Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Peadar 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


II. CAIB. Tha e gan cur air am faicill an aghaidh luchd teagaisg-bhreige, ʼsa g-innse an sgrios.

1 Ach bha faidhean-breige measg an t-sluaigh, ceart mar a bhios ʼnur measg fhein luchd-teagaisg bhriag, a bheir a stigh aidmheilean millteach, ʼsa dhʼ aicheadhas an Tighearna, a cheannaich iad, a tarruinn grad-sgriosa orra fhein.

2 Us leanaidh moran an raoitearachd, leis an labhrar gu h-olc mu shlighe na firinne:

3 Agus le sannt ni iad marsantachd dhibh le briathran meallta: air am beil breitheanas an tòir a nis bho chionn fhada, agus an diteadh cha n-eil ʼna shuain.

4 Oir mar nach do chaomhainn Dia na h-ainglean a pheacaich, ach liubhair e seachad iad, air an tarruinn sios le ceanglaichean ifrinn do dhʼ iutharna, gus an cradh, gan gleidheadh gu breitheanas;

5 ʼS nach do chaomhainn e an seann saoghal, ach thiaruinn e Noé, an t-ochdamh pearsa, searmonaiche a cheartais, a toirt na tuil air saoghal nan daoine mi-dhiadhaidh;

6 ʼSa tionndadh gu luaithre bailtean nan Sodomach ʼs nan Gomorrach, dhit e iad gu sgrios: a dianamh ball-sampuill dhiu dhaibh-san, a dhianadh gu h-olc bho sin sios;

7 Us shaor e Lot ionraic, a bha air a sharachadh le ana-ceartas, ʼs le caithe-beatha drabasta dhroch dhaoine:

8 Oir bha e ionraic am faicinn ʼs an cluinntinn: a tamh am measg dhaoine, a bha bho latha gu latha a cradh anma ionraic-san le ʼn droch oibrichean.

9 Is aithne do ʼn Tighearna daoine diadhaidh a shaoradh bho bhuaireadh: ach daoine eucorach a ghleidheadh gu latha bhreitheanais, gus am pianadh:

10 Us gu h-araid iadsan a leanas an fheoil ann an ana-miannan neoghlan, ʼsa sheallas sios air uachdranachd, iad ladorna, fein-thoileach, leis nach eagal eiriceachdan blaisbheumach a thoirt a stigh:

11 Nuair nach toir na h-ainglean, aig a bheil neart agus cumhachd nas mua, breth thoibheumach ʼnan aghaidh fhein.

12 Ach iad so, cleas ainmhidhean gun tùr, buailteach a thaobh naduir gu dol an ribe ʼs gu sgrios, a toirt toibheum do nichean nach aithne dhaibh, theid iad a dhith ʼnan truailleachd fhein,

13 A faighinn duais an ana-ceartais, a meas ʼna thoileachadh sogh latha: iad ʼnan smal ʼs ʼnan sailche, a snamh ann an anabarr de shoighneas, a raoitearachd ʼnan cuilmean maille ribh,

14 Aig am beil suilean lan adhaltrais, us peacaidh gun sgur, a mealladh anmannan neo-steidheil, aig am beil an cridhe cleachdte ri sannt, clann nam molluchd;

15 A fagail an rathaid dhirich, chaidh iad air seachran, a leanail slighe Bhalaim Bhosoir, a thug gaol do dhuais na h-eucorach:

16 Ach fhuair e casg a chur air a chaothach: oir am beathach balbh cleachdte ris a chuing, a labhairt le guth duine, chuir e stad air aimideachd an fhaidh.

17 Is tobraichean gun uisge iad sin, agus neoil air an iomain le cuairt-ghaoith, air a bheil ceo an dorchadais a feitheamh.

18 Oir a labhairt cainnte proiseil faoin, tha iad le deidh air raoitearachd fheolmhoir gam mealladh-san, a theich car tamuill bhuapa-san, a tha caithe am beatha am mearachd;

19 A gealltuinn saorsa dhaibh, nuair a tha iad fhein ʼnan traillean do thruailleachd: oir tha duine ʼna thraill dhasan a bheir buaidh air.

20 Oir an deigh dhaibh teicheadh bho thruailleachd an t-saoghail tromh eolas air ar Tighearna ʼs air ar Slanair Iosa Criosta, ma theid iad ʼna luib a rithist, agus gum buadhaichear orra, is miosa dhaibh an staid dheirionnach na an ciad staid.

21 Oir bʼ fhearr dhaibh a bhith gun eolas aca air rathad a cheartais, na, an deigh eolas fhaighinn air, tilleadh air an ais bho ʼn fhainte naoimh sin, a chaidh a liubhairt dhaibh:

22 Oir dhʼ eirich dhaibh mar san t-seanfhacal fhirinneach so: Thill an cu gus a sgeith fhein; agus: A mhuc a nigheadh, gus a luidreadh fhein san eabar.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan