2 Corintianach 10 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875X. CAIB. Gu stad a chur air caineadh agus bosd nan ostal-breige, tha e fiachuinn cumhachd ostalachd fhein. 1 A nis tha mise fhein Pol a guidhe oirbh á uchd ciuineachd us stuamachd Chriosta, mise a tha san lathair diblidh ʼnur measg, ach as an lathair dana oirbh. 2 Ach tha mi guidhe oirbh, gus nach fheum mi bhith dana san lathair leis a mhisnich sin, leis a bheileas gam shaoilsinn dana an aghaidh cuid de dhʼ fheadhainn, a tha coimhead oirnn mar gum bithemid a g-imeachd a reir na feola. 3 Oir ged tha sinn a g-imeachd san fheoil, cha n-eil sinn a cogadh a reir na feola. 4 Oir cha n-eil airm ar cogaidh feolmhor, ach cumhachdach fo Dhia gu leagadh dhaingnichean, a cur as do chomhairlean, 5 ʼS do ʼn h-uile airde, a thogas e fhein suas an aghaidh eolas De, ʼsa toirt fo chuing a h-uile tuigse gu umhlachd do Chriosta, 6 Agus glan-deas gu diughaltas a dhianamh air a h-uile as-umhlachd, nuair a choimhlionar ur n-umhlachd-sa. 7 Faicibh na nichean a tha air reir coltais. Ma tha duine air bith a g-earbsa as fhein, gur le Criosta e, smaoinicheadh e air so ann fhein a rithist, ceart mar is le Criosta esan, gur leis sinne cuideachd. 8 Agus, ged a ghabhainn roinn de bharrachd uaill as ar cumhachd, a thug an Tighearna dhuinn gu ʼr leas ʼs cha n-ann gu ʼr n-aimhleas, cha bu nàire leam. 9 Ach gus nach saoilear gum beil mi, mar gum bʼ e, a cur eagail oirbh le litrichean: 10 Oir tha a litrichean gu dearbh cudthromach agus laidir, their iad: ach tha a lathaireachd chorporra anfhann, agus a labhairt gun diù: 11 Am fear a tha sa bharail so tuigeadh e so, gum bi sinn san lathair ann an gniomh, mar tha sinn as an lathair ann am facal le litrichean. 12 Oir cha n-eil a dhanadas againn sinn fhein a choimeas no shamhlachadh ri cuid a dhʼ fheadhainn, a tha gam moladh fhein: ach tha sinn ga ʼr tomhas fhein ruinn fhein, ʼs ga ʼr samhlachadh fhein ruinn fhein. 13 Ach cha dian sinn uaill fos cionn tomhais, ach a reir tomhas na riaghailte, leis na thomhais Dia dhuinn, tomhas cuideachd leis an ruigear sibhse. 14 Oir cha n-eil sinn ga ʼr sineadh fhein fos cionn ar tomhais, mar nach bitheadh sinn gu ʼr ruighinn-sa: oir rainig sinn sibhse le soisgeul Chriosta: 15 Gun a bhith gabhail uaille thar tomhas á dianadas feadhnach eile: ach ann an earbsa, le leasachadh ur creidimhse, a bhith a reir ar riaghailt air ar n-ardachadh gu pailt unnaibh, 16 Seadh gus an soisgeul a shearmonachadh sna h-aiteachan a tha seachad oirbh, cha n-ann a dhianamh uaille á riaghailt fir eile anns na nichean a rinneadh deas dha ʼr laimh. 17 Ach esan a tha dianamh uaille, dianadh e uaill anns an Tighearna. 18 Oir cha n-e am fear, a tha ga mholadh fhein, a tha taitneach, ach esan a tha Dia moladh. |