Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


II. CAIB. Tha e toirt mathanais do ʼn cholach, air dha aithreachas a ghabhail.

1 Ach shuidhich mi so agam fhein, nach tiginn a rithist gu ʼr n-ionnsuidh am bròn.

2 Oir ma ni mi sibhse brònach, co bheir sòlas dhomh fhein, mur toir esan a rinneadh brònach leam?

3 Agus so fhein sgriobh mi h-ugaibh, air chor ʼs nuair a thig mi, nach bi bròn orm air muin bròin, as an leth-san dha ʼm bu chòir mo dhianamh subhach: ʼs mi earbsach asaibh uile, gum beil mo shòlas-sa ʼna shòlas dhuibh gu leir.

4 Oir le moran arrabain us bristidh-cridhe, ʼs le ioma deur sgriobh mi h-ugaibh, cha n-ann gus ur dianamh dubhach, ach gu fios a bhith agaibh air ro-phailteas na carrantachd a thʼ agam dhaʼr taobh.

5 Agus ma bha h-aon sa bith ʼna aobhar bròin, cha do chuir e bròn ormsa; ach ann an roinn, gus nach cuir mi eallach oirbh uile.

6 Dhasan, a tha ʼna leithid so de dhuine, is leoir an t-achasan so, a thugadh dha le moran:

7 Ionnus air an laimh eile gur e mathanas us furtachd a thoirt dha is ro iomchuidh dhuibh, eagal theagamh gun sluigear sios a leithid de dhuine le tuille ʼsa chòir de mhulad.

8 Air an aobhar so tha mi guidhe oirbh, sibh ur carrantachd a neartachadh ga thaobh.

9 ʼSann air son so cuideachd a sgriobh mi, los diachuinn a chur oirbh, a dhʼ fhios am beil sibh umhailt anns a h-uile ni.

10 Agus an neach dha ʼn do mhath sibh ni air bith, mhath mise cuideachd: oir an ni a mhath mi, ma mhath mi ni air bith, ʼsann air ur sonsa a rinn mi e am pearsa Chriosta,

11 Los nach meall satan sinn: oir cha n-eil sinn aineolach air a chuilbheartan.

12 Agus nuair thainig mi gu Troas air son soisgeul Chriosta, ʼsa dhʼ fhosgladh dorus domh anns an Tighearna,

13 Cha robh fois aig mo spiorad, a chionn nach dʼ fhuair mi Titus mo bhrathair: ach a gabhail slan leo, ghabh mi air mʼ adhart do Mhacedonia.

14 Ach taing do Dhia, a tha daonnan a toirt buaidh dhuinn ann an Iosa Criosta, ʼsa fiachuinn cubhraidheachd ʼeolais anns gach àite leinne:

15 Oir is deagh fhàile Chriosta sinn do Dhia, unntasan a shabhailear, agus unntasan a theid a dhith:

16 Do ʼn darna cuid gu dearbh fàileadh a bhàis gu bàs, ach do ʼn chuid eile fàileadh na beatha gu beatha. Agus h-uige so co cho freagrach?

17 Oir cha n-eil sinn, mar tha moran, a truailleadh facal De: ach le treibhdhireas, ach mar bho Dhia, an lathair Dhe tha sinn a labhairt ann an Criosta.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan