2 Timòteus 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875II. CAIB. Tha e toirt brosnachaidh dha e bhith dichiollach ʼna dhriachd, us faighidneach ʼna fhulangas: an cunnart bho mhealltaireachd eiriceach. 1 Bi-sa mata, a mhic, laidir anns na grasan, a thʼ ann an Iosa Criosta; 2 Agus na nichean a chual thu bhuamsa an lathair moran fhianuisean, iad sin earb ri daoine dileas, a bhios freagrach gu daoine eile a theagasg mar an ciadna. 3 Oibrich mar dheagh shaighdear Iosa Criosta. 4 Cha n-eil duine air bith, ʼs e ʼna shaighdcar aig Dia, ga chur fhein an luib ghnothaichean saoghalta: los gun toilich e esan ris an dʼ rinn e fasdadh. 5 Oir cha teid esan, a tha stri air son laimh-an-uachdar, a chrunadh, mur gleachd e gu laghail. 6 Se an tuathanach, a tha ris an obair, is còir an toiseach faighinn de ʼn toradh. 7 Tuig na tha mi g-radh: oir bheir an Tighearna dhut tuigse anns gach ni. 8 Cuimhnich gun dʼ eirich an Tighearna Iosa Criosta bho na mairbh, a tha de shiol Dhài a reir mo shoisgeil-sa, 9 Bis a bheil mi saothrachadh gu ruig ceanglaichean, mar fhear dhroch-ghniomh: ach cha n-eil facal De ceangailte. 10 Uime sin tha mi cur suas leis gach ni air son nan daoine taghte, los gun ruig iadsan cuideachd air an t-sabhaladh, a thʼ ann an Iosa Criosta, maille ri gloir air neamh. 11 Is facal firinneach so: Ma gheobh sinn bàs maille ris, bithidh sinn beo maille ris mar an ciadna: 12 Ma dhʼ fhuiligeas sinn, righichidh sinn comhla ris: ma dhʼ aicheadhas sinn e, aicheadhaidh esan sinne mar an ciadna: 13 Mur creid sinn, thaesan a fantuinn dileas, cha n-urrainn da e fhein aicheadh. 14 Cuir na nichean so ʼnan cuimhne, a toirt fianuis orra an lathair an Tighearna. Na dian consachadh an cainnt: oir cha n-eil feum idir ann, ach gus an luchd-eisdeachd a chur tuathal. 15 Thoir deagh aire gun giulan thu thu fhein taitneach do Dhia, na dʼ fhear oibre nach ruig a leas nàire ghabhail, a cur an ceill facal na firinne mar is còir: 16 Ach seachuinn seanachas faoin agus truaillidh: oir tha sin ʼna bhrosnachadh mor gu mi-dhiadhachd: 17 Oir tha an cainnt a sgaoileadh mar a chneidh: dhiu sin tha Himenéus us Philetus, 18 A thuit air falbh bho ʼn fhirinn, a cantuinn gun deach an aiseirigh seachad a cheana, agus a chuir cuid de dhaoine bharr am buinn a thaobh a chreidimh. 19 Ach tha steidh chinnteach Dhe a seasamh, leis an t-seul so a bhith aice: Is aithne do Dhia a mhuinntir fhein; agus a h-uile fear, a tha gairm air ainm an Tighearna, seachnadh e an t-olc. 20 Ach ann an tigh mor tha saghaichean, cha n-ann a mhain a dhʼ òr, ʼsa dhʼ airgiod, ach de dhʼ fhiodh cuideachd, ʼs de chriadh; ach cuid gu dearbh gu urram, agus cuid gu as-urram. 21 Ma ghlanas ma ta fear e fhein bho na nichean so, bithidh e ʼna shaghach naomhaichte gu urram, agus tarbhach do ʼn Tighearna, deas air son gach deagh ghniomh. 22 Ach teich thusa bho ana-miannan na h-oige: ʼs lean ceartas, dochas, creideamh, carrantachd, agus sith riusan, a tha gairm air an Tighearna le cridhe glan. 23 Agus seachuinn ceisdean faoinʼs gun fhaghlum, us fios agad gun tog iad consachadh. 24 Ach cha chòir do fhear-muinntir an Tighearna a bhith ri comhstri, ach a bhith ciuin ri uile dhaoine, titheach air teagasg, faighidneach, 25 A toirt comhairle le caomhalachd air an fheadhainn, a tha cur an aghaidh na firinne: gun fhios nach toir Dia iad gu aithreachas, gus an fhirinn aithneachadh, 26 ʼS gus iad fhein fhuasgladh bho ribe an deomhain, aig a bheil iad an sàs ʼnam priosanaich mar is aill leis. |