Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Colosianach 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


II. CAIB. Tha e gan cur ʼnam faireachadh an aghaidh mealltaireachd nan teallsanach, agus luchd-teagaisg nan Iudhach, a tha sireadh an tarruinn bho Chriosta.

1 Oir is math leam fios a bhith agaibh ciod e an curam a tha mi gabhail dhibh, gus dhiusan a thʼ ann an Laodicéa, ʼs dhe gach aon nach fhaca mo ghnuis san fheoil,

2 Gus an cridheachan a bhith air am furtachadh, ʼs iad air an teagasg ann an carrantachd, agus anns a h-uile saibhreas lanachd tuigse, gu ruighinn air eolas mistire Dhe, an t-Athair, agus Iosa Criosta,

3 Anns a bheil uile ionmhas gliocais agus eolais am falach.

4 A nis tha mi g-radh so, gus nach meall duine air bith sibh le fileantachd cainnte.

5 Oir ged tha mi as an lathair sa choluinn, tha mi maille ribh san spiorad: a gabhail toil-inntinn, ʼsa faicinn ur riaghailte agus steidhealachd ur creidimh, a tha ann an Iosa Criosta.

6 Uime sin mar a ghlac sibh an Tighearna Iosa Criosta, gluaisibh ann,

7 Air ur friamhachadh ʼs air ur togail suas annsan, ʼs air ur daingneachadh an creideamh, ceart mar a dhʼ ionnsuich sibh, a toirt buidheachais dha gu pailt.

8 Seallaibh nach meall duine air bith sibh le teallsanachd ʼs le cealgaireachd fhaoin, a reir bial-aithris dhaoine, a reir ciad ghnath an t-saoghail, ʼs cha n-ann a reir Chriosta:

9 Oir annsan tha uile lanachd na diadhachd a tamh gu corporra:

10 Us tha sibh air ur lionadh leis-san, a tha ʼna cheann air a h-uile prionnsachd agus cumhachd:

11 Anns a bheil sibhse cuideachd timchioll-ghearrte le timchioll-ghearradh, nach dʼ rinneadh le lamhan, a spuilleadh corp na feola, ach le timchioll-ghearradh Chriosta;

12 Agus sibh air ur tiodhlaiceadh maille ris sa bhaisteadh, agus annsan dhʼ eirich sibh a rithist tromh chreideamh dianadas Dhe, a thog bho na mairbh e.

13 Us sibhse, nuair bha sibh marbh ʼnur peacannan, agus ann an neo-thimchioll-ghearradh ur feola, bheothaich e maille ris, a mathadh dhuibh gach uile lochd;

14 A dubhadh as lamh-sgriobhaidh na binn a bha ʼnar n-aghaidh, ʼsa bha cronail duinn, agus thug e as an rathad i, ga fasdadh ris a chrois;

15 ʼSa creachadh phrionnsachdan agus chumhachdan, thug e leis iad gu h-earbsach, a buadhachadh orra gu follaiseach ann fhein.

16 Na tugadh neach air bith ma ta breth oirbh a thaobh bìdh no dibhe, no thaobh latha feille, no gealaich ùire, no sabaid:

17 A tha ʼnam faileas air nichean ri tighinn: ach is le Criosta an corp.

18 Na mealladh duine air bith sibh, le deidh air irioslachd, ʼs air creideamh ainglean, a g-imeachd ann an nichean nach fhac e, a gabhail proise faoin á tuigse fheola fhein,

19 ʼS gun leantuinn ris a cheann, bho bheil a choluinn uile le h-uilt ʼs le ʼfeithean air a riarachadh, ʼs air a daingneachadh, a fàs gu cinneachadh Dhe.

20 Uime sin ma tha sibh marbh maille ri Criosta do chiad oileanachadh an t-saoghail so, car-son a tha sibh fhathast gu ʼr rian mar dhaoine a tha beo san t-saoghal?

21 Na beanaibh, na blaisibh, na laimhsichibh:

22 ʼS gur nichean gu sgrios iad uile le urad ʼs an cleachdadh, a reir orduighean agus teagasgan dhaoine:

23 Nichean gu dearbh air a bheil coltas gliocais ann an saobh-chrabhadh, ʼs ann an irioslachd, ʼs gun chaomhnadh air a choluinn, ʼs gun dad de dhʼ urram ri sasachadh na feola.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan