Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 8 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VIII. CAIB. Tha e gam brosnachadh gu deirc phailt a thional gu cobhair air na daoine bochd an Ierusalem.

1 Tha sinn a nis, a bhraithrean, a toirt fios dhuibh air grasan De, a thugadh seachad ann an eaglaisean Mhacedonia:

2 Se sin, gun robh an aoibhneas pailt ann am mor dhiachuinn na trioblaide, ʼs gun robh an trom bhochduinn pailt gu beartas an aon-fhillteachd aca:

3 Oir a reir an comais (tha mi toirt teisteanais dhaibh), us fos cionn an comais, bha iad deonach,

4 A griosad oirnn le cruaidh achanaich an tiodhlaicean a ghabhail, agus roinn a bhith aca dhe ʼn fhrithealadh a thathas a dianamh do na naoimh.

5 Agus cha n-ann mar bha duil againn, ach thug iad iad fhein an toiseach do ʼn Tighearna, an sin dhuinne le toil De,

6 Ann an rathad ʼs gun dʼ iarr sinn air Titus, bhon is e a thòisich, gun criochnaicheadh e an tobhartas so ʼnur measg.

7 Agus mar a tha sibh lan-phailt anns a h-uile ni, an creideamh, ʼs am facal, ʼs an eolas, agus anns a h-uile curam, ʼsa bharrachd air so ʼnur carrantachd dhuinne, mar sin gum bi sibh lan-phailt anns an tobhartas so cuideachd.

8 Cha n-eil mi g-radh so mar a toirt orduigh: ach le deothas feadhnach eile a brosnachadh deagh thogradh ur carrantachd.

9 Oir is aithne dhuibh grasan ar Tighearna Iosa Criosta, ged a bha e beairteach, gun dʼ fhas e bochd air ur sonsa, gus sibhse a bhith beairteach tromh bhochdainn-san.

10 Agus air so tha mi toirt mo chomhairle: oir tha so gu buannachd dhuibhse, a thòisich cha n-e mhain air dianamh, ach air a bhith deonach cuideachd bho chionn bliadhna.

11 A nis ma ta coimhlionaibh e ann an gniomh; air chor ʼs mar a tha ur n-inntinn dìan ann an togradh, gum bi i sin cuideachd ann an dianadas a reir ʼs mar a thʼ agaibh.

12 Oir ma tha an toil adhartach, bithidh i taitneach a reir na thʼ aice, ʼs cha n-ann a reir an ni nach eil aice.

13 Oir cha n-ann gu aotromachadh air feadhainn eile, agus lethtrom a chur oirbhse: ach a reir a cheile.

14 San àm so dianadh am pailteas agaibhse suas an t-uireasuidh acasan, los gun dian am pailteas acasan suas an t-uireasuidh agaibhse, gus sibh a bhith a reir a cheile, mar tha e sgriobhte:

15 Esan aig an robh moran, cha robh barrachd aige; us esan aig an robh beagan, cha robh gainne air.

16 Ach taing do Dhia, a chuir an curam ciadna as ur lethse an cridhe Thituis,

17 Oir ghabh e gu dearbh a chomhairle: ach le bhith na bu churamaiche chaidh e h-ugaibh le thoil fhein.

18 Chuir sinn comhla ris cuideachd am brathair, a tha cliuiteach anns an t-soisgeul feadh nan eaglaisean gu leir:

19 Us cha so uile, ach dhʼ orduicheadh e leis na h-eaglaisean ʼna chompanach ar turuis air son a mhathais so, a tha air a riarachadh leinne gu gloir an Tighearna, ʼs gus ar beachd suidhichte-ne:

20 A seachnadh so, gus nach faigheadh duine air bith coire dhuinn as leth a phailteis, a tha air a riarachadh leinn.

21 Oir tha sinn a beachdachadh roimh laimh air na tha math, cha n-ann a mhain an lathair Dhe, ach an lathair dhaoine cuideachd.

22 Us chuir sinn cuide riu ar brathair, a dhearbh sinn gu tric a bhith dichiollach ann am moran nichean: ach a nis nas dichiollaiche air fad le a mhor earbsa asaibhse,

23 Co-dhiu ʼsann as leth Thituis, a tha ʼna chompanach agamsa agus ʼna fhear-cuideachaidh gu ʼr taobhsa, no as leth ar braithrean, ostail nan eaglaisean, gloir Chriosta.

24 Uime sin thugaibh lan-dhearbhadh air ur carrantachd, ʼs air an uaill againne asaibh, dhaibhse an lathair nan eaglaisean.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan