1 Peadar 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875III. CAIB. Mar bu choir do mhnathan a bhith umhailt dha ʼm fearaibh: ciod an sgeadachadh a thigeadh dhaibh a shireadh: brosnachadh gu subhailcean. 1 Mar an ciadna biodh mnathan umhailt dha ʼm fearaibh; los, ma tha feadhainn nach eil a creidsinn an fhacail, gum biodh iad as aonais an fhacail air an cosnadh le caithe-beatha nam ban, 2 Le iad a bhith beachdachadh air ur giulan beusach le fiamh. 3 Biodh an sgeadachadh cha n-ann air an taobh-mach le dualadh an fhuilt aca, no le cur suas òir no riomhachas eididh: 4 Ach duine diomhair a chridhe, ann an neo-thruailleachd spioraid shamhaich, chiuin, a tha beairteach an lathair Dhe. 5 Oir ʼsann mar so a sgeadaich roimh so boirionnaich naomh iad fhein, a bha g-earbsa á Dia, us iad striochdte dha ʼm fearaibh fhein. 6 Mar bha Sara umhailt do dhʼ Abraham a cantuinn tighearna ris; dha bheil sibhse ʼnur nigheanan, a tha dianamh gu math, ʼs aig nach eil sion de ghioraig romh thuairgneadh. 7 Sibhse cuideachd, fheara, a tha tamh maille riu a reir eolais, thugaibh onair do ʼn mhnaoi, mar do ʼn t-saghach is laige, ʼs mar do cho-oighreachan air grasan na beatha; gus nach bacar ur n-urnaighean. 8 A dhʼ aon fhacal, bithibh uile a dhʼ aon inntinn, truacanta ri cheile, gaolach air na braithrean, iochdor, stuama, iriosal: 9 Gun olc a dhianamh air son uilc, no càineadh an aghaidh càinidh, ach, a cheart eile, beannachadh: oir ʼsann gu so a tha sibh air ur gairm, gu beannachd a shealbhachadh mar oighreachd. 10 Oir esan leis an toil beatha ghradhachadh, us laithean math fhaicinn, caisgeadh e a theanga bho olc, ʼsa bhilean nach labhair iad foill; 11 Seachnadh e an t-olc, us dianadh e math; sireadh e sith, agus leanadh e i: 12 A chionn gum beil suilean an Tighearna air na daoine cearta, ʼsa chluasan ri ʼn urnaighean: ach tha gnuis an Tighearna air an fheadhainn a tha ri olc. 13 Us co a ʼs urrainn ur dochann, ma tha sibh titheach air nì math? 14 Ach ma dhʼ fhuiligeas sibh nì air son a cheartais, is beannaichte sibh. Agus na biodh sgàth oirbh romh an eagal-san, ʼs na bithibh fo bhruaillean. 15 Ach naomhaichibh an Tighearna Criosta ʼnur cridheachan, deas an comhnuidh gu gach aon a thoileachadh, a dhʼ iarras reuson air an dochas a thʼ unnaibh: 16 Ach le stuamachd ʼs le fiamh, le deagh chogais a bhith agaibh: air chor ʼs, an aite dhaibh a bhith labhairt oirbh air olc, gun gabh iadsan nàire, a tha diteadh gu briagach ur deagh chomhraidh ann an Criosta. 17 Oir is fhearr fulang (ma se sin toil Dhe) a dianamh math, no a dianamh an uilc. 18 A chionn gun dʼ fhuilig Criosta am bàs aon uair air son ar peacannan, an neo-chiontach air son nan ciontach, gus sinn a thairgse do Dhia, ʼs e air a chur gu bàs gu dearbh san fheoil, ach air a bheothachadh san spiorad. 19 Anns an tainig e, us anns na shearmonaich e cuideachd do na spioraid a bha am priosan: 20 A bha air uair mi-chreideach, nuair bha iad a feitheamh ri faighidin Dhe an laithean Noé, nuair bha an àirc ga dianamh; anns an robh beagan, se sin, ochd anmannan air an tiarnadh tromh uisge. 21 ʼS ri dearbh choltas so tha am baisteadh a nis gu ʼr sabhaladh-sa: cha n-ann le toirt air falbh sailche na feola, ach le dearrsachadh deagh chogais an lathair Dhe tromh aiseirigh Iosa Criosta, 22 A tha air deas laimh Dhe, a slugadh sios a bhàis, gus sinn a bhith ʼnar n-oighreachan air a bheatha shiorruidh; ʼs air dha dol suas gu neamh, chuireadh na h-ainglean, ʼs na cumhachdan, ʼs na feartan, fo smachd dha. |