Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 5 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


V. CAIB. Tha e toirt chomhairlean dha thaobh bhantraichean, us ciamar a ghiulaineas e e fhein an caramh na cleire.

1 Na cronaich gu garg duine aosda, ach grios air mar athair: air daoine oga, mar bhraithrean:

2 Air seann mhnathan, mar mhathraichean: air boirionnaich oga, mar pheathraichean leis a h-uile geamnachd:

3 Thoir onair do bhantraichean, a tha ʼnain bantraichean a rireamh.

4 Ach ma tha clann no oghachan aig bantraich air bith, ionnsuicheadh i an toiseach a tigh fhein a riaghladh, agus a dleasnas a dhianamh ri ʼparantan: oir tha so taitneach an lathair Dhe.

5 Ach ise a tha ʼna bantraich a rireamh, ʼs air a fagail leatha fhein, biodh a h-earbsa ann an Dia, us thugadh i i fhein, a dhʼ oidhche ʼsa latha, do dhʼ urnaigh ʼs do dhʼ achanaich:

6 Oir tha ise, a tha tighinn beo an ailghios, marbh ged a tha i beo.

7 Agus cuir so mu ʼn coinneamh, gus iad a bhith gun choire.

8 Ach ma tha duine air bith ann, nach eil a gabhail curaim dhe mhuinntir fhein, dhiusan gu h-araid a tha ʼna thigh, dhʼ aicheadh e an creideamh, agus tha e na ʼs miosa na ana-creideach.

9 Biodh bantrach air a taghadh, nach eil na ʼs lugha na tri fichead bliadhna a dhʼ aois, a bha ʼna mnaoi aon duine,

10 Us teisteanas deagh oibrichean aice, ma thog i a clann gu math, ma ghnathaich i aoidheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma fhreasdail i orrasan a tha fo thrioblaid, ma rinn i a h-uile deagh obair le dichioll.

11 Ach seachuinn bantraichean mua ʼs og: oir nuair dhʼ fhasas iad mear an Criosta, is toigh leo posadh,

12 ʼS iad fo dhiteadh, a chionn gun tug iad gu neo-bhrigh an ciad chreideamh.

13 Us comhla ri sin, le bhith diomhain, ionnsaichidh iad dol mun cuairt bho thigh gu tigh: us cha n-e mhain diomhain a tha iad, ach bialach cuideachd, us feorachail, a bruidhinn air nichean nach còir dhaibh.

14 Is math leam ma ta gum pos na bantraichean oga, gum beir iad clann, gum bi iad ʼnam bana-mhaighistirean theaghlaichean, gun aobhar a thoirt do ʼn namhaid air olc a labhairt.

15 Oir thionndaidh cuid air falbh a cheana an deigh shatain.

16 Ma tha bantraichean aig creideach air bith, freasdaileadh e orra, ʼs na biodh an cudthrom air an eaglais; gus am bi ann na dhʼ fhoghnas dhaibh-san, a tha ʼnam bantraichean a rireamh.

17 Biodh na sagairt, a tha riaghladh gu math, air am meas toillteanach air onair dhubailte: gu h-araid iadsan, a tha ri saothair san fhacal, ʼs anns an teagasg.

18 Oir tha an Sgriobtur a g-radh: Na ceangail bial an daimh, a tha saltairt an arbhair; agus: Is airidh an cosnach air a dhuais.

19 An aghaidh sagairt na gabh casaid, ach le dithis, no le triuir fhianuisean.

20 Iadsan a pheacaicheas cronaich ʼnan lathair uile, gu eagal a chur air càch.

21 Tha mi guidhe ort an lathair Dhe, us Iosa Criosta, ʼs nan ainglean taghte, gun cum thu na nichean so gun eisimeil, gun ni dhianamh le claonadh a null no nall.

22 Na leag lamhan air chabhaig air duine sam bith, ʼs na biodh comhphairt agad am peacannan dhaoine eile. Gleidh thu fhein geamnaidh.

23 Na lean na ʼs fhaide air uisge ol, ach cleachd beagan fiona air son do stamaig, us tʼ easlaintean tric.

24 Tha peacannan cuid de dhaoine follaiseach, a gabhail rompa gu breitheanas: us cuid eile, ʼsann tha iad gan leantuinn.

25 Mar an ciadna tha oibrichean matha follaiseach; agus iadsan, a tha air chaochla seoil, cha ghabh an cleith.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan