Eabhraidhich 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VI. CAIB. Tha e fiachuinn cunnart bristeadh a mach bho ʼn chreidcamh; agus gan comhairleachadh gu faighidin, ʼs gu buan-sheasamh. 1 Air an aobhar sin a leigeil seachad ciad-thoiseach teagasg Chriosta, gabhamaid air ar n-adhart gu nichean nas coimhlionta, gun a bhith a rithist a leagadh steidh an aithreachais bho oibrichean marbha, agus creidimh a thaobh Dhe, 2 Teagasg nam baisteadh, us leagadh lamhan, ʼs aiseirigh nam marbh, agus a bhreitheanais shiorruidh. 3 Agus ni sinn so, ma leigeas Dia sin leinn. 4 Oir is ni nach gabh dianamh, iadsan, a chaidh aon uair a shoilleireachadh, ʼsa bhlais a ghibht fhlathasach, ʼsa ghlac an Spiorad Naomh, 5 ʼSa bhlais cuideachd facal math Dhe, agus feartan an t-saoghail ri tighinn, 6 ʼSa thuit air falbh, ùrachadh a rithist gu aithreachas, iad a ceusadh dhaibh fhein a rithist Mhic Dhe, ʼsa dianamh ball-fanaid dheth. 7 Oir an talamh a shughas na frasan lionor, a tha tighinn air, ʼsa bheir a mach luibhean iomchuidh dhaibh-san, a tha ga aiteachadh, gheobh e beannachd bho Dhia: 8 Ach sin a bheir a mach dreigheann us sgitheach, tha e daobhaidh, ʼs gle theann air mollachd; dha ʼn deireadh a losgadh. 9 Ach, a mhuinntir mo mhor ghraidh, tha sinn earbsach á nichean nas fhearr bhuaibhse, agus nas tinne air sabhaladh, ged tha sinn a labhairt mar so. 10 Oir cha n-eil Dia mi-cheart, an rathad ʼs gun leig e an diochuimhne ur dianadas, ʼs an gaol a dhʼ fhiach sibh ʼna ainm, sibhse a fhritheil, ʼsa tha frithealadh do na naoimh. 11 Agus se ar toil, gum fiach gach aon agaibh an eud ciadna gu coimhlionadh an dochais thun na criche; 12 Gus nach fhàs sibh leisg, ach ʼnur luchd-leanmhuinn orrasan, a bhitheas le creideamh ʼs le faighidin ʼnan oighreachan air na gealltanasan. 13 Oir Dia, a toirt a ghealltanais do. Abraham, bho nach robh a h-aon sam bith aige bu mhua, air am mionnaicheadh e, mhionnaich e air fhein, 14 A g-radh: A beannachadh mur beannaich mi thu, ʼsa lionsgaradh mur lionsgair mi thu. 15 Agus mar sin, le feitheamh gu faighidneach, choisinn e an gealltanas. 16 Oir ʼsann air fear nas mua na iad fhein a bheir daoine mionnan; agus mar dhaingneachadh, se mionn crioch gach deaspuid aca. 17 Uime sin Dia, an geall air neo-chaochlaideachd a bheachd fhiachuinn na bu lan-phailte do oighreachan a ghealltanais, mhionnaich e: 18 A los, tromh dhà ni neo-chaochlaideach, leis nach urrainn gun dian Dia briag, gum bi an fhurtachd is treasa againne, a tha ruith fo dhion gu greim a dhianamh air an dochas a chuireadh romhainn, 19 A thʼ againn mar acair an anma, cinnteach agus daingeann, ʼsa tha gabhail gu taobh stigh an sgàilein, 20 Far an deach Iosa an roimh-theachdair a stigh air ar son, a rinneadh ʼna ard-shagart gu siorruidh a reir ordugh Mhelchisedeic, |