Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Timòteus 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. Tha e fiachuinn giulan nan eiriceach anns na laithean deirionnach: tha e comhairleachadh steidhealachd do Thimoti: an tairbhe mhor a thʼ ann an eolas air an Sgriobtur.

1 Biodh fios agad air so cuideachd, gun tig anns na laithean deirionnach amannan cunnartach.

2 Bithidh daoine gaolach orra fhein, sanntach, uaibhreach, ardanach, blaisbheumach, as-umhailt do pharantan, mi-thaingeil, olc,

3 Gun ghaol, gun shith, culchainnteach, mi-gheamnaidh, an-iochdor, gun chaoimhneas,

4 Brathadairean, diorrasach, morchuiseach, nas miannaiche air sogh na air Dia;

5 Air a bheil gu dearbh gné choltas na diadhachd, ach ar g-aicheadh a cumhachd. A nis seachuinn iad sin.

6 Oir ʼsann dhiu iadsan, a dhʼ ialaidheas a stigh do thighean, ʼsa bheir am braighdeanas boirionnaich gun diù, lan pheacannan, air an stiuradh le ioma seorsa thograichean;

7 Daonnan a g-ionnsachadh, gun idir a ruighinn air eolas air an fhirinn.

8 A nis ceart mar a chuir Iannes us Mambres an aghaidh Mhaois: is amhuil a tha iad so a cur an aghaidh na firinne, daoine truaillidh ʼnan inntinn, am mearachd a thaobh creidimh,

9 Ach cha teid iad nas fhaide air an adhart: oir nithear an aimideachd soilleir do dhaoine uile, mar a rinneadh an aimideachd aca-san.

10 Ach fhuair thusa lan-eolas air an teagasg, a chaithe-beatha, a bheachd, a chreideamh, an fhad-fhulangas, a ghradh, an fhaighidin agamsa,

11 Mo gheur-leanmhuinn, mo thrioblaidean; a leithid ʼsa dhʼ eirich dhomh an Antioch, an Iconium, ʼs an Listra; ciod iad na geur-leanmhuinnean a dhʼ fhuilig mi, us asda uile spion an Tighearna mi.

12 Agus iadsan uile, leis an toil am beatha a chaitheamh gu diadhaidh ann an Iosa Criosta, fuiligidh iad geur-leanmhuinn.

13 Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa ʼs nas miosa, a dol air seachran, ʼsa cur air seachran.

14 Ach lean thusa ris na nichean a dhʼ ionnsuich thu, ʼsa dhʼ earbadh riut: ʼs fios agad co bhuaithe a dhʼ ionnsuich thu iad:

15 Agus gum bʼ aithne dhut bho tʼ oige na Sgriobtuirean naomh, a ʼs urrainn do theagasg gu sabhaladh, leis a chreideamh a thʼ ann an Iosa Criosta.

16 Tha h-uile sgriobtur, a thʼ air a dheachdadh le Dia, feumail gu teagasg, gu cronachadh, gu smanhdachadh, gu oileanachadh ann an ceartas:

17 Los an duine aig Dia a bhith coimhlionta, ionnsuichte mu choinneamh gach deagh oibre.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan