2 Corintianach 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875I. CHAIBIDEAL. Tha e labhairt mu dheidhinn a thrioblaidean ann an Asia: a fiachuinn nach i an leisga chum e bho thighinn gan ionnsuidh: a g-innse steidhealachd us treibhdhireas a theagaisg. 1 Pol, ostal Iosa Criosta le toil De, agus Timoti, brathair, gu eaglais Dhe a tha an Corint, maille ris na naoimh uile, a tha ann an Achaia gu leir. 2 Grasan gun robh dhuibhse agus sibh bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. 3 Beannaichte gun robh Dia us Athair ar Tighearna Iosa Criosta, Athair nan trocair, agus Dia gach furtachd, 4 A tha furtachadh oirnn ʼnar n-uile chàs; gus sinn a bhith comasach air furtachadh orrasan, a tha ann an gàbhadh sa bith, tromh ʼn bhrosnachadh leis a bheil sinn fhein air ar brosnachadh bho Dhia. 5 Oir mar a tha fulangasan Chriosta pailt unnainne, mar sin tromh Chriosta is pailt ar furtachd cuideachd. 6 A nis ma tha sinn an trioblaid, ʼsann gu sibhse a chur h-uige ʼsa shabhaladh, no ma tha sinn air ar furtachadh, ʼsann gu sibhse fhurtachadh, no ma tha sinn air ar brosnachadh, ʼsann gu sibhse a bhrosnachadh ʼsa shabhaladh, ni tha toirt seachad faighidin gu giulan leis na ceart fhulangasan a tha sinn fhein a fulang; 7 Gus ar dochas a bhith daingeann as ur leth: us fios againn mar tha comh-phairt agaibh sna fulangasan, gum bi sin agaibh cuideachd san aoibhneas. 8 Oir cha mhath leinn, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach air an trioblaid a thainig oirnn an Asia, gun robh sinn air ar sarachadh thar tomhas agus fos cionn ar neart, ann an rathad ʼs gun robh sinn sgith dhe ʼr beatha. 9 Ach bha binn a bhàis againn unnainn fhein, gus nach cuiremid earbsa asainn fhein, ach á Dia, a thogas na mairbh: 10 A shaor sinn, ʼsa tha ga ʼr saoradh bho chunnartan cho mor; as a bheil sinn a g-earbsa gun saor e sinn fhathast, 11 Le ur n-urnaigh-sa air ar son a bhith ga ʼr cuideachadh; air chor ʼs gun toirear buidheachas seachad le moran air ar son, as leth na gibht so a fhuaradh dhuinn le moran sluaigh. 12 Oir si so ar gloir, teisteanas ar cogais, gur h-ann an aon-fhillteachd cridhe, ʼs an treibhdhireachd Dhe, cha n-ann an gliocas feolmhor, ach an grasan De, a bha ar comhradh anns an t-saoghal so: agus gu mor nas pailte dha ʼr taobhsa. 13 Oir cha n-eil sinn a sgriobhadh nichean eile gu ʼr n-ionnsuidh, ach na leugh sibh agus a bʼ aithne dhuibh. Agus tha mi an dochas gun aithnich sibh gus a chrioch, 14 Ceart mar dhʼ aithnich sibh sinn am pairt, gur sinne ur gloir, mar is sibhse ar gloir-ne, ann an latha ar Tighearna Iosa Criosta. 15 Us anns an earbsa so bha toil agam tighinn gu ʼr n-ionnsuidh, los gum faigheadh sibh an ath ghras; 16 ʼSa gabhail ur rathaid-sa do Mhacedonia; us tighinn a rithist bho Mhacedonia gu ʼr n-ionnsuidh, gun dian sibh iul dhomh na mʼ thurus do Iudéa. 17 Nuair ma ta bha ʼm; beachd so agam, na chleachd mi luaineachas? No n-ann a reir na feola tha mi cur romham, na tha mi cur romham, air chor ʼs gum bi agam, Se, us Cha n-e? 18 Ach tha Dia firinneach, oir anns an teagasg a thug sinn dhuibhse, cha n-eil Se, agus, Cha n-e. 19 Oir Mac Dhe, Iosa Criosta, a chaidh shearmonachadh ʼnur measg leinne, leamsa, ʼs le Silbhanus, ʼs le Timoti, cha bʼ esan Se, us, Cha n-e, ach annsan bʼe Se. 20 Oir annsan tha gealltanasan uile Dhe ʼnan Se: agus uime sin troimh-san ʼnan Amen do Dhia gus ar gloir-ne. 21 A nis esan a tha ga ʼr neartachadh maille ribhse ann an Criosta, ʼsa dhʼung sinn, se Dia; 22 Agus a sheul sinn cuideachd, ʼsa thug earlas an Spioraid dhuinn ʼnar cridheachan. 23 Ach tha mi gairm Dhe ʼna fhianuis air mʼ anam, gur h-ann gus ur caomhnadh-sa, nach tainig mi tuille do Chorint: cha n-e gum beil sinn a gabhail uachdranachd air ur creideamh, ach gur sinn luchd-cuideachaidh ur sòlais: oir tha sibh steidheil sa chreideamh. |