Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 11 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XI. CAIB. Tha e fiachuinn ciod e creideamh: a thoradh ʼs a bhrigh mhiarailteach air an comhdach leis na h-aithrichcan.

1 A nis se creideamh bun nan nichean ris a bheil dochas, dearbhadh nan nichean nach fhaicear.

2 Oir ʼsann le so a fhuair na sinnsirean teisteanas.

3 Le creideamh tha sinn a tuigsinn, gun do chruthaicheadh an saoghal le facal De; los bho nichean nach fhaicear gun dianteadh nichean a chitear.

4 Le creideamh thairg Ahel suas iobairt do Dhia na bʼ urramaiche na thairg Cain, leis an dʼ fhuair e teisteanas gum bu duine ceart e, le Dia a thoirt teisteanais dha thobhartasan; agus le sin, ʼs e marbh, tha e labhairt fhathast.

5 Le creideamh dhʼ atharraicheadh Henoch, gus nach faiceadh e bàs, ʼs cha dʼ fhuaradh e: a chionn gun dʼ atharraich Dia e: oir roimh ʼatharrachadh bha teisteanas aige, gun do thoilich e Dia.

6 A nis gun chreideamh cha n-urrainnear Dia thoileachadh. Oir am fear a thig gu Dia, feumaidh e creidsinn gum beil Dia ann, ʼs gun toir e duais dhaibh-san, a tha an geall air fhein.

7 Le creideamh Noé, a faighinn rabhaidh mu nichean nach robh fhathast ri ʼm faicinn, ʼsa gabhail eagail, rinn e an àirc gu theaghlach a thearnadh, leis na dhit e an saoghal; us rinneadh ʼna oighre e air a cheartas, a tha tromh chreideamh.

8 Le creideamh bha esan, ris an abrar Abraham, umhailt gu falbh do aite, a bha e dol a dhʼ fhaighinn mar oighreachd; us dhʼ fhalbh e gun fhios càite an robh e dol.

9 Le creideamh thuinich e ann an talamh a ghealltanais, mar ann an duthaich choigrich, a tamham bothain maille ri Isaac us Iacob, co-oighreachan a gheallaidh chiadna.

10 Oir bha suil aige ri baile aig a bheil steidhean: air a bheil Dia ʼna dhealbhadair ʼs ʼna fhear-togail.

11 Le creideamh fhuair Sara fhein, ʼs i neo-thorrach, comas gu sliochd a bhith aice ged a bha i thar aois chloinne: chionn gun do chreid i gun robh esan, a bha air gealltuinn, firinneach.

12 As leth sin chinnich bho h-aon (agus esan ionann us marbh) mar reultan an athair an lionmhorachd, ʼs mar ghaineamh traigh na mara gun aireamh.

13 Fhuair iad sin uile bàs ann an creideamh, gun ruighinn air na gealltanasan, ach gam faicinn fad as, ʼs gam fàilteachadh, ʼsa g-aideachadh gur luchd-cuairt agus coigrich iad air talamh.

14 Oir tha iadsan, a tha labhairt nan nichean so, a ciallachadh gum beil iad a sireadh ducha.

15 ʼS gu dearbh nam biodh iad air cuimhneachadh air an aite as an tainig iad, gun teagamh bha uine aca gu tilleadh.

16 Ach a nis tha iad a rùnachadh ducha nas fhearr, se sin, duthaich air neamh. Leis a sin cha nàire le Dia an Dia-san a radh ris: oir dhʼ uidheamaich e baile dhaibh.

17 Le creideamh, nuair chuireadh diachuinn air Abraham, thairg e suas Isaac, us esan, a fhuair na geallaidhnean, bha e gu aonghin mic a thairgse suas:

18 Ris an deach a radh: Ann an Isaac gairmear do shiol:

19 A smaoineachadh gum beil Dia comasach air togail, seadh fhein, bho na mairbh: bho ʼn dʼ fhuair e e cuideachd mar shamhladh.

20 Le creideamh cuideachd mu nichean ri tighinn, bheannaich Isaac Iacob agus Esau.

21 Le creideamh, ʼs e aig a bhàs, bheannaich Iacob gach fear de mhic Ioseiph, agus thug e aoradh do cheann a shlaite.

22 Le creideamh labhair Ioseph, ʼs e faighinn a bhàis, mu dhol a mach clann Israil, agus thug e ordugh mu chnaimhean.

23 Le creideamh chaidh Maois, nuair a rugadh e, a chleith tri miosan le pharantan, a chionn gum fac iad e ʼna leanabh briagh; ʼs cha do ghabh iad geilt roimh achd an righ.

24 Le creideamh dhʼ aicheadh Maois, nuair dhʼ fhas e mor, gum bʼ e mac nighean Pharao,

25 A gabhail mar raghainn a bhith fo anshocair comhla ri pobull De, seach toileachadh a pheacaidh a bhith aige car tamuill,

26 A meas masladh Chriosta ʼna bheartas nas mua na ionmhas nan Eiphiteach: oir bha suil aige ris an duais.

27 Le creideamh dhʼ fhag e an Eiphit gun eagal romh chorruich an righ: oir dhʼ fhuilig e mar gum bu leir dha esan nach fhaicear.

28 Le creideamh chum e a chàisg, agus dortadh fala; gus nach beanadh esan, a sgrios na ciadghin, dhaibh-san.

29 Le creideamh chaidh iad tromh ʼn mhuir ruaidh, mar air talamh tioram: agus shlugadh sios na h-Eiphitich, a thug ionnsuidh air an leanail.

30 Le creideamh thuit ballachan Iericho le an cuairteachadh seachd latha.

31 Le creideamh cha deach Rahab an striopach a sgrios maille ris na h-ana-creidich, bho na ghabh i ris an luchd-choimhid le sith.

32 Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir teirigidh uine domh a toirt iomraidh air Gedeon, Barac, Samson, Iephte, Dài, Samuel, agus air na faidhean:

33 A bhuadhaich air rioghachdan le creideamh, a rinn ceartas, a choisinn geallaidhnean, a dhuin beoil leomhan,

34 A mhùch aintheas teine, a chaidh as bho fhaobhar a chlaidhimh, a chinn laidir bho laigse, a dhʼ fhas treun an cath, a chuir armailtean nan coigreach an ruaig;

35 Fhuair mnathan am mairbh air an toirt beo rithist. Ach riaslaicheadh feadhainn eile gun saorsuinn a ghabhail, gus iad a ruighinn air aiseirigh nas fhearr.

36 Chaidh feadhainn fhiachuinn le fanaid, ʼs le sgiursadh, ʼsa bharrachd air sin le ceanglaichean agus le priosanan;

37 Bhathas gan clachadh, gan gearradh troimh, gam buaireadh, gan cur gu bàs leis a chlaidheamh, chaidh iad mun cuairt ann an craicinnean chaorach, an craicinnean ghobhar, ann an uireasuidh, an anradh, an cradh:

38 Bu daoine iad air nach bʼ airidh an saoghal; iad air allaban feadh fhasach, bheanntan, shloc, agus uamhannan an talmhuinn.

39 Agus ged a dhearbhadh iad so uile le teisteanas creidimh, cha do ghiac iad an gealltanas:

40 Dia a solaradh ni-eigin nas fhearr dhuinn, air chor ʼs nach biodh iad coimhlion as ar n-aonais.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan