Eabhraidhich 7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VII. CAIB. Tha sagartachd Chriosta, a tha a reir ordugh Mhelchisedeic, a toirt barrachd air sagartachd nan Lebhiteach, ʼs ga cur air chul comhla ris an lagh. 1 A nis bʼ e Melchisedec so, righ Shaleim, sagart Dhe, an Tì is airde, a choinnich Abraham, ʼs e tilleadh bho àr nan righrean, agus a bheannaich e; 2 Dha ʼn do roinn Abraham deicheamh de gach ni: is esan an toiseach gu dearbh le eadar-theangachadh righ a cheartais, ʼsa rithist righ Shaleim, se sin, righ na sithe, 3 Gun athair, gun mhathair, gun shinnsearachd, gun thùs laithean, ʼs gun dheireadh saoghail, ach coltach ri Mac Dhe mairidh e ʼna shagart a chaoidh. 4 Beachdaichibh a nis air cho mor ʼsa tha an duine so, dha ʼn tug Abraham fhein, an t-ard-athair, deicheamh de na nichean a bʼaraide. 5 A nis gu dearbh tha, aig a chuid sin de mhic Lebhi a tha faighinn na sagartachd, àithne deicheamh a thogail bho ʼn phobull a reir an lagha, se sin, bho ʼm braithrean fhein, ged a thainig iadsan cuideachd á leasraidh Abrahaim. 6 Ach esan, nach eil air a shloinneadh ʼnam measg-san, thog e deicheamh bho Abraham, agus bheannaich e esan aig an robh na gealltanasan. 7 Agus gun ag air bith beannaichear na tha nas lugha le sin a tha nas fhearr. 8 Agus an so gu dearbh tha daoine bàsmhor a faighinn dheicheamh: ach an sid tha fianuis aige, gum beil e beo. 9 Agus (mar a dhʼ fhaodar a radh) Lebhi fhein a fhuair an deicheamh, thogadh deicheamh bhuaithe ann an Abraham: 10 Oir bha e fhathast an leasraidh ʼathar, nuair a choinnich Melchisedec e. 11 Ma bha coimhliontachd ma ta ri faighinn leis an t-sagartachd lebhiteach (oir ʼsann foipe a fhuair am pobull an lagh), ciod am feum tuilleadh air sagart eile eirigh a reir ordugh Mhelchisedeic, ʼs nach biodh air a ghairm a reir ordugh Aaroin? 12 Oir air do ʼn t-sagartachd a bhith air a h-atharrachadh, is fheudar gun atharraichear cuideachd an lagh. 13 Oir esan, mu bheil iad so air an labhairt, ʼsann de threibh eile e, dhe nach do fhritheil gin aig an altair: 14 Oir tha e soilleir gur h-ann bho Iuda, a thainig ar Tighearna, treibh air nach tug Maois dad a dhʼ iomradh mu shagairt. 15 Agus tha e nas soilleire fhathast: ma dhʼ eireas sagart eile a reir coltas Mhelchisedeic, 16 Nach dʼ rinneadh a reir lagh fainte feolmhoire, ach a reir cumhachd beatha mairionnaich: 17 Oir tha e toirt teisteanais: Gum beil thu na dʼ shagart gu brath a reir ordugh Mhelchisedeic. 18 Thathas gu dearbh a cur na ciad fhainte air chul, as leth a laigse agus a neo-thairbhe: 19 Oir cha tug an lagh ni air bith gu coimhliontachd: ach thug e a dhʼ ionnsuidh dochais nas fhearr, leis an tarruinn sinn teann air Dia. 20 Agus a mhiad ʼs nach eil e gun mhionn (oir gu dearbh rinneadh càch ʼnan sagairt gun mhionn: 21 Ach e so le mionn leis-san, a thuirt ris: Mhionnaich an Tighearna, ʼs cha ghabh e aithreachas: tha thu na dʼ shagart gu brath;) 22 Air cheart urad rinneadh Iosa ʼna urras air tiomnadh nas fhearr. 23 Agus de chàch gu dearbh rinneadh moran shagart, a bhrigh nach do leigeadh leo leis a bhàs a bhith buan: 24 Ach aige-san, leis gum mair e a chaoidh, tha sagartachd shiorruidh. 25 Le sin tha e ʼna chomas daonnan iadsan a shabhaladh, a thig gu Dia leis, ʼs e beo an comhnuidh gu eadar-ghuidh a dhianamh air ar son. 26 Oir bha e riatanach gum biodh a leithid so againn de dhʼ ard-shagart, naomh, neochiontach, neo-thruaillidh, tearbte bho pheacaich, agus diante nas airde na na neamhan: 27 Nach ruig a leas a h-uile latha (mar shagairt eile), iobairtean a thairgse suas an toiseach air son a pheacannan fhein, a rithist air son peacannan a phobuill: oir rinn e so aon uair, le e fhein a thairgse suas. 28 Oir tha an lagh a dianamh shagart de dhaoine, a tha buailteach do laigse: ach rinn facal a mhionna, a tha an deigh an lagha, am Mac coimhlionta gu siorruidh. |