn á Nasareth? Thuirt Philip ris: Thig, us faic.

47 Chunnaic Iosa Nathanael a tighinn ga ionnsuidh, agus thuirt e mu dheidhinn: Seall fior Isralach, anns nach eil dad a dhʼ fhoill.

48 Thuirt Nathanael ris: Ciamar is aithne dhut mi? Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Mun do ghairm Philip thu, nuair bha thu fo ʼn chrann-fhige, chunnaic mi thu.

49 Fhreagair Nathanael, us thuirt e: A Rabbi, is tu Mac De, is tu righ Israil.

50 Fhreagair Iosa us thuirt e ris: A chionn gun tuirt mi riut, chunnaic mi thu fo ʼn chrann-fhige, tha thu creidsinn: chi thu nichean nas mua na iad sin.

51 Us thuirt e ris: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh, gum faic sibh neamh fosgailte, agus ainglean De a direadh ʼsa tearnadh air Mac an duine.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan