2 Corintianach 13 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIII. CAIB. Tha e maoitheadh air na rag-pheacaich, gus an gluasad gu aithreachas. 1 Seall, se so an treas uair a tha mi tighinn gu ʼr n-ionnsuidh. Am bial dithis no triuir fhianuisean seasaidh a h-uile facal. 2 Dhʼ innis mi cheana, ʼs tha mi g-innse roimh laimh, mar a lathair, ach a nis as an lathair, dhaibhse uile a pheacaich roimh, ʼs do chàch uile, nach caomhainn mi, ma thig mi rithist. 3 Am beil dearbhadh bhuaibh air a Chriosta sin, a tha labhairt unnamsa, nach eil anfhann unnaibhse, ach a tha cumhachdach unnaibh? 4 Oir ged a cheusadh e tromh laigse, an deigh sin tha e beo tromh chumhachd Dhe. Oir tha sinne cuideachd lag annsan: ach bithidh sinn beo maille ris tromh chumhachd Dhe unnaibhse. 5 Rannsuichibh sibh fhein, fiach a bheil sibh sa chreideamh: dearbhaibh sibh fhein. An e nach aithne dhuibh sibh fhein, gum beil Iosa Criosta unnaibh? mur do chuireadh theagamh air chul sibh. 6 Ach tha duil agam gum bi fios agaibh nach do chuireadh air chul sinne. 7 A nis tha sinn a guidhe air Dia gun sibh ni air olc a dhianamh, cha n-ann gus sinn fhein fhiachuinn dearbhte, ach gus sibhse na tha math a dhianamh: agus gum bi sinne mar air ar cur air chul. 8 Oir cha n-urrainn duinn ni a dhianamh an aghaidh na firinn, ach air son na firinn, 9 Oir tha sinn a gabhail toil-inntinn a chionn gum beil sinne lag, agus sibhse laidir. So cuideachd tha sinn a guidhe, sibhse a bhith coimhlionta. 10 Uime sin tha mi a sgriobhadh nan nichean so as an lathair, air chor ʼs nach bi mi san lathair mua ʼs cruaidh, a reir na cumhachd, a thug an Tighearna dhomh, gu leas, ʼs cha n-ann gu aimhleas. 11 Mar cheann sguir, a bhraithrean, bithibh aoibhneach, bithibh coimhlion, gabhaibh comhairle, bithibh a dhʼ aon inntinn, bitheadh sith agaibh; agus bithidh Dia na sith agus a ghraidh maille ribh. 12 Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. Tha na naoimh uile a cur bheannachd h-ugaibh. 13 Gun robh grasan ar Tighearna Iosa Criosta, agus carrantachd Dhe, agus co-chomunn an Spioraid Naoimh maille ribh uile. Amen. |