Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 4 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


IV. CAIB. Fois a chriostaidh: tha againn ri tighinn ga h-ionnsuidh tromh Iosa Criosta.

1 Bithemid fo fhiamh ma ta, air eagal, le gealltanas dol a stigh gu fhois a threigsinn, gun saoilear gum biodh a h-aon air bith agaibh a dhʼ easbhuidh.

2 Oir chaidh a shoisgeulachadh dhuinne, ceart mar dhaibh-san: cha dʼ rinn am facal a chualas stà dhaibh-san, a bhrigh nach robh e air a mheasgachadh le creideamh leo-san a chuala e,

3 Ach theid sinn a chreid a stigh gu fois; mar a thuirt e: Mar a mhionnaich mi na mʼ fheirg: Ma theid iad a stigh dha mʼ fhois; agus so gu dearbh nuair a bha oibrichean cruthachudh an t-saoghail air an criochnachadh.

4 Oir an aite araid labhair e mar so mu ʼn t-seachdamh latha: Agus ghabh Dia tamh air an t-seachdamh latha bho ʼoibrichean uile.

5 Us anns an aite so rithist: Ma theid iad a stigh dha mʼ fhois.

6 A faicinn ma ta gum beil cuid ri dol a stigh innte, ʼs nach deach iadsan, dha ʼn do theagaisgeadh i an toiseach, a stigh innte le cion creidimh:

7 A rithist tha e comharrachadh a mach latha araid, ʼs e cantuinn ann an Dài, An diugh, an deigh uine cho fada mar a dhʼ innseadh a cheana: An diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan.

8 Oir nam biodh Iosue air fois a thoirt dhaibh, cha labhradh e idir an deigh sin mu latha eile.

9 Le sin tha la, tha foise a feitheamh air pobull De.

10 Oir esan a chaidh a stigh gu fhois, ghabh e tamh bho ʼoibrichean, ceart mar a ghabh Dia bho oibrichean fhein.

11 Greasamaid oirnn ma ta gu dol a stigh do ʼn fhois sin: air eagal gun tuit neach air bith ann an samhladh a mhi-chreidimh chiadna.

12 Oir tha facal De beo us feartach, ʼs nas druidhtiche na claidheamh dà fhaobharach air bith, ʼsa ruighinn gu sgaradh an anma ʼs an spioraid, nan alt cuideachd ʼs an smeara, agus a leirsinn smaointean us run a chridhe.

13 Agus cha mhua tha creutair sa bith am falach air a shealladh: ach tha h-uile ni lom us nochd fo shuilean an tì air a bheil sinn a labhairt.

14 Uime sin, bho na tha ard-shagart mor againn, a chaidh a stigh do fhlathanas, Iosa Mac Dhe, cumamaid gu daingeann ar n-aideachadh.

15 Oir cha n-eil ard-shagart againn, dha nach urrainn truas a ghabhail ri ar laigsichean: ach a h-aon a bhuaireadh anns gach ni coltach ruinn fhein, saor bho pheacadh.

16 Gabhamaid ma ta le earbsa gu cathair nan gras, los gun ruig sinn air trocair, ʼs gum faigh sinn grasan gu comhnadh trathail.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan