Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Peadar 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


I. CHAIBIDEAL. Tha e gan comhairleachadh a h-uile subhailc eile a bhith aca comhla ri creideamh: gus an sabhaladh a dhianamh cinnteach.

1 Simon Peadar, seirbhiseach agus ostal Iosa Criosta, dhaibh-san, a fhuair co-ionann creideamh ruinne ann an ceartas ar De, agus ar Slanair Iosa Criosta.

2 Gun robh grasan us sith air an coimhlionadh dhuibh ann an eolas De agus Iosa Criosta ar Tighearna:

3 Mar tha uile nichean a chumhachd, a thaobh beatha agus crabhachd, air am buileachadh oirnn tromh eolas air-san, a ghairrn sinn le ghloir fhein ʼs le chumhachd,

4 Troimh an tug e dhuinn gealltanasan ro-mhor agus priseil, gus sibh a bhith leo sin ʼnur comh-phairtich de ʼn nadur dhiadhaidh: a teicheadh bho thruailleachd nan ana-miannan sin a tha san t-saoghal.

5 Us sibhse, le gabhail a h-uile curaim, cleachdaibh ʼnur creideamh neart, agus ʼnur neart eolas,

6 ʼS ann an eolas measarrachd, ʼs ann am measarrachd faighidin, ʼs am faighidin diadhalachd,

7 Us ann an diadhalachd gaol nam braithrean, ʼs an gaol nam braithrean carrantachd.

8 Oir ma bhios iad so marribh agus pailt agaibh, cha n-fhag iad sibh falamh, no gun toradh ann an eolas ar Tighearna Iosa Criosta.

9 Oir esan aig nach eil iad so mar chleachdadh, tha e dall, agus a smiarachadh, a diochuimhneachadh gun do ghlanadh e bho sheann pheacannan.

10 Uime sin, a bhraithrean, oibrichibh le barrachd dichill, gus an dian sibh cinnteach le deagh ghniomhran ur gairm agus ur taghadh: oir le dianamh nan nichean so cha pheacaich sibh idir.

11 Oir mar so bheirear dhuibh gu pailt rathad air dol a stigh do rioghachd shiorruidh ar Tighearna agus ar Slanair Iosa Criosta.

12 Air an aobhar sin leigidh mi air na nichean so a chur an cuimhne dhuibh daonnan: ged gu dearbh is aithne dhuibh iad, ʼs ged a tha sibh daingnichte sa cheart fhirinn so.

13 Oir tha mi ga shaoilsinn iomchuidh fhad, ʼsa bhios mi anns a phaillinn so, ur beothachadh le ʼr cur an cuimhne:

14 ʼS mi cinnteach gum beil àm cur dhiom na paillinn so aig laimh, a reir ʼs mar a shoilleirich an Tighearna Iosa Criosta dhomh.

15 Ach ni mi dichioll gum bi agaibh gu tric an deigh mo bhàis, leis an cuimhnich sibh na nichean so.

16 Oir cha bʼ ann le bhith leantuinn faoin-sgialachdan air an dealbh gu h-innleachdach, a shoilleirich sinn dhuibh cumhachd us lathaireachd ar Tighearna Iosa Criosta, ach le bhith ʼnar fianuisean-sula air a mhoralachd.

17 Oir fhuair e bho Dhia an t-Athair onair us gloir, an guth so a tighinn a nuas ga ionnsuidh bho ʼn ghloir oirdheirc: Se so mo Mhac gaolach, agus is mor mo thlachd dheth; eisdibh ris.

18 Agus chuala sinn an guth so a tighinn a nuas bho neamh, nuair a bha sinn comhla ris air a bheinn naoimh.

19 ʼS tha facal faisneachd nas treasa againn; agus is math a ni sibh le aire thoirt da, mar do sholus a dearrsadh ann an ionad dorcha, gus an soillsich a chamhanach, ʼs gun eirich reul na maidne ʼnur cridheachan:

20 A tuigsinn so an toiseach, nach dianar faisneachd air bith de ʼn Sgriobtur le fein-mhineachadh.

21 Oir cha tainig faisneachd uair air bith le toil duine: ach labhair daoine naomh Dhe le gluasad an Spioraid Naoimh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan