Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


I. CHAIBIDEAL. Labhair Dia bho shean leis na faidhean, ach a nis le Mhac, a tha nas mua gun choimeas na na h-ainglean.

1 Dia, a labhair air iomadh àm, ʼs air iomadh seol, bho shean ris na h-aithrichean leis na faidhean:

2 Mu dheireadh uile labhair e ruinne anns na laithean so le Mhac, a dhʼ orduich e ʼna oighre air a h-uile ni, ʼs leis an dʼ rinn e an saoghal cuideachd:

3 Agus bhon is e dearrsadh a ghloir us dealbh a shusbuinn, ʼs e cumail suas gach ni le facal a chumhachd, a glanadh air falbh pheacannan, a tha ʼna shuidhe air laimh dheis na moralachd anns na h-ardaibh:

4 ʼSe air a dhianamh cho fad nas fhearr na na h-ainglean ʼsa tha an t-ainm, a shealbhaich e mar oighre, nas urramaiche na iadsan.

5 Oir co de na h-ainglean ris an tuirt e uair air bith: Is tu mo Mhac, an diugh ghin mi thu? ʼSa rithist: Bithidh mi dha na mʼ Athair, us bithidh esan domhsa ʼna Mhac?

6 ʼSa rithist nuair tha e toirt a chiadghin thun an t-saoghail, tha e g-radh: Agus thugadh ainglean De uile aoradh dha.

7 Agus ris na h-ainglean gu dearbh tha e g-radh: Esan a tha dianamh ʼainglean ʼnan spioraid, agus a sheirbhisich ʼnan lasair theine.

8 Ach ri Mhac: Tha do chathair, a Dhia, gu linn nan linn; slat a cheartais, si slat-rioghail do rioghachd-sa.

9 Thug thu gaol do ʼn cheartas, agus fuath do ʼn eucoir: air son sin dhʼ ung Dia do Dhia thu le ola an t-sòlais fos cionn do luchd-chomhphairt.

10 Agus: San toiseach steidhich thusa, a Thighearna, an talamh; agus na neamhan ʼsiad obair do lamh.

11 Teirigidh iadsan, ach mairidh thusa; agus fàsaidh iad uile sean mar eideadh:

12 ʼS mar thrusgan atharraichidh tu iad, agus bithidh iad air an atharrachadh: ach tha thusa mar, a bha, agus do bhliadhnaichean cha teirig.

13 Ach co de na h-ainglean ris an tuirt e uair air bith: Suidh thusa air mo laimh dheis, gus an dian mi do naimhdean ʼnan stol do chas?

14 Nach spioraid-fhrithealaidh iad uile, air an cur a fhrithealadh dhaibh-san, a ghlacas oighreachd an t-sabhalaidh?

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan