Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Timòteus 4 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


IV. CAIB. Fhainte do Thimoti: tha e g-innse dha gum beil a bhàs faisg: ʼsa g-iarraidh air tighinn ga ionnsuidh.

1 Tha mi sparradh ort an lathair Dhe agus Iosa Criosta, a tha gu breth a thoirt air bheo ʼs air mhairbh aig a thighinn, agus ʼna rioghachd:

2 Searmonaich am facal, bi dian an cothrom, ʼs an ana-cothrom: cronaich, earalaich, maoith leis a h-uile faighidin agus teagasg.

3 Oir thig an t-àm anns nach fuilig iad teagasg fallain, ach a reir am miann gun cam iad suas dhaibh fhein luchd-teagaisg le cluasan tachasach,

4 Agus tionndaidh iad gu dearbh an cluasan bho ʼn fhirinn, ach tionndaidhear iad gu faoin-sgialachdan.

5 Ach bi-sa furachail, ri saothair anns gach cuis, dian gniomh soisgeulaiche, coimhlion do dhriachd. Bi stuama.

6 Oir tha mise deas a nis gu bhith air mʼ iobradh, ʼs tha àm mʼ fhuasgladh bho ʼn choluinn aig laimh.

7 Chath mi deagh chath, chriochnaich mi mo chuairt, ghleidh mi an creideamh.

8 Air chul so tha crùn a cheartais a feitheamh orm, a bheir an Tighearna, am britheamh ceart, dhomh air an latha sin: ʼs cha n-ann dhomh-sa mhain, ach dhaibh-san cuideachd, leis an toil a thighinn. Dian cabhag gu tighinn h-ugam gun dail.

9 Oir threig Demas mi, le ro-thoil a bhith aige do ʼn t-saoghal so, ʼs thug e Thessalonica air;

10 Chaidh Crescens do Ghalatia, Titus do Dhalmatia.

11 Tha Lucas ʼna aonar maille rium. Gabh Marcus, us thoir leat e: oir tha e gu feum dhomhsa san fhrithealadh.

12 Ach chuir mi Tichicus do Ephesus.

13 An cleoc, a dhʼ fhag mi aig Troas maille ri Carpus, thoir leat nuair a thig thu, agus na leabhraichean, ach fos leth na craicinnean-sgriobhaidh.

14 Rinn Alastair, an ceard-copair, moran de dhʼ olc ormsa: paidhidh an Tighearna e a reir oibrichean:

15 Agus seachuinn thusa e; oir is mor a chuir e an aghaidh ar briathran-ne.

16 Aig mo chiad cheasnachadh cha do sheas duine leam, ach threig iad uile mi: na cuirear as an leth e.

17 Ach sheas an Tighearna ri mʼ thaobh, agus neartaich e mi, los gun coimhlionar an teagasg leam, agus gun cluinn na cinnich uile e; agus theasraigeadh mi á bial an leomhain.

18 Shaor an Tighearna mi bho ʼn h-uile droch obair, agus gleidhidh e mi gus a rioghachd fhein air neamh, dhasan gun robh gloir ri linn nan linn. Amen.

19 Cuir fàilt air Prisca, ʼs air Acuila, agus air teaghlach Onesiphoruis.

20 Dhʼ fhuirich Erastus aig Corint. Us dhʼ fhag mi Trophimus gu tinn aig Miletus.

21 Greas gu tighinn romh ʼn gheamhradh. Tha Ebulus, us Pudens, us Linus, us Claudia, agus na braithrean gu leir a cur bheannachdan ga tʼ ionnsuidh.

22 Gun robh an Tighearna Iosa Criosta maille ri do spiorad. Grasan gun robh maille ribh. Amen.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan