Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 8 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VIII. CAIB. Tuilleadh mu fheobhas sagartachd Chriota, agus an tiomnaidh nuaidh.

1 A nis se so suim nan nichean air na labhair sinn: Tha ard-shagart mar so againn, a tha ʼna shuidhe air deas laimh cathair na moralachd ann am flathanas,

2 Fear-freasdail nan Ionad Naomh, agus na fior-phaillinn a shuidhich an Tighearna, ʼs cha duine.

3 Oir tha h-uile ard-shagart air orduchadh gu tobhartasan us iobairtean a thairgse suas: bho sin is fheudar ni-eigin a bhith aige-san cuideachd gus a thairgse suas.

4 Nam biodh e ma ta air talamh, cha bhiodh e ʼna shagart: bhon a bhiodh feadhainn eile ann gu tobhartasan a thairgse suas a reir an lagha,

5 A tha seirbhiseachadh a reir samhuilt ʼsa reir faileas nan nichean neamhaidh: Mar a chaidh fhreagairt do Mhaois nuair bha e criochnachadh na paillinn: Faic (os esan) gun dian thu a h-uile ni ris an t-samhuilt, a dhʼ fhiachadh dhut air a bheinn.

6 Ach a nis fhuair e ministreileachd nas fhearr, leis gum beil e ʼna eadar-mhiadhonair cuideachd air tiomnadh nas fhearr, a chaidh a steidheachadh air gealltanasan nas fhearr.

7 Oir nam biodh a chiad aon sin gun ghiomh, cha nʼ iarrteadh aite gu dearbh do ʼn ath aon.

8 Oir a faighinn croin daibh, tha e g-radh: Seall, thig na laithean, os an Tighearna: agus coimhlionaidh mi ri tigh Israil, ʼs ri tigh Iuda tiomnadh nuadh,

9 Cha n-ann a reir an tiomnaidh a rinn mi dha ʼn aithrichean, air an latha a rug mi air laimh orra, gus an toirt a mach á talamh na h-Eiphit: a chionn nach do lean iadsan ri mʼ thiomnadh; ʼs cha robh omhail agam dhaibh, os an Tighearna:

10 Chionn se so an tiomnadh a ni mi do thigh Israil, an deigh nan laithean sin, os an Tighearna: Cuiridh mi mo laghan ʼnan inntinn, us sgriobhaidh mi iad air an crìdhe; agus bithidh mise na mʼ Dhia dhaibh, agus bithidh iadsan ʼnam pobull dhomhsa;

11 Agus cha theagaisg gach aon a choimhearsnach, ʼs gach aon a bhrathair, a g-radh: Biodh eolas agad air an Tighearna: chionn bithidh eolas aca uile ormsa bho ʼn aon is lugha dhiu gus an t-aon is mua:

12 Chionn bithidh mi trocaireach ri ʼn drochbheartan, ʼs am peacannan cha chuimhnich mi tuille.

13 A nis le aon ùr a radh, rinn e a chiad aon sean. A nis an ni tha dol á cleachdadh agus a fàs sean, tha e teann air teireachduinn.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan