3 Eòin 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875I. CHAIBIDEAL. Tha naomh Eoin a moladh Ghaiuis air son e bhith g-imeachd am firinn, ʼs air son a charrantachd: tha e gearan air droch ghiulan Dhiotrepheis, ʼsa toirt deagh theisteanais air Demetrius: 1 An t-aosda do fhear mo mhor ghaoil, Gaius, is toigh leamsa ann am firinn. 2 Fhir ro ghradhaichte se mʼ urnaigh a thaobh a h-uile ni, gun soirbhich leat, ʼs gum bi thu gu math, mar a tha tʼ anam a dianamh gu ciatach. 3 Bha mi ro thoilichte, nuair a thainig na braithrean, ʼsa thug iad teisteanas air an fhirinn a tha unnad, a reir ʼs mar a tha thu g-imeachd am firinn. 4 Toil-inntinn nas mua na so cha n-eil agam, mi chluinntinn gum beil mo chlann a g-imeachd am firinn. 5 Fhir ro ghradhaichte, tha thu dileas anns gach saothair, a tha thu gabhail air son nam braithrean, ʼs air son nan coigreach mar an ciadna, 6 A thug teisteanas air do charrantachd an lathair na h-eaglais: dha ʼn dian thu gu math le ʼn toirt air an adhart ʼnan slighe ann an seol airidh air Dia. 7 A chionn gur ann as leth ainm-san a dhʼ fhalbh iad, gun ni a ghabhail bho na cinnich. 8 Is còir dhuinne ma ta gabhail ri ʼn leithidean sin, gus sinn a bhith ʼnar comh-oibrichean na firinne. 9 Bhithinn air sgriobhadh ma dhʼ fhaoidte dhʼ ionnsuidh na h-eaglais: ach cha n-eil esan, leis an toil a bhith ʼna cheannas orra, Diotrephes, a gabhail ruinne. 10 Air an aobhar sin ma thig mi, ni mi follaiseach na gniomhan a tha e dianamh, a glagaireachd ʼnar n-aghaidh-ne le cainnt dhroch-mheinnich; ʼs mar nach foghnadh so leis, cha n-eil e fhein a gabhail ris na braithrean, ʼs tha e gam bacail-san a tha gabhail riu, agus gan tilgeadh a mach as an eaglais. 11 Fhir mo mhor ghraidh, na lean an ni a tha olc, ach an ni a tha math. Esan a tha ri math, tha e bho Dhia: esan a tha ris an olc, cha n-fhaca e Dia. 12 Thugadh teisteanas do Dhemetrius le daoine uile, ʼs leis an fhirinn fhein, agus tha sinne cuideachd a toirt teisteanais: agus tha fios agad gum beil ar teisteanas fior. 13 Bha ioma ni agam ri sgriobhadh ad ionnsuidh: ach cha bʼ aill leam le dubh ʼs le peann sgriobhadh ad ionnsuidh. 14 Ach tha duil agam tʼ fhaicinn gu h-aithghearr, us labhraidh sinn bial ri bial. 15 Sith dhut. Tha ar cairdean a cur bheannachd h-ugad. Cuir fàilt air na cairdean fos leth. |