Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 11 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XI. CAIB. Is fheudar dha e fhein ʼsa shaothair a mholadh, eagal muinntir Chorint a bhith air am mealladh le ostail-bhreige.

1 Gun tugadh Dia dhuibh cur suas ri neoni bheag dhe mʼ aimideachd, ach giulanaibh leam:

2 Oir tha mi eudmhor umaibh le eud Dhe. Oir chuir mi ceangal-posaidh oirbh ri aon fhear, gus ur tairgse mar oigh fhior-ghlain do Chriosta.

3 Ach tha eagal orm, ceart mar a mheall an nathair Eubha le a ceilg, gun truaillear ur n-inntinn-sa, agus gun tuit sibh bho ʼn aon-fhillteachd a thʼ ann an Criosta.

4 Oir ma shearmonaicheas am fear a thig Criosta eile, nach do shearmonaich sinne, no ma gheobh sibh spiorad eile nach dʼ fhuair sibh, no soisgeul eile nach do ghlac sibh, is ceart gum fuiligeadh sibh e.

5 Ach tha mi ʼm barail nach dʼ rinn mi a bheag nas lugha na na h-ostail mhora.

6 Oir ged a tha mi mi-dheiseil ann an cainnt, cha n-eil mi sin ann an eolas: ach anns a h-uile ni rinneadh sinn follaiseach dhuibhse.

7 No an dʼ rinn mi coire, gam isleachadh fhein, gu sibhse ardachadh? chionn gun do theagaisg mi soisgeul De dhuibh a nasgaidh?

8 Chreach mi eaglaisean eile, a gabhail duaise bhuapa gu frithealadh dhuibhse.

9 ʼS nuair a bha mi ʼnur measgsa, ʼs mi an uireasuidh, cha robh mi na mʼ eallach air duine: oir rinn na braithrean, a thainig bho Mhacedonia suas na bha a dhith orm, us anns gach ni ghleidh mi mi fhein bho bhith na mʼ chudthrom oirbh, agus gleidhidh.

10 Mar tha firinn Chriosta unnam, cha bhacar an uaill so leamsa ann an duchannan Achaia.

11 Car-son? An e nach toigh leam sibh? Tha fios aig Dia.

12 Ach na tha mi dianamh, ni mi, gu fàth na feadhnach a tha g-iarraidh cion-fàth a chasgadh, los gum faighear iad, anns an ni as a bheil iad a dianamh uaille, coltach ruinne.

13 Oir tha ʼn leithidean sin de dhʼ ostail-bhreige ʼnan luchd-oibre cealgach, a gabhail orra fhein riochd ostail Chriosta.

14 Agus cha n-ioghnadh: ʼs gum beil satan ga chur fhein an riochd aingeal soluis.

15 Uime sin cha mhor e, gun gabh a sheirbhisich orra coltas luchd-frithealaidh a cheartais: ach bithidh an crioch a reir an oibrichean.

16 Theiream a rithist (na saoileadh aon sa bith mi bhith aimideach, air-neo gabhaibh rium mar aimideach, los gun dian mise cuideachd beagan uaille):

17 Na tha mi labhairt, cha n-eil mi ga labhairt a reir Dhe, ach mar gum bʼ eadh ann an aimideachd, a thaobh cuis na h-uaille so.

18 Chionn tha moran dianamh uaille a reir na feola, ni agus mise cuideachd.

19 Oir fuiligidh sibh amadain gu deonach, le sibh fhein a bhith glic.

20 Oir giulainidh sibh ma bheir neach am braighdeanas sibh, ma dhʼ ichear suas sibh, ma ghabhar ur cuid, ma dhʼ ardaichear neach, ma bheir neach buille dhuibh san aodann.

21 Tha mi labhairt a reir as-onair, mar gum bithemid lag sa chàs so. Far a bheil aon sa bith dana (tha mi labhairt gu h-amaideach) tha mise dana cuideachd:

22 Is Eabhraich iad, is amhuil mise; às Isralaich iad, is amhuil mise; ʼsann de shliochd Abrahaim iad, is amhuil sin mise;

23 Is luchd-frithealaidh Chriosta iad, (tha mi labhairt mar dhuine air bheag ceille) is mua na sin mise: ann am moran shaothraichean, nas tric am priosanan, an sgiursaidhean fos cionn tomhais, am bàsaibh gu minic.

24 Dhʼ fhuilig mi bho na h-Iudhaich coig uairean dà-fhichead strachd, ach a h-aon.

25 Tri chuairt sgiursadh mi le slatan, aon uair chlachadh mi, tri uairean bhristeadh an long orm, oidhche agus latha bha mi an doimhne na mara,

26 Air turusan gu tric, an cunnartan aibhnichean, an cunnartan mheirleach, an cunnartan bho mo chinneadh fhein, an cunnartan bho na cinnich, an cunnartan sa bhaile, an cunnartan san fhasach, an cunnartan air muir, an cunnartan bho bhraithrean foilleil;

27 An saothair ʼs an trioblaid, am moran faire, an acras ʼs am pathadh, an traisg gu tric, am fuachd ʼs an lomnochd;

28 A bharrachd air na nichean so a tha an leth-mach, mʼ iomaguin lathail, curam nan eaglaisean uile.

29 Co tha lag, gun mise a dhʼ fhas lag? Co tha faotuinn sgainneil, ʼs nach eil mise gam losgadh?

30 Ma ʼs fheudar dhomh uaill a dhianamh; ni mi uaill a thaobh nan nichean a bhuineas dha mʼ laigse.

31 Tha fios aig Dia ʼs aig Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a tha beannaichte gu siorruidh, nach eil mi ri briagan.

32 Aig Damascus chuir uachdran cinneadh righ Areta freiceadan air baile muinntir Dhamascuis, gus mo ghlacadh;

33 Agus tromh uinneig leigeadh sios mi leis a bhalla ann an cliabh, ʼs mar sin thàr mi as a lamhan.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan