Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 5 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


V. CAIB. Driachd ard-shagairt: se Criosta ar n-ard-shagart.

1 Oir tha h-uile ard-shagart air a thoirt á measg dhaoine, agus air orduchadh air son dhaoine anns na nichean a tha a thaobh Dhe, gu tobhartasan agus iobairtean a thairgse suas air son pheacannan:

2 Aʼs urrainn truas a ghabhail riusan a tha aineolach agus air seachran: a chionn gum beil e fhein cuideachd air a chuairteachadh le laigse:

3 Agus le sin is còir dha, ceart mar air son a phobuill, amhuil cuideachd air a shon fhein tairgseadh suas air son pheacannan.

4 Cha mhua tha duine air bith a gabhail na h-onaire so dha fhein, ach esan a tha air a ghairm le Dia, mar a bha Aaron.

5 Mar sin cuideachd cha do ghloraich Criosta e fhein gu bhith air a dhianamh ʼna ard-shagart, ach esan a thuirt ris: Is tu mo Mhac, an diugh ghin mi thu.

6 Mar a tha e g-radh cuideachd an aite eile: Tha thu na dʼ shagart gu brath a reir ordugh Mhelchisedeic.

7 Neach ann an laithean a fheola, a cur suas urnaighean agus achanaich le cruaidh ghaoir, ʼs le deoir ris-san, a bha comasach air a thearnadh bho ʼn bhàs, fhuair e eisdeachd as leth a mhor mhodh.

8 Agus bhon a bʼ e ga rireamh Mac Dhe, dhʼ fhaghluim e umhlachd bho na nichean a dhʼ fhuilig e;

9 ʼS an deigh dha criochnachadh, bha e ʼna aobhar sabhalaidh shiorruidh dhaibh-san uile, a tha umhailt dha,

10 Air a ghairm le Dia ʼna ard-shagart a reir ordugh Mhelchisedeic.

11 Mu bheil moran againn ri radh, agus tha e duilich ri innse ann an cainnt a thuigear: a chionn ʼ s gun dʼ fhas sibh lag gu eisdeachd.

12 Oir ged bu chòir dhuibh a bhith a thaobh an ama ʼnur maighistirean, ʼsann tha feum agaibh air ur teagasg a rithist, ciod iad ciad phongan facail Dhe; ʼs gun dʼ fhàs sibh ʼnur sluagh aig a bheil feum air bainne, ʼs cha n-ann air biadh laidir.

13 Oir tha, a h-uile h-aon a tha gabhail bainne, aineolach air facal a cheartais: oir is naoidhean e.

14 Ach tha biadh laidir air son dhaoine coimhlionta, aig a bheil an ceudan, le neart cleachdaidh, ionnsuichte ri math us olc a dhealachadh bho cheile.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan