Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. Tha e g-innse nach eil feum aige air litrichean molaidh: gloir teagasg an tiomnaidh nuaidh.

1 Am beil sinn a tòiseachadh a rithist air sinn fhein a mholadh? no bheil feum againn (mar a thʼ aig cuid) air litrichean molaidh h-ugaibh no bhuaibh?

2 Is sibhse an litir againne sgriobhte ʼnar cridheachan, a dhʼ aithnichear ʼsa leughar le daoine gu leir:

3 ʼS gur ni soilleir, gur sibh litir Chriosta air a frithealadh leinne, ʼs air a sgriobhadh cha n-ann le dubh, ach le Spiorad an De bheo: cha n-ann air clar cloiche, ach air clar feolmhor a chridhe.

4 Agus tha leithid so de earbsa againn tromh Chriosta ann an Dia:

5 Cha n-e gum foghainn sinn gu ni sam bith a smaoineachadh bhuainn fhein, mar bhuainn fhein: ach tha ar foghnadh bho Dhia;

6 A rinn sinn cuideachd ʼnar luchd-frithealaidh iomchuidh an tiomnaidh nuaidh, cha n-ann san litir, ach san Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha.

7 A nis ma bha frithealadh a bhàis, dealbhte le litrichean air clachan, glormhor; ann an rathad ʼs nach bʼ urrainn clann Israil sealltuinn air gnuis Mhaois le gloir ʼaghaidh a tha air teireachduinn:

8 Ciamar nach mua na sin a bhios frithealadh an Spioraid glormhor?

9 Oir ma bha frithealadh an ditidh glormhor, is mua na sin gu mor a bhios frithealadh a cheartais glormhor.

10 Oir sin fhein a bha glormhor anns a chàs so, cha do ghloraicheadh e, an coimeas ris a ghloir bharraichte.

11 Oir ma bha an ni a theirig glormhor, is fhada nas mua na sin gloir an ni, a tha gu mairsinn.

12 Tha sinn ma ta, agus a leithid so de dhochas againn, a cleachdadh moran danadais:

13 ʼS cha n-ionann us Maois a chuir sgailein air ʼaodann, gus nach sealladh clann Israil gu giar air aghaidh an ni tha air teireachduinn;

14 Ach mhaolaicheadh an ceudan. Oir gus an latha an diugh fhein an àm leughadh an t-seann tiomnaidh, tha an sgailein ciadna fantuinn gun a thoirt air falbh (a chionn thig crioch air ann an Criosta):

15 Ach, gus an latha an diugh fhein, nuair a leughar Maois, thà an sgailein air an cridhe.

16 Ach, nuair a thionndaidhear iad ris an Tighearna, bheirear air falbh an sgailein.

17 A nis is spiorad an Tighearna; agus far a bheil Spiorad an Tighearna, an sin tha saorsuinn.

18 Ach sinne uile a g-amharc air gloir an Tighearna le aghaidh nochdte, tha sinn air ar n-atharrachadh gus an iomhaigh chiadna bho ghloir gu gloir, mar le Spiorad an Tighearna.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan