2 Timòteus 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875I. CHAIB. Tha e ga bhrosnachadh gus na grasan a bheothachadh, a fhuair e ʼna ordugh-naomh, ʼs gun a mhisneach a chall le fulangas, ach teagasg fallain an t-soisgeil a chumail gu daingeann. 1 Pol, ostal Iosa Criosta le toil Dhe, a reir gealltanas na beatha, a thʼ ann an Iosa Criosta, 2 Gu Timoti, mac mo mhor ghraidh, grasan, iochd, agus sith gun robh dhut bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta ar Tighearna. 3 Tha mi toirt taing do Dhia, dha ʼm beil mi ri seirbhis bho mʼ aithrichean le cogais ghlain, gum beil mi gun lasachadh, a dhʼ oidhche ʼsa latha, a toirt cuimhne ort na mʼ urnaighean: 4 ʼS mi an geall air tʼ fhaicinn, ʼs cuimhne agam air do dheoir, los gun lionar mi le sòlas, 5 A toirt gu mʼ chuimhne a chreidimh neo-fhoilleil sin a tha unnad, a thuinich an toiseach na dʼ shean-mhathair Lois, agus na dʼ mhathair Eunice, agus, is cinnteach mi, a tha unnad fhein cuideachd. 6 Air an aobhar sin, se mo chomhairle dhut, gum beothaich thu suas grasan De, a tha unnad le leagail mo lamhan-sa. 7 Oir cha tug Dia dhuinn spiorad an eagail, ach na cumhachd, agus a ghraidh, agus na measarrachd. 8 Na gabh nàire ma ta á teisteanas ar Tighearna, no asamsa, a phriosanach: ach saothraich comhla riumsa air son an t-soisgeil, a reir cumhachd Dhe, 9 A shaor sinn, agus a ghairm sinn le ghairm naoimh, cha n-ann a reir ar n-oibrichean, ach a reir a bheachd fhein, ʼsa ghrasan a thugadh dhuinn ann an Iosa Criosta roimh thimean an t-saoghail. 10 Ach a tha nis follaiseach le nochdadh ar Slanair, Iosa Criosta, a chur as do ʼn bhàs, ʼsa thug beatha agus neo-thruailleachd gu soilleireachd leis an t-soisgeul, 11 Anns a bheil mise air mʼ orduchadh na mʼ shearmonaiche, agus na mʼ ostal, agus na mʼ fhear-teagaisg nan cinneach. 12 As leth so cuideachd tha mise fulang nan nichean so, ach cha n-eil nàire orm. Oir is aithne dhomh co dha thug mi creideas, agus is cinnteach mi, gur urrainn da mo thasgaidh a ghleidheadh gus an latha sin. 13 Biodh suidheachadh nam facal fallain agad, a chuala tu bhuamsa ann an creideamh, agus anns a ghradh, a tha ann an Iosa Criosta. 14 Gleidh an deagh thasgaidh tromh ʼn Spiorad Naomh, a tha tamh unnainn. 15 Tha fios agad air so, gun do thionndaidh iadsan uile a tha an Asia air falbh bhuamsa; dhiusan tha Phigellus agus Hermogenes. 16 Gun dian an Tighearna trocair fhiachuinn do thigh Onesiphoruis, a chionn gun dʼ fhurtaich e ormsa gu tric, ʼs nach do ghabh e nàire as mo shlabhruidh: 17 Oir nuair thainig e do ʼn Roimh, shir e air mo shon le dichioll, agus fhuair e mi. 18 Gun deonaich an Tighearna dha gun ruig e air trocair bho ʼn Tighearna san latha sin. Agus is ro mhath tha fhios agad fhein a liuthad ni, anns na fhreasdail e ormsa ann an Ephesus. |