2 Tesalònianaich 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875I. CHAIB. Tha e toirt iaing do Dhia air son an creidimh ʼs an steidhealachd: ʼsa guidhe gun rachadh iad air an adhart sa h-uile mathas. 1 Pol, agus Silbhanus, agus Timoti, do eaglais muinntir Thessalonica ann an Dia ar n-Athair, agus san Tighearna Iosa Criosta. 2 Grasan gun robh dhuibh, agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. 3 Tha mar fhiachan oirnn, a bhraithrean, taing a thoirt do Dhia daonnan air ur son, mar a tha iomchuidh, a chionn gum beil ur creideamh a cinntinn gu h-anabarrach, ʼs gum beil carrantachd lan-phailt aig gach aon agaibh dha cheile: 4 Air chor ʼs gum beil sinn fhein a gabhail uaill asaibh ann an eaglaisean Dhe, as leth ur faighidin, agus ur creidimh, agus ur geur-leanmhuinnean uile, agus ur cruaidh-chàsan, a tha sibh a fulang, 5 Mar shamplair air ceart-bhreitheanas De, los gum measar gur airidh sibh air rioghachd Dhe, air son a bheil sibh a fulang: 6 Oir tha e ceart do Dhia diughaltas a dhianamh orrasan, a tha gu ʼr leireadh: 7 Us fois a thoirt dhuibhse, a tha air ur leireadh, maille ruinne aig foillseachadh an Tighearna Iosa bho neamh maille ri ainglean a chumhachd, 8 Ann an lasair theine, a ni diughaltas orrasan, dha nach aithne Dia, ʼs nach eil umhailt do shoisgeul ar Tighearna Iosa Criosta: 9 A dhʼ fhuiligeas pian shiorruidh ann an leir-sgrios bho ghnuis an Tighearna, ʼs bho ghloir a chumhachd. 10 Nuair thig e gu bhith air a ghlorachadh ʼna naoimh, ʼsa bhith ʼna aobhar ioghnaidh unntasan uile a chreid, a chionn gun deach ar teisteanas-ne a chreidsinn leibhse mu ʼn latha ud. 11 A thaobh sin cuideachd tha sinn a g-urnaigh daonnan air ur son, gun deonaich ar Dia-ne sibhse dhianamh toillteanach air a ghairm, ʼs gun coimhlion e uile thoil a mhathais, agus obair a chreidimh ann an cumhachd, 12 Gu ainm ar Tighearna Iosa Criosta a bhith air a ghlorachadh unnaibh, agus sibhse annsan, a reir grasan ar Dia-ne, agus an Tighearna Iosa Criosta. |