Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Colosianach 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. Tha e gan comhairleachadh an seann duine a chur dhiu, ʼs an duine ùr a chur orra: dleasnasan bhan, us fhear, cloinne, us sheirbhiseach.

1 Uime sin ma dhʼ eirich sibh maille ri Criosta, iarraibh na nichean a tha shuas, far a bheil Criosta ʼna shuidhe air deas laimh Dhe;

2 Biodh ur n-aire air na nichean a tha shuas, cha n-ann air na nichean a tha air talamh.

3 Oir tha sibh marbh, ʼs tha ur beatha air a falach maille ri Criosta ann an Dia.

4 Nuair a chithear Criosta, ur beatha, an sin chithear sibhse maille ris ann an gloir.

5 Claoidhibh mata ur buill a tha air talamh: striopachas, neo-ghloine, mi-gheamnachd, ana-miannan, us sannt, ni is iodhol-aoradh:

6 As an leth so tha fearg Dhe a tighinn air cloinn a mhi-chreidimh;

7 Agus anns an do ghluais sibhse air uair, nuair chaith sibh ur beatha unnta.

8 Ach a nis cuiribh air chul a h-uile ni: fearg, anntlachd, gò, blaisbheum, cainnt dhrabasda a mach as ur bial.

9 Na dianaibh briag dha cheile, a cur dhibh an t-seann duine le ghniomhran,

10 ʼSa cur oirbh an duine ùir, esan a thʼ air ath-nuadhachadh ann an eolas, a reir iomhaigh an Ti, a chruthaich e:

11 Far nach eil cinneach no Iudhach, timchioll-ghearradh no neo-thimchioll-ghearradh, borb-fhear no Sithianach, daoranach no saoranach: ach se Criosta a h-uile ni, agus anns a h-uile ni.

12 Cuiribhse ma ta oirbh, mar dhaoine taghte Dhe, naomh, agus ionmhuinn, innibh na trocaire, caoimhneas, irioslachd, stuamachd, faighidin:

13 A cur suas ri cheile, ʼsa mathadh dha cheile, ma tha aobhar gearain aig neach an aghaidh neach: mar thug an Tighearna mathanas duibh fhein, thugaibhse mathanas mar an ciadna.

14 Ach fos an cionn so uile biodh a charrantachd agaibh, ʼs gur i bann na coimhliontachd,

15 Agus dianadh sith Chriosta aoibhneas ʼnur cridheachan, anns a bheil sibh air ar gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.

16 Gabhadh facal Chriosta comhnuidh unnaibh gu pailt anns a h-uile gliocas, a teagasg ʼsa g-earalachadh a cheile le sailm, le laoidhean, agus le dàin spioradail, a seinn do Dhia gu grasmhor ʼnur cridheachan.

17 Agus ciod air bith a ni sibh ann am facal, no ʼn gniomh, dianaibh gach ni ann an ainm an Tighearna Iosa Criosta, a toirt taing do Dhia ʼs do ʼn Athair troimh-san.

18 A mhnathan, bithibh umhailt dha ʼr fir, mar is còir, anns an Tighearna.

19 Fheara, thugaibh gaol dha ʼr mnathan, ʼs na bithibh coimheach riu.

20 A chlann, bithibh umhailt dha ʼr parantan anns gach ni: oir tha so taitneach do ʼn Tighearna.

21 Aithriche, na brosnaichibh ur clann gu feirg, eagal gun caill iad am misneach.

22 A sheirbhisich, bithibh umhailt anns a h-uile ni dha ʼr maighistirean a reir na feola, cha n-ann le seirbhis-shula, mar a toileachadh dhaoine, ach le aon-fhillteachd cridhe, ann an eagal De.

23 Ciod air bith ni ris am bi sibh, dianaibh e bho ʼr cridhe, mar do Dhia, ʼs cha n-ann do dhaoine:

24 Le fios a bhith agaibh gum faigh sibh bho ʼn Tighearna duais na h-oighreachd. Do ʼn Tighearna Criosta dianaibhse seirbhis.

25 Oir esan a ni cron, an ni sin a rinn e gu h-olc, gheobh e ga chionn: ʼs cha n-eil Dia gabhail ri pearsa seach pearsa.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan