Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Peadar 4 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


IV. CAIB. Tha e gan comhairleachadh sgur de ʼn pheacadh: us carrantachd bhraithreil a bhith aca: gach ni dhianamh gu gloir Dhe: ʼsa bhith deònach fulang air son Chriosta.

1 Bhon a dhʼ fhuilig Criosta ma ta san fheoil, bithibhse cuideachd armaichte leis an smaoineachadh chiadna: oir esan a dhʼ fhuilig san fheoil, sguir e de pheacannan;

2 Los gum bi e nis a chuid eile dhe a latha beo san fheoil, cha n-ann a reir toil dhaoine, ach a reir toil De.

3 Oir is leor an uine chaidh seachad gu coimhlionadh toil nan cinneach dhaibh-san, a ghluais an roic, an druis, an anabarr fiona, an raoitearachd, an cuilmean, ʼs an iodhol-aoradh neo-laghail.

4 Bho sin tha iad ga shaoilsinn ʼna iongantas, nach eil sibhse a ruith comhla riu thun an uamhais chiadna de roic, a labhairt air olc oirbhse:

5 A bheir cunntas dhasan, a tha deas gu breth a thoirt air bheo ʼs air mhairbh.

6 Oir sann air son so fhein a chaidh an soisgeul a shearmonachadh do na mairbh; gu breth a thoirt orra gu dearbh a reir dhaoine san fheoil, ach a bhith beo a reir Dhe san Spiorad.

7 Tha crioch gach ni aig laimh. Bithibh glic ma ta, us dianaibh caithris ri urnaighean.

8 Ach romh ʼn h-uile ni biodh carrantachd bhuan agaibh do gach a cheile: oir tha charrantachd a falach moran pheacannan:

9 A cleachdadh aoidheachd ri gach a cheile gun ghearan:

10 A reir ʼs mar a fhuair gach aon grasan, gan riarachadh air a cheile, mar dheagh luchd-buileachaidh grasan lionor Dhe.

11 Ma labhras duine, labhradh e mar bhriathran Dhe; ma tha duine ri frithealadh, biodh e ris mar leis a chumhachd, a tha Dia buileachadh air; los Dia a dhʼ fhaighinn onair anns a h-uile ni tromh Iosa Criosta, dha bheil gloir agus rioghachd ri linn nan linn. Amen.

12 A mhuinntir mo ghraidh, na gabhaibh ioghnadh as an teas loisgeach a tha gus ur dearbhadh, mar gum bu rud ùr a dhʼ eireadh dhuibh:

13 Ach leis gum beil roinn agaibh am fulangas Chriosta, bithibh aoibhinn, chionn, nuair a thaisbeanar a ghloir, gun dian sibh aoibhneas le mor aighear.

14 Ma nithear taire oirbh air son ainm Chriosta, bithidh sibh beannaichte: oir sin a tha gu onair, gu gloir, ʼs gu cumhachd Dhe, agus esan is Spiorad da, ni e tamh oirbh.

15 Ach na fuiligeadh a h-aon agaibh mar mhurtair, no mar mheirleach, no mar fhear-càinidh, no mar sanntach air cuid chàich.

16 Ach ma ʼsann mar chriostaidh, na biodh nàire air: ach thugadh e gloir do Dhia san ainm sin.

17 Oir tha an t-àm ann gun tòisich breitheanas aig tigh Dhe. Us ma ʼsann againn an toiseach, ciod a chrioch a bhios aca-san, nach eil a creidsinn soisgeul Dhe?

18 Agus ma ʼs gann a thiarnar an duine ionraic, càit am fiach an duine mi-dhiadhaidh ʼs am peacach iad fhein?

19 Le sin iadsan, a tha fulang a reir toil De, earbadh iad an anmannan ann an deagh ghniomhran ris a Chruthadair dhileas.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan