2 Corintianach 7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VII. CAIB. Gaol an ostail do mhuinntir Chorint: an toileachadh ʼs an uaill a tha e gabhail asda. 1 Bhon a tha na gealltanasan so againn ma ta, a chuideachda mo ghraidh, glanamaid sinn fhein bho ʼn h-uile sailche feola agus spioraid, a coimhlionadh naomhachd ann an eagal De. 2 Gabhaibh ruinne. Cha do dhochainn sinn duine air bith, cha do thruaill sinn duine air bith, cha do mheall sinn duine air bith. 3 Cha n-ann gus ur diteadh a tha mi cantuinn so. Oir thuirt sinn a cheana, gum beil sibh ʼnar cridheachan, gu bàsachadh comhla, no gu bhith beo comhla. 4 Is mor mʼ earbsa asaibh, is mor mʼ uaill asaibh, tha mi air mo lionadh le sòlas, tha mʼ aoibhneas ʼnar n-uile thrioblaid pailt thar tomhas. 5 Oir nuair thainig sinn gu Macedonia, cha robh fois aig ar feoil, ach dhʼ fhuilig sinn a h-uile trioblaid: cath air an leth-a-mach, eagal air an leth-a-stigh. 6 Ach Dia, a tha furtachadh orrasan a tha iriosal, dhʼ fhurtaich e oirnn le tighinn Thituis. 7 ʼS cha n-ann le thighinn a mhain, ach leis an toil-inntinn cuideachd leis na thoilicheadh e unnaibhse, a g-innse dhuinn ur deidh, ur bròin, ur n-eud as mo lethse, ann an rathad ʼs gun robh mo shòlas na bu mhua. 8 Oir ged a rinn mi brònach sibh le mo litir, cha n-eil aithreachas orm a nis: ged bha aithreachas orm, ʼs mi faicinn gun do chuir an litir sin mulad (ged bu tacan e) oirbh, 9 A nis tha aoibhneas orm: cha n-ann gun dʼ rinneadh muladach sibh, ach gun dʼ rinneadh muladach sibh gu aithreachas. Oir rinneadh muladach sibh a reir Dhe, air sheol ʼs nach fuilig sibh dochann bhuainne ann an ni air bith. 10 Oir cinnidh an cianalas, a tha a reir Dhe, gu aithreachas steidheil gu sabhaladh: ach cinnidh cianalas an t-saoghail gu bàs. 11 Oir, seall, a cheart ni so a rinn muladach sibh a reir Dhe, nach mor an curam tha e g-oibreachadh unnaibh, seadh agus dion, agus doimheadas, agus fiamh, agus déidh, agus eud, agus aicheamhail: anns a h-uile ni dhʼ fhiach sibh sibh fhein neo-thruaillidh sa chuis. 12 Uime sin ged a sgriobh mi h-ugaibh, cha n-ann air a shonsan a rinn an t-olc, no air a shonsan a dhʼ fhuilig e, ach a dhʼ fhiachuinn a churaim a thʼ againn dhibh. 13 An lathair Dhe: mar sin fhuair sinn furtachd. Ach ʼn ar toil-inntinn, ghabh sinn an ro-bharrachd sòlais á aighear Thituis, a chionn gun robh a spiorad-san air fhurtachadh leibhse uile. 14 Agus ma rinn mi uaill sam bith asaibh ris-san, cha nàire dhomh e: ach mar a labhair sinn a h-uile ni ribh ann am firinn, rinneadh mac an ciadna ʼna firinn ar n-uaill asaibh do Thitus. 15 Agus tha innibh-san nas ro phailt dhuibhse, ʼs e cuimhneachadh ur n-umhlachd gu leir, ʼs mar a ghabh sibh ris le fiamh agus le ball-chrith. 16 Tha mi gabhail toileachaidh gum beil earbsa agam asaibh anns a h-uile ni. |