Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VI. CAIB. Dleasnas sheirbheiseach: cunnart sannt; comhairlean do dhaoine beairteach.

1 Feadhainn air bith a tha ʼnan seirbhisich fo chuing, measadh iad gur airidh am maighistirean air a h-uile urram, aireagal ainm an Tighearna ʼsa theagasg a dhʼ fhaighinn toibheum.

2 Ach iadsan aig a bheil maighistirean creideach, na sealladh iad sios orra, a chionn ʼs gur braithrean iad: ach dianadh iad seirbhis dhaibh a raghainn, a chionn iad a bhith ʼnan creidich agus gradhaichte, agus roinn aca dhe ʼn tiodhlac. Teagaisg so, agus comhairlich.

3 Ma tha gin sa bith a teagasg a chaochla, ʼs nach eil a g-aontachadh do fhacail fhallain ar Tighearna Iosa Criosta, ʼs do ʼn teagasg sin a tha a reir diadhachd,

4 Tha e uaibhreach, gun aithne air ni sa bith, ach ʼna bhreislich a thaobh cheisdean, us chonsachaidh mu bhriathran: bho ʼn eirich farmad, deaspud, blaisbheum, agus droch amharusan,

5 Carraidean dh aoin e air an truailleadh ʼnan inntinn, air a bheil an fhirinn a dhith, a saoilsinn gur buannachd diadhachd.

6 Ach is buannachd mhor diadhachd maille ri toil-inntinn.

7 Oir cha tug sinn dad leinn thun an t-saoghail so; agus is cinnteach nach toir sinn dad as.

8 Ach le biadh a bhith againn, us aodach gus ar n-eideadh, bithemid toilichte leo.

9 Oir tuitidh an fheadhainn, a tha ʼn geall air a bhith beairteach, am buaireadh, ʼs an ribe an deomhain, ʼs an iomadh miann gun mhath agus cronail, a tha cur dhaoine fodha gu sgrios ʼs gu diteadh.

10 Oir se deidh air airgiod friamh a h-uile uilc; a sanntachadh so, chaidh cuid air seachran bho ʼn chreideamh, agus ribeadh iad ann an iomadh doruinn.

11 Ach thusa, O dhuine le Dia, teich bhuatha so: agus lean ceartas, creideamh, carrantachd, faighidin, ciuineachd.

12 Cath deagh chath a chreidimh; dian greim air a bheatha shiorruidh, dhʼ ionnsuidh na ghairmeadh thu, ʼs na dhʼ aidicheadh leat deagh aideachadh an lathair moran fhianuisean.

13 Tha mi cur mu dʼ choinneamh an lathair Dhe, a tha beothachadh a h-uile ni, ʼs an lathair Iosa Criosta, a thug teisteanas fo Phontius Pilat, deagh aideachadh,

14 Gun cum thu an fhainte gun smal, gun choire gu tighinn ar Tighearna Iosa Criosta,

15 A nochdas esan ʼna amannan fhein, a tha beannaichte agus ʼna aonar cumhachdach, Righ nan righrean, agus Tighearna nan tighearnan:

16 A tha ʼna aonar neo-bhàsmhor, ʼsa tha tamh ann an solus air nach gabh ruighinn: nach fhaca duine riamh, ʼs nach urrainn do dhuine fhaicinn: dhasan gun robh onair, agus rioghachd shiorruidh. Amen.

17 Orduich do dhaoine beairteach an t-saoghail so, gun iad a bhith ard-aigneach, no earbsa a chur á beartas neo-chinnteach, ach as an Dia bheo (a tha buileachadh oirnn gach ni gu pailt gus am mealtuinn),

18 Math a dhianamh, a bhith beairteach an deagh oibrichean, deas gu toirt seachad, ʼs gu càch a chobhair,

19 Maoin a chur suas dhaibh fhein, bun math mu choinneamh an ama ri tighinn, los gun dian iad greim air an fhior bheatha.

20 O Thimoti, gleidh sin a chaidh earbsa riut, a seachnadh ùr-shuidheachadh ain-diadhaidh bhriathran, us comhstri mu eolas, a thʼ air ainmeachadh mar so gu briagach,

21 Chaidh cuid, le creideas a thoirt da, am mearachd a thaobh creidimh. Grasan gun robh maille riut. Amen.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan