2 Corintianach 9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875IX. CAIB. Brosnachadh eile gu deirc a thoirt seachad: a toradh. 1 Oir a thaobh an riarachaidh, a thathas a dianamh do na naoimh, is tur diomhain dhomhsa sgriobhadh gu ʼt n-ionnsuidh. 2 Oir is aithne dhomh ur n-inntinn thograch; as leth a bheil mi gabhail uaill asaibh an lathair muinntir Mhacedonia. Gun robh Achaia deas an uiridh, agus gun do bhrosnuich ur n-eudsa moran. 3 Ach chuir mi na braithrean, gus nach bi na tha sinn a cur bosd asainn mu ʼr deidhinn gun dianamh sa chàs so, ach (mar a thuirt mi) gum bi sibh deas: 4 Air eagal, air do na Macedonaich us mise ruigheachd, ʼs ur faighinn neo-uidheamaichte, gum bi sinne (gun tighinn oirbhse) air ar narachadh sa ghnothach so. 5 Uime sin mheas mi riatanach iarraidh air na braithrean dol h-ugaibh roimh laimh, ʼs am beannachd so, a ghealladh a cheana, a dhianamh deas mar bheannachd, ʼs cha n-ann le an-toil. 6 Ach tha mi g-radh so: Gum bi esan, a tha gann sa chur, gann cuideachd sa bhuain; agus esan a chuireas am beannachdan, buainidh e ann am beannachdan mar an ciadna. 7 Gach neach mar a shuidhich e ʼna chridhe fhein, cha n-ann le duilichinn, no air eiginn: Oir is toigh le Dia fear-buileachaidh suilbhir. 8 Oir tha Dia comasach air a h-uile gras a bhuileachadh gu mor-phailt oirbh; air chor ʼs, le lan-fhoghnadh a bhith daonnan agaibh anns a h-uile ni, gum bi sibhse lan-phailt anns gach deagh ghniomh, 9 Mar tha e sgriobhte: Sgap e, thug e do na bochdan: mairidh a cheartas gu linn nan linn. 10 Us esan a tha buileachadh an t-sìl air an fhear-chuir, bheir e cuideachd aran gus ithe, agus leasaichidh e ur siol, agus miadaichidh e fàs us toradh ur ceartais: 11 Los, air dhuibh bhith saibhir anns a h-uile ni, gun cinnich sibh gu mor anns a h-uile aon-fhillteachd, a tha cur an ceill tromhainn taingealachd clo Dhia. 12 A thaobh gum beil riarachadh an driachd so, cha n-e mhain a fuasgladh air uireasuidh nan naomh, ach tha e lan phailt cuideachd ann an ioma buidheachas do ʼn Tighearna, 13 A toirt, mar a dhearbhas an riarachadh so, gloire do Dhia ann an umhlachd ur n-aideachaidh do shoisgeul Chriosta, agus ann an aon-fhillteachd ur co-phairteachaidh riusan, agus ri daoine uile, 14 Agus ʼnan urnaighean air ur son, ʼs iad an deidh oirbh as leth grasan sonraichte Dhe unnaibh. 15 Buidheachas do Dhia air son na gibhte do-labhairt so. |