Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


I. CHAIBIDEAL. Tha e cur Thimoti an cuimhne air a dhriachd: ʼsa toirt taing do Dhia air son an iochd a dhʼ fhiach e dha fhein.

1 Pol, ostal Iosa Criosta, a reir fainte Dhe ar Slanair, agus Iosa Criosta ar dochas,

2 Gu Timoti, a mhac gradhach sa chreideamh. Grasan, trocair, agus sith bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta ar Tighearna.

3 Mar a dhʼ iarr mi ort fuireach an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedonia, los gun sparradh tu air cuid de dhʼ fheadhainn, gun iad a bhith teagasg air chaochla doigh,

4 ʼS gun iad a bhith toirt feairt air sgialachdan, ʼs air sloinntearachd gun cheann: nichean is dòcha ceisdean a thogail, na oileanachadh diadhaidh, a tha sa chreideamh.

5 A nis se is crioch do ʼn fhainte carrantachd bho chridhe glan, ʼs bho dheagh chogais, agus bho chreideamh gun fhoill.

6 Bho bheil cuid air dol air seachran, ʼs air tionndadh a leth-taobh gu faoin-labhairt,

7 A sireadh gu bhith ʼnan luchd-teagaisg an lagha, gun a bhith tuigsinn ciod a tha iad a g-radh, no ciod a tha iad a cur an ceill.

8 Ach is aithne dhuinne gum beil an lagh math, ma tha neach a toirt deagh bhuil as:

9 A tuigsinn so, nach deach anlagh athoirt seachad air son an duine cheart, ach air son dhaoine eucorach agus as-umhailt, air son dhaoine mi-dhiadhaidh agus peacach, air son dhaoine aingidh us neoghlan, air son mhurtairean aithrichean, us mhurtairean mhathraichean, agus mhurtairean eile,

10 Air son luchd-diolanais, air son feadhnach a tha gan truailleadh fhein ri firionnaich, air son luchd-goid dhaoine, air son bhriagadairean, air son luchd-mhionnan-eithich, ʼs air son gach ni eile, a tha an aghaidh teagaisg fhallain,

11 A tha a reir soisgeul gloir an De bheannaichte, a chaidh earbsa riumsa.

12 Tha mi toirt taing dha-san a neartaich mi, seadh do Iosa Criosta ar Tighearna, a chionn gun do mheas e mi dileas le mo chur san fhrithealadh so:

13 A bha roimh so am fhear blaisbheum, geur-leanmhuinn, agus taireil: ach rainig mi air trocair Dhe: a chionn gun dʼ rinn mi so gu h-aineolach ann am mi-chreideamh.

14 A nis chinn grasan an Tighearna gu ro-phailt leis a chreideamh ʼsa ghradh, a tha ann an Iosa Criosta.

15 Is facal firinneach so, is fhiach a chreidsinn le uile dhaoine: gun tainig Iosa Criosta thuu an t-saoghail so gu peacaich a shabhaladh, agus is mise an ceann-feadhna:

16 Ach ʼsann air son so a rainig mi air trocair, gu Iosa Criosta a dhʼ fhiachuinn a h-uile faighidin unnamsa an toiseach, los soilleireachadh a thoirt dhaibh a chreideas ann gu beatha shiorruidh.

17 A nis do righ nan linn, neo-bhàsmhor, neo-fhaicinneach, an t-aon Dia, gun robh onair agus gloir a chaoidh nan caoidh. Amen.

18 An fhainte so tha mi g-earalachadh ort, a Thimoti, a mhic, a reir nam faisneachd roimh so as do leth, gun cath thu unnta deagh chath,

19 Le creideamh a bhith agad, agus deagh chogais, a thilg cuid bhuapa ann an rathad ʼs gun dʼ eirich dhaibh long-bhristeadh a thaobh creidimh:

20 Dhiu sin tha Hemenéus, us Alastair, iadsan liubhair mise do shatan, gus iad a dhʼ ionnsachadh gun a bhith ri blaisbheum.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan