Eabhraidhich 13 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIII. CAIB. Tha e toirt ioma comhairle agus brosnachaidh dhaibh. 1 Fanadh carrantachd bhraithreil unnaibh. 2 ʼS na diochuimhnichibh aoidheachd: oir, gun fhios daibh, rinn cuid leatha so fialachd ri ainglean. 3 Cuimhnichibh iadsan, a tha an cuibhrichean, mar gum biodh sibh fhein an cuibhrichean maille riu; agus iadsan a tha an airc, mar a tha sibh fhein sa choluinn. 4 Tha am posadh urramach anns gach uile, agus an leaba neo-thruaillidh. Oir air luchd striopachais agus adhaltrais bheir Dia breth. 5 Biodh ur beusan gun sannt, bithibh toilichte leis na thʼ agaibh: oir thuirt esan: Cha n-fhag mi thu, agus cha treig. 6 Air chor ʼs gum faod sinn a radh gu misneachail: Se an Tighearna mʼ fhear-cuideachaidh: cha ghabh mi eagal á ciod a ni duine orm. 7 Cuimhnichibh ur luchd-eaglais, a labhair facal De ribh: leanaibh an creideamh, a beachdachadh air crich an caithe-beatha. 8 Iosa Criosta tha an dé, agus an diugh, tha agus gu siorruidh. 9 Na bithibh air ur tarruinn air falbh le teagasgan coimheach ʼs de chaochla seorsa. Oir se is fhearr an cridhe neartachadh le grasan, agus cha n-ann le biadhan, nach dʼ rinn tairbhe dhaibhsʼ a bha gan cleachdadh. 10 Tha altair againn, dhe nach eil comas aca-san icheadh, a tha an seirbhis na paillinn. 11 Oir tha cuirp nan ainmhidhean sin, aig a bheil am fuil air a toirt a stigh do ʼn Ionad-naomh leis an ard-shagart as leth peacaidh, air an losgadh taobh-mach a champa. 12 Air an aobhar sin Iosa mar an ciadna, gus am pobull a naomhachadh le fhuil fhein, dhʼ fhuilig e air taobh-mach a gheata. 13 Rachamaid a mach ma ta ga ionnsuidh gu taobh-mach a champa, a giulan a mhaslaidh-san. 14 Oir cha n-eil baile buan againn an so, ach tha sinn a sireadh aon a tha ri tighinn. 15 Troimh-san ma ta tairgemid daonnan suas do Dhia iobairt mholaidh, se sin, toradh bhilean a tha g-aideachadh ʼainme. 16 Ach na diochuimhnichibh math a dhianamh, us buileachadh air a cheile: oir le iobairtean mar so coisnear deagh thoil Dhe. 17 Bithibh umhailt dha ʼr pearsachan-eaglais, us bithibh striochdte dhaibh. Oir tha iadsan ri faire mar dhaoine aig a bheil cunntas ri thoirt air ur n-anmannan, los gun dian iad so le sòlas, ʼs cha n-ann le bròn: oir cha n-eil so freagrach dhuibh. 18 Guidhibh air ar son-ne: oir tha sinn a g-earbsa gum beil deagh chogais againn, us sinn an rùn sinn fhein a ghiulan gu math anns a h-uile ni. 19 Agus tha mi guidhe nas mua oirbh so a dhianamh, los gun toirear air ais mi h-ugaibh nas luaithe. 20 ʼS gum bʼ e Dia na sithe, a thog bho na mairbh a rithist buachaill mor nan caorach, ar Tighearna Iosa Criosta, ann am fuil an tiomnaidh shiorruidh, 21 A dhʼ uidheamaicheas sibh gus a h-uile math, los gun dian sibh a thoil: e fhein a g-oibreachadh unnaibh na tha taitneach ʼna lathair tromh Iosa Criosta, dha bheil gloir fad linn nan linn, Amen. 22 Agus tha mi guidhe oirbh, a bhraithrean, gun cuir sibh suas leis an fhacal shòlasach so. Oir sgriobh mi h-ugaibh am beagan bhriathran. 23 Biodh fios agaibh gum beil ar brathair, Timoti, air faighinn saorsuinn: comhla ris-san (ma thig e gu h-aithghearr) chi mi sibh. 24 Cuiribh fàilt air ur pearsachan-eaglais uile, ʼs air na naoimh uile. Tha na braithrean bho ʼn Eadailt a cur bheannachdan gu ʼr n-ionnsuidh. 25 Grasan gun robh maille ribh uile. Amen. |