Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


IX. CAIB. Bha iobairtean an lagha fada air deireadh air iobairt Chriosta.

1 A nis bha a rireadh aig a chiad aon reachdan aoraidh, agus Ionad-naomh saoghalta.

2 Oir rinneadh paillion an toiseach, anns an robh na coinnleirean, ʼsam bord, agus na builionnan tairgse, ris an abrar Naomh.

3 ʼS air cul an ath chuirtein bha a phaillion, ris an abrar an t-Ionad is ro-Naomh,

4 Far an robh tuiseir òir, agus àirc an tiomnaidh air a comhdachadh uile gu leir mun cuairt le òr, anns an robh poit òir agus am manna innte, agus slat Aaroin a thainig fo bhlath, agus clair an tiomnaidh;

5 Agus thairis oirre bha cherubim na gloire, a dianamh sgàile do chathair-na-trocaire, air nach ruigear a leas labhairt an drasda gu mion.

6 A nis air do na nichean so a bhith an ordugh mar so, chaidh na sagairt gu dearbh a stigh daonnan do ʼn chiad phaillinn, gu driachd nan iobairt a choimhlionadh.

7 Ach do ʼn ath phaillinn an t-ard-shagart ʼna aonar aon uair sa bhliadhna, cha n-ann gun fhuil, gus a tairgse air son ʼaineolais fhein agus aineolas a phobuill:

8 An Spiorad Naomh a ciallachadh le so, nach robh an rathad thun an Ionaid-naoimh air a dhianamh fhathast soilleir, fhad ʼsa bhiodh a chiad phaillion air a bonn:

9 Ni tha ʼna shamhla air an àm tha nis a lathair: anns am beil tiodhlaicean us iobairtean ga ʼn tairgse suas, nach urrainn a chogais-san, a tha ga ʼn tairgse, a dhianamh coimhlionta, ʼs nach eil ach ʼnam biadhan ʼs ʼnan deochan,

10 Agus caochla ionnlaidean, us leasachadh na feola, a chuireadh orra gu àm a cheartachaidh.

11 Ach air tighinn do Chriosta, ard-shagart nan nichean matha ri tighinn, tromh phaillinn nas mua agus nas coimhlionta, nach dʼ rinneadh le lamhan, se sin, nach eil de ʼn chruthachadh so,

12 Cha mhua ʼsann le fuil ghobhar no laogh, ach le fhuil fhein, a chaidh e aon uair a stigh do ʼn Ionad-naomh, air dha saoradh siorruidh a chosnadh.

13 Oir ma tha fuil ghobhar us dhamh, agus crathadh luath aighe a naomhachadh sluaigh a tha salach, gu glanadh na feola:

14 Nach mor nas mua ni fuil Chriosta, a thairg e fhein gun smal tromh ʼn Spiorad Naomh do Dhia, ar cogais a ghlanadh bho oibrichean marbha, gu seirbhis a dhianamh do ʼn Dia bheo!

15 Agus le sin is eadar-mhiadhonair an tiomnaidh nuaidh e, los le brigh a bhàis gu saoradh bho na ciontan sin a bha fo ʼn chiad thiomnadh, gum faigheadh iadsan, a tha air an gairm, gealladh na h-oighreachd siorruidh.

16 Oir far a bheil tiomnadh, is fheudar bàs an tiomnadair a bhith ann:

17 Oir ʼsann an deigh am bàis a tha tiomnadh dhaoine daingeann: air sheol eile tha e gun fheum fhad ʼs is beo an tiomnadair.

18 A reir sin cha robh a chiad aon air a choisrigeadh gun fhuil.

19 Oir air do Mhaois a h-uile fainte de ʼn lagh a leughadh do ʼn t-sluagh uile, ghabh e fuil laogh, us ghobhar comhla ri uisge, us cloimh sgarlaid, agus hisop, agus chrath e air an leabhar fhein, agus air an t-sluagh gu leir,

20 A g-radh: Si so fuil an tiomnaidh, a dhʼ orduich Dia dhuibh.

21 Mar an ciadna chrath e an fhuil cuideachd air a phaillinn, ʼs air saghaichean an fhrithealaidh gu leir.

22 Agus a reir an lagha, is beag nach ann le fuil a tha h-uile ni air a ghlanadh; agus gun dortadh fala cha n-eil fuasgladh.

23 Uime sin feumaidh samplairean nichean neamhaidh a bhith air an glanadh leo sin: ach nichean neamhaidh fhein le iobairtean nas fhearr na iad sin.

24 Oir cha n-ann do Ionad-naomh diante le lamhan, a chaidh Iosa stigh, samplair air an fhior Ionad-naomh: ach do neamh fhein, los gun seas e nis an lathair Dhe air ar son-ne:

25 Cha mhua ʼsann gus e e fhein a thairgse gu tric, mar a tha an t-ard-shagart a dol a stigh gach bliadhna do ʼn Ionad-naomh le fuil nach leis fhein:

26 Air chaochla càs dhʼ fheumadh e bhith air fulang gu tric bho thùs an t-saoghail: ach a nis an deireadh linntean nochd e e fhein aon uair, gus am peacadh a sgrios le e fhein iobradh.

27 Agus ceart mar a tha e air orduchadh, gum faigh daoine bàs aon uair, ʼs an deigh sin am breitheanas:

28 Mar sin cuideachd chaidh Criosta thairgse suas aon uair gu peacannan morain a ghlanadh air falbh: an ath uair gun pheacannan fiachaidh e e fhein dhaibh-san, a tha an duil ris, gu sabhaladh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan