Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. Tha Criosta nas urramaiche na Maois; le sin is còir dhuinn leanailt ris le creideamh ʼs le umhlachd.

1 Air an aobhar sin, a bhraithrean naomha, aig am beil comh-phairt anns a ghairm fhlathasaich, gabhaibh beachd air ostal ʼs ard-shagart ar n-aideachaidh, Iosa:

2 A tha dileas dhasan a rinn e, mar a bha Maois fhein ʼna thigh uile.

3 Oir mheasadh e so ʼna airidh air tuille gloire na Maois, a reir ʼs mar is fhiach esan, a thog an tigh, barrachd onaire na an tigh fhein.

4 Oir tha h-uile tigh air a thogail le fear no fear: ach esan a chruthaich a h-uile ni, se Dia.

5 Agus bha Maois gu dearbh dileas ʼna thigh uile mar sheirbhiseach, gu teisteanas a thoirt air na bha ri ʼn labhairt:

6 Ach bha Criosta mar mhac ʼna thigh fhein: agus is sinne an tigh sin, ma chumas sinn gu teann earbsa agus gloir an dochais gus a chrioch.

7 Uime sin mar tha an Spiorad Naomh a g-radh: An diugh ma chluinneas sibh a ghuth,

8 Na cruadhaichibh ur cridheachan mar anns an fheargachadh, ann an latha a bhuairidh san fhasach,

9 Far na bhuair ur n-aithrichean mi: dhearbh us chunnaic iad mo ghniomhan.

10 Fad dafhichead bliadhna: as leth sin bha diumb agam ris a ghinealach so, us thuirt mi: Tha iad daonnan air seachran ʼnan cridhe. Agus mo rathnidean-sa cha bʼ aithne dhaibh,

11 Mar a mhionnaich mi na mʼ fheirg: Ma theid iad a stigh dha mʼ fhois.

12 Seallaibh, a bhraithrean, air eagal ma dhʼ fhaoidte gum bi droch cridhe a mhi-chreidimh ann am fear no fear agaibh, gus an Dia beo a threigsinn:

13 Ach brosnaichibh gach a cheile a h-uile latha, fhad ʼsa theirear An diugh ris, gus nach cruadhaichear gin dhibh le mealltaireachd a pheacaidh.

14 Oir rinneadh comh-phairtiche Chriosta dhinn: ach ʼsann, ma se ʼs gun gleidh sinn toiseach a shusbuinn gu daingeann gus a chrioch.

15 Am feadh a theirear: An diugh ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan, amhuil mar san fheargachadh sin.

16 Oir chuir cuid a chuala fearg air; ach cha dʼ rinn iad uile so, a thainig a mach as an Eiphit le Maois.

17 Ach co ris a bha dhiumb fad dàfhichead bliadhna? Nach ann riusan a pheacaich, ʼs dha na laidh an closaichean san fhasach?

18 Agus co dha ʼn do mhionnaich e nach rachadh iad a stigh gu fhois, ach dhaibh-san a bha mi-chreideach?

19 ʼS tha sinn a faicinn, nach bʼ urrainn daibh dol a stigh, as leth am mi-chreidimh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan