Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 12 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XII. CAIB. A sheallaidhnean ʼsa thaisbeanan: air a bheumadh le Satan: ʼeagal á muinntir Chorint.

1 Ma ʼs fheudar dhomh uaill a dhianamh (cha n-eil sin freagrach gu dearbh), thig mi nis gu seallaidhnean us taisbeanan an Tighearna.

2 Is aithne dhomh duine ann an Criosta bho chionn cheithir bliadhnʼ-diag (co-dhiu ʼsann sa choluinn cha n-aithne dhomh, no as a choluinn cha n-aithne dhomh, aig Dia tha brath) a leithid so de dhuine ghlacadh suas gus an treas neamh.

3 Agus is aithne dhomh a leithid so de dhuine (co-dhiu ʼsann sa choluinn no as a choluinn cha n-aithne dhomh, aig Dia tha brath),

4 Gun do ghlacadh suas do phàrras e; ʼs gun cual e facail dhiomhair nach eil ceadaichte do dhuine innse.

5 As a leithid so ni mi uaill: ach asam fhein cha dian mi uaill idir mur h-ann as mo laigsichean.

6 Oir, ged a bhiodh toil agam uaill a dhianamh, cha bhi mi aimideach: oir their mi an fhirinn: ach tha mi cumail orm, eagal duine mo mheas fos cionn na tha e faicinn unnam, no cluinntinn bhuam.

7 Agus eagal ro-mhiad nan taisbean mo thogail gu ardan, thugadh dhomh bior na mʼ fheoil, aingeal shatain gus mo bheumadh.

8 Air son so ghuidh mi air an Tighearna tri uairean gum falbhadh e bhuam;

9 Us thuirt e rium: Foghnaidh mo ghrasan dhut: oir nithear cumhachd coimhlion ann an laigse. Air an aobhar so ni mi uaill gu toileach na mʼ laigsichean, los cumhachd Chriosta a thamh unnam.

10 As leth sin tha mi gabhail tlachd na mʼ laigsichean, ann an taire, ann an uireasuidh, ann an geur-leanmhuinn, ann an airc air son Chriosta: oir nuair tha mi anfhann, an sin tha mi cumhachdach.

11 Dhʼ fhas mi aimideach, thug sibhse sin orm. Oir thigeadh dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: ʼs nach bu lugha idir mi na iadsan, a tha fos cionn tomhais ʼnan ostail, ged is neoni mi:

12 Leis a sin rinneadh comharraidhnean mʼ ostalachd soilleir oirbhse anns gach uile fhaighidin, ann an comharraidhnean, ʼs am miarailtean, agus am mor-fheartan.

13 Oir ciod e a bhʼ agaibh na bu ghainne na na h-eaglaisean eile, mur e nach robh mi fhein na mʼ eallach oirbh? Mathaibh dhomh an cron so.

14 Seall, so an treas uair a tha mi deas gu tighinn gu ʼr n-ionnsuidh; ʼs cha chuir mi truime oirbh. Oir cha n-e ur cuid a tha bhuam, ach sibh fhein. Oir cha n-iad a chlann dha ʼn còir storas a thasgadh dha ʼm parantan, ach na parantan dha ʼn cloinn.

15 Oir le mʼ uile thoil caithidh mise, agus caithear mi air son ur n-anmannan: ged, a toirt barrachd gaoil duibh, bheirear nas lugha gaoil domh.

16 Agus mar sin biodh: cha robh mi trom oirbh: ach le mi bhith seolta, ghlac mi sibh le foill.

17 Na mheall mi sibh le aon dhiusan, a chuir mi gu ʼr n-ionnsuidh?

18 Dhʼ iarr mi air Titus a dhol, agus chuir mi brathair comhla ris. An tug Titus an car asaibh? nach do ghluais sinn san spiorad chiadna? agus sna ceuman ciadna?

19 Roimh so, am beil sibh saoilsinn gum beil sinn a gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a labhairt an lathair Dhe ann an Criosta: ach, a mhuinntir mo ghraidh, an t-iomlan gu leas duibhse.

20 Oir tha eagal orm, nuair thig mi nach fhaigh mi sibh theagamh mar bu mhath leam; ʼs gum faighear mi leibhse, mar nach bu mhath leibh: eagal ma dhʼ fhaoidte consachadh, farmad, gamhlas, aimhreit, culchainnt, cogarsaich, prois, upraidean a bhith ʼnur measg:

21 A rithist air eagal, nuair a thig mi, gun umhlaich Dia mi ʼnur measg; ʼs gun caoidh mi moran dhiusan, a pheacaich roimh so, ʼs nach dʼ rinn peanas air son na neo-ghloine, ʼs an striopachais, ʼs na druise, a rinn iad.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan