Eabhraidhich 10 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875X. CAIB. A thaobh cion stà iobairtean an lagha, dhoirt Criosta, ar n-ard-shagart, fhuil fhein air ar son, a tairgse suas aon uair iobairt ar saorsuinn. Tha e ga ʼn comhairleachadh gu buan-sheasamh. 1 Oir leis an lagh a bhith ʼna fhaileas nan nichean math ri tighinn, ʼs cha n-ann ʼna fhior-choltas nan nichean fhein; oir na ceart iobairtean sin a thathas a cur suas gun tamh a h-uile bliadhna, cha n-urrainn daibh am feasd iadsan, a tha tighinn ga ʼn ionnsuidh, a dhianamh coimhlion: 2 Oir sa chàs sin rachadh sgur dhe bhith ga ʼn tairgse, a chionn nach biodh aig an luchd-aoraidh, a chaidh aon uair a ghlanadh, agartas peacaidh tuille: 3 Ach unntasan thathas a toirt cuimhne air am peacannan a h-uile bliadhna: 4 Oir cha n-urrainn e bhith gun tugteadh am peacadh air falbh le fuil dhamh us ghobhar. 5 Le sin tha e g-radh, ʼs e tighinn thun an t-saoghail: Iobairt agus tobhartas cha bʼ aill leat: ach dheasaich thu coluinn dhomh; 6 Iobairtean-uile-loisgte air son peacaidh cha do thaitinn riut. 7 An sin thuirt mi: Faic tha mi tighinn: an ceann an leabhair tha e sgriobhte umam: gun dianainn do thoil, a Dhia. 8 Le cantuinn roimh: Iobairtean, us tobhartasan, us tairgseachan uile-loisgte air son a pheacaidh, cha bʼ aill leat, cha mhua tha iad taitneach leat a thairgear a reir an lagha, 9 An sin thuirt mi: Faic tha mi tighinn gus do thoil a dhianamh, a Dhia: a chiad chuid tha e toirt air falbh, gus a chuid a leanas a shuidheachadh. 10 Leis an toil so tha sinn air ar naomhachadh tromh iobradh corp Iosa Criosta aon uair. 11 ʼS gu dearbh tha h-uile sagart ʼna sheasamh gach latha a frithealadh, ʼs tric a tairgse nan iobairtean ciadna, nach urrainn am feasd peacannan a thoirt air falbh: 12 Ach tha e so, le aon iobairt a thairgse suas air son pheacannan, ʼna shuidhe gu dilinn air deas laimh Dhe, 13 A so suas a feitheamh gus an dianar a naimhdean ʼnan stol-chas dha. 14 Oir le aon iobairt rinn e coimhlionta am feasd iadsan, a tha air an naomhachadh. 15 Agus tha an Spiorad Naomh cuideachd a toirt teisteanais dhuinn air so. Oir an deigh dha radh: 16 Se so an tiomnadh a ni mi dhaibh an deigh nan laithean sin, os an Tighearna, cuiridh mi mo laghan ʼnan cridheachan, agus air an inntinnean sgriobhaidh mi iad: 17 Agus am peacannan ʼs an ciontan cha chuimhnich mi nas fhaide. 18 A nis far am beil fuasgladh bhuapa sin, cha n-eil iobairt tuilleadh air son a pheacaidh. 19 Uime sin, a bhraithrean, le earbsa a bhith againn ri dol a stigh do ʼn Ionad-naomh tromh fhuil Chriosta, 20 Slighe ùr agus bheo, a choisrig e dhuinn tromh ʼn chuirtein, se sin ri radh, fheoil fhein, 21 Agus ard-shagart fos cionn tigh Dhe: 22 Thigemid faisg le cridhe firinneach ann an lanachd creidimh le ar cridheachan nighte bho dhroch chogais, ʼs ar coluinnean air an ionnlad le uisge glan, 23 Gleidhemid gu daingeann aideachadh ar dochais nach gabh fiaradh (oir tha esan dileas a gheall), 24 Us leagamaid ar n-aire air a cheile, gu brosnachadh gu carrantachd, ʼs gu deagh oibrichean: 25 Gun a bhith treigsinn ar co-thionail, mar is abhuist do chuid, ach a furtachadh air a cheile, agus sin nas mua a reir ʼs mar a chi sibh an latha teannadh oirbh. 26 Oir ma pheacaicheas sinn ga ʼr deoin, an deigh eolas fhaighinn air an fhirinn, cha n-eil iobairt tuilleadh air a fagail air son pheacannan, 27 Ach duil eagalach ri breitheanas, agus teine eud-mhor a loisgeas na naimhdean. 28 Am fear a tha bristeadh air lagh Mhaois, thathas ga chur gu bàs gun iochd, air facal dithis no triuir fhianuisean: 29 Nach mor nas mua na sin, a shaoileas sibh, a thoilieas esan pian nas truime, a shaltair fo chasan Mac Dhe, ʼsa mheas neoghlan fuil an tiomnaidh, leis an do naomhaicheadh e, ʼsa thug taire do Spiorad nan gras? 30 Oir is aithne dhuinn esan a thuirt: Buinidh diughaltas dhomhsa, agus diolaidh mise. ʼSa rithist: Bheir an Tighearna breth air a phobull. 31 Is eagalach an ni tuiteam ann an lamhan an De bheo. 32 Ach cuimhnichibh na laithean a bha, anns an dʼ fhuilig sibh an deigh ur soilleireachadh cath mor thrioblaidean; 33 Agus gu dearbh air an darna laimh rinneadh sibh ʼnur sealladh le taire, ʼs le trioblaidean; ʼs air an laimh eile ʼnur companaich dhaibh-san, a bha tighinn beo san doigh chiadna. 34 Oir ghabh sibh truas riusan a bha an ceanglaichean, us chuir sibh suas le aoibhneas ri spuilleadh ur cuid, a tuigsinn gum beil maoin nas fhearr, ʼsa mhaireas agaibh. 35 Na caillibh ma ta ur dochas, aig a bheil duais mhor. 36 Oir tha faighidin riatanach dhuibh, los, le toil De dhianamh, gun ruig sibh air a ghealltanas. 37 Oir fhathast uine ro bheag, agus thig esan, a tha ri tighinn, agus cha dian e moille. 38 Ach tha mo dhuine ceart-sa tighinn beo tromh chreideamh: ach ma tharruinneas e e fhein air ais, cha taitinn e rimʼ anam. 39 Ach cha sinne clann a chul-shleamhnaichidh gu sgrios, ach a chreidimh gu sabhaladh an anma. |