Eabhraidhich 12 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XII. CAIB. Tha e gam brosnachadh gu faighidin fo chroisean: am mor chunnart droch bhuil a thoirt á grasan an tiomnaidh nuaidh. 1 Agus le sin bho na tha nial cho mor de dhʼ fhianuisean air ar cul, le cur dhinn a h-uile cudthruim agus peacaidh a tha ʼnar lorg, ruithemid le faighidin thun a chatha, a chuireadh romhainn: 2 A coimhead air Iosa, ughdair us fear-criochnachaidh a chreidimh, a dhʼ fhuilig a cheusadh air sgàth an t-sòlais a chuireadh roimhe, a dianamh diù de mhasladh, ʼsa tha nis ʼna shuidhe air deas laimh cathair Dhe. 3 Oir meòraichibh gu dichiollach air-san, a dhʼ fhuilig a leithid so de dhiachuinn bho pheacaich ʼna aghaidh fhein; chum nach gabh sibhse sgios, a fannachadh ʼnur n-inntinn. 4 Oir cha do chath sibh fhathast gu fuil, a stri an aghaidh a pheacaidh: 5 Oir leig sibh an diochuimhne an toil-inntinn, a tha labhairt ribh mar ri cloinn, a g-radh: A mhic, na leig á faire oilean an Tighearna; ʼs na gabh sgios nuair a chronaichear thu leis. 6 Oir an neach is toigh leis an Tighearna, smachdaichidh e e: agus sgiursaidh e a h-uile mac ris an gabh e. 7 Seasaibh buan fo smachdachadh. Tha Dia buntuinn ribh mar ri mic: oir co am mac nach cronaich an t-athair? 8 Ach ma tha sibhse gun smachdachadh, dheth bheil roinn aig a h-uile duine, is clann dhiolain sibh, ʼs cha mhic. 9 A bharrachd air sin bha aithrichean againn a thaobh na feola mar luchd-ionnsachaidh, ʼs thug sinn athadh dhaibh: nach mor nas mua na sin tha againn ri bhith umhail do Athair nan spiorad, ʼsa bhith beo? 10 Agus gu dearbh theagaisg iadsan sinn car beagan laithean a reir an toil fhein: ach esan gus ur buannachd, los sinn a dhʼ fhaighinn a naomhachd. 11 Tha h-uile smachdachadh an drasda gu dearbh cha n-ann ʼna chuis aighir, ach ʼna chuis bhròin: ach an deigh so bheir e dhaibh-san, a bhios air am fiachuinn leis, toradh ro shitheil a cheartais. 12 Uime sin togaibh suas na lamhan a thʼ air failneachadh, ʼs na gluinean laga, 13 Us dianaibh ceuman direach le ʼr casan; los nach teid a h-aon air bith as an rathad le crubaiche, ach an aite sin gum bi e air a leigheas. 14 Leanaibh sith ri daoine uile, us naomhachd, oir as a h-aonais cha n-fhaic duine sa bith Dia: 15 A beachdachadh gu dichiollach, nach bi duine air bith an deigh laimh air grasan Dhe; air eagal friamh air bith de sheirbhe a dhʼ fhas suas gu éis a chur, ʼs gum bi moran air an truailleadh leatha; 16 Air eagal fear-striopachais air bith a bhith ann, no duine neo-choisrigte, mar Esau, a reic air son aon thrath bìdh còir a chiad-bhreith: 17 ʼS biodh fios agaibh, nuair, an deigh sin, a bʼ aill leis a bhith ʼna oighre air a bheannachd, gun do dhiultadh e: oir cha dʼ fhuair ʼaithreachas eisdeachd, ged a shir e le deoir e. 18 Oir cha tainig sibh gu beinn dha ʼm faoidteadh beantuinn, ʼs gu teine loisgeach, gu cuairt-ghaoith, gu dorchadas, ʼs gu doininn, 19 ʼS gu fuaim trombaide, agus gu guth fhacal, a thug air an fheadhainn a chuala an leisgeul a ghabhail, nach labhairteadh am facal riu-san. 20 Oir chabʼ urrainn daibh an ni a labhradh a ghiulan: Us ma bheanas ainmhidh doʼ n bheinn, clachar e. 21 Agus le cho fuathasach ʼsa bha na chunnacas, thuirt Maois: Tha mi fo eagal ʼs air chrith. 22 Ach tha sibh air tighinn gu sliabh Shioin, ʼs gu baile an De bheo, Ierusalem neamhaidh, ʼs gu cuideachda ioma mile aingeal, 23 ʼS gu eaglais nan ciad-ghin, a tha sgriobhte air neamh, ʼs gu Dia britheamh nan uile, ʼs gu spioraid nan naomh air an dianamh coimhlionta, 24 ʼS gu Iosa Criosta eadar-mhiadhonair an tiomnaidh nuaidh, agus gu crathadh fala, a tha labhairt nas fhearr na fuil Abeil. 25 Faicibh nach diult sibh esan a tha labhairt. Oir mur do thàr iadsan as, a dhiult esan a labhair air talamh, ʼs mor nas lugha na sin a thàras sinne as, a tha tionndadh bhuaithe-san, a tha labhairt ruinn bho fhlathanas. 26 Bʼ e ghuth-san a chrath an talamh an trà sin: ach a tha nis a gealltuinn, a g-radh: Aon uair fhathast; us gluaisidh mi cha n-e mhain an talamh, ach neamh cuideachd. 27 ʼS le Aon uair fhathast a chantuinn, tha e ciallachadh na nichean gluasadach atharrachadh mar nichean diante, los gun seas buan na nichean neo-ghluasadach. 28 Uime sin le rioghachd neo-ghluasadach fhaighinn, tha grasan againn: dianamaid seirbhis leo, a toileachadh Dhe le fiamh, agus le athadh. 29 Oir is teine caithteach ar Dia-ne. |