Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. An seorsa dhaoine a tha freagrach gu bhith ʼsa chleir: si an eaglais carragh na Jirinne.

1 Is facal firinneach so: Ma tha deidh aig duine sa bith air driachd easbuig, tha a dheidh air obair mhath.

2 Is còir do easbuig ma ta a bhith gun ghiomh, ʼna fhear aona mhna, measarra, glic, deagh bheusach, geamnaidh, fialaidh, ʼna fhear-teagaisg,

3 Gun a bhith ʼna phoitear-fiona, no ʼna fhear-bhuillean, ach modhail, neo-chonspaideach, gun sannt, ach,

4 ʼNa fhear a riaghlas gu math a thigh fhein, a cumail a chloinne fo smachd leis a h-uile geamnachd.

5 Achmur aithnedo dhuine a thigh fhein a rian, ciamar a bheir e an aire air eaglais Dhe?

6 Cha n-ann ʼna ùr-chreideach: air eagal, a g-at le prois, gun tuit e fo bhreitheanas an aibhistir.

7 Cha n-fhuilear dha cuideachd deagh theisteanas a bhith aige bho ʼn fheadhainn a tha muigh, air eagal gun tuit e fo thaire, ʼs an ribe an deomhain.

8 Biodh na deaconan mar an ciadna geamnaidh, gun teanga dhubailte, gun a bhith titheach air moran fiona, no gionach gu buannachd shalaich:

9 A cumail mistire a chreidimh an cogais ghlain.

10 Agus biodh iad sin cuideachd air an dearbhadh an toiseach; ʼs an sin frithealadh iad, gun aon choire fuaighte riu.

11 Mar an ciadna biodh na boirionnaich banail, cha n-ann ri cul-chàineadh, ach stuama, dileas anns a h-uile ni.

12 Biodh na deaconan ʼnam fir aona mhna: a riaghladh gu math an cloinne, ʼs an tighean fhein.

13 Oir iadsan a fhritheil gu math, coisnidh iad dhaibh fhein deagh inbhe, agus mor earbsa anns a chreideamh, a tha ann an Iosa Criosta.

14 Tha mi sgriobhadh so h-ugad ann an dochas tighinn ga dʼ choimhead gu h-aithghearr.

15 Ach ma dhʼ fhanas mi fada, gu fios a bhith agad ciamar is còir dhut thu fhein a ghiulan ann an tigh an De bheo, se sin eaglais an De bheo, steidh agus carragh na firinne.

16 Agus gu beachd is mor mistire na diadhachd, a thaisbeanadh san fheoil, a naomhaicheadh san spiorad, a nochdadh do ainglean, a theagaisgeadh do na cinnich, a chreideadh san t-saoghal, a thogadh gu gloir.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan