Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


II. CAIB. Tha urnaigh ri cur suas air son dhaoine uile, a chionn gur e toil Dhe daoinc uile a bhith sabhailte: cha chòir do bhoirionnaich a bhith teagasg.

1 Tha mi g-achanaich romh gach ni, gun rachadh achanaichean, urnaighean, eadar-ghuidhe, agus breith-buidheachas a thairg so suas air son dhaoine uile,

2 Air son righrean, us iadsan uile a tha an ard-inbhe, air chor ʼs gun caith sinn ar beatha le samhchair, ʼs le sith, anns a h-uile diadhachd agus geamnachd:

3 Oir tha so math agus taitneach an lathair Dhe ar Slanair,

4 Aig a bheil toil daoine uile a bhith sabhailte, ʼsa thighinn gu eolas air an fhirinn.

5 Oir tha aon Dia ann, agus aon eadar-mhiadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Criosta,

6 A thug e fhein seachad ʼna eirig air son dhaoine uile, ʼna theisteanas ann an àm iomchuidh:

7 H-uige so tha mise air mʼ orduchadh na mʼ shearmonaiche, ʼs na mʼ ostal (tha mi labhairt na firinn, ʼs cha bhriag), fear-teagaisg nan cinneach an creideamh, ʼs am firinn.

8 ʼS aill leam ma ta daoine a dhianamh urnaigh ʼs gach aite, a togail suas lamhan glana gun ghamhlas, gun chonsachadh.

9 Na boirionnaich mar an ciadna, ann an uidheam dhealbhaich, gan sgeadachadh fhein le modhalachd, ʼs le stuaime, cha n-ann le falt ʼna dhuail, no le òr, no le leugan, no le eideadh luachor:

10 Ach, mar a thig do bhoirionnaich, a cleachdadh diadhachd, le deagh oibrichean.

11 Ionnsuicheadh am boirionnach ann an tosdachd leis a h-uile umhailteas.

12 Cha n-eil mi leigeil le boirionnach a bhith teagasg, no uachdranachd a ghabhail air an duine, ach a bhith ʼna tosd.

13 Oir chruthaicheadh Adhamh an toiseach, ʼs an sin Eubha.

14 Agus cha n-e Adhamh a mhealladh: ach si am boirionnach, ʼs i air a mealladh, a bha sa choire.

15 A dhʼ aindeoin sin sabhalar i tromh bhreith cloinne, ma bhuan-leanas i ri creideamh, ʼs ri gradh, ʼs ri naomhachd le stuaime.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan