Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Peadar 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


I. CHAIBIDEAL. Tha e toirt taing do Dhia air son ar gairm thun a chreidimh fhirinnich, ʼs gu beatha shiorruidh: air an ruigear tromh mhoran anshocair: tha e ga ʼr comhairleachadh gu caithe-beatha naomh, le beachd a ghabhail air naomhachd Dhe, ʼs air ar ceannach le fuil Chriosta.

1 Peadar, ostal Iosa Criosta, thun nan coigreach taghte, a tha sgapte feadh Phontuis, Ghalatia, Chapadocia, Asia, agus Bhithinia,

2 A reir roimh-eòlas De an t-Athair, gu naomhachd an Spioraid, gu umhlachd us crathadh fuil Iosa Criosta. Gun robh grasan agus sith air am miadachadh dhuibh.

3 Beannaichte gun robh Dia us Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a dhʼ ath-ghin sinn gu dochas laidir, a reir a mhor-throcaire fhein, le aiseirigh Iosa Criosta bho na mairbh,

4 Gu oighreachd neo-thruaillidh, gun smal, nach searg, a feitheamh oirbh ann am flathanas,

5 A tha le cumhachd Dhe air ur gleidheadh tromh chreideamh gu sabhaladh, a tha deas gu bhith air a shoillseachadh sna h-amannan deirionnach.

6 Anns an dian sibh mor-aighear, ged is fheudar dhuibh a nis a bhith fo bhròn car seal le iomadh buaireadh,

7 Gus am faighear dearbhadh ur creidimh nas priseile gu mor na òr (a tha airʼa dhearbhadh le teine) gu moladh, ʼs gu onair, ʼs gu gloir aig taisbeanadh Iosa Criosta;

8 Dha bheil sibh a toirt gaoil, ged nach fhaca sibh e; anns a bheil sibh nis a creidsinn, ged nach eil sibh ga fhaicinn: us le bhith creidsinn ni sibh mor-aighear le sòlas nach gabh innse, agus glormhor:

9 A faighinn crioch ur creidimh, se sin, sabhaladh ur n-anmannan.

10 Mu dheidhinn an t-sabhalaidh so, dhʼ iarr us rannsuich gu durachdach na faidhean, a rinn faisneachd mu na grasan a bha gu tighinn oirbhse;

11 A rannsachadh cuin, no ciod an seorsa ama, a bha Spiorad Chriosta a ciallachadh unnta, ʼsa g-innse roimh laimh nam fulangasan sin a thʼ ann an Criosta, ʼs na gloire a thigeadh ʼnan lorg:

12 Dhaibh-san a chaidh thaisbeanadh nach ann dhaibh fhein ach dhuibhse, a fhritheil iad na nichean sin, a tha nis air an innse dhuibh leo-san, a theagaisg dhuibh an soisgeul, air do ʼn Spiorad Naomh a bhith air a chur a nuas á flathanas, air an toigh leis no h-ainglean a bhith g-amharc.

13 Leis a sin air do leasraidh ur n-inntinn a bhith crioslaichte agaibh, agus sibh measarra, biodh dochas coimhlionta agaibh as na grasan a thʼ air an tairgse dhuibh aig taisbeanadh Iosa Criosta,

14 Mar chloinn na h-umhlachd, gun a bhith air ur cumadh ri tograichean ur n-aineolais roimh so:

15 Ach a reir-san, a ghairm sibh, a tha Naomh: bithibhse mar an ciadna naomh ʼnur caithe-beatha gu leir:

16 A chionn tha e sgriobhte: Bithidh sibhse naomh, oir tha mise naomh.

17 Us ma ghairmeas sibh air an Athair, esan a bheir breth gun taobh ri neach seach neach a reir obair gach duine, caithibh ur beatha le fiamh fad laithean ur tuinidh an so:

18 A tuigsinn nach deach ur saoradh le nichean truaillidh, mar tha òr no airgiod, bho chaithe-beatha faoin beul-aithris ur n-aithrichean,

19 Ach le fuil phriseil Chriosta, mar uan gun smal ʼs gun truailleadh:

20 Roimh-aithnichte gu dearbh romh chruthachadh an t-saoghail, ach air a thaisbeanadh sna h-amannan deirionnach air ur sonsa,

21 A tha troimh-san a creidsinn ann an Dia, a thog e bho na mairbh, ʼsa thug gloir dha, gus ur creideamh agus ur dochas a bhith ann an Dia:

22 A glanadh ur n-anmannan le umhlachd na carrantachd, le gaol braithreil, bho chridhe aon-fhillte thugaibh gradh dha cheile gu deothasach:

23 Le sibh a bhith air ur n-ath-bhreith, cha n-ann bho shiol truaillidh, ach neo-thruaillidh, tromh fhacal an De bheo, a mhaireas a chaoidh:

24 Oir tha h-uile feoil mar fhiar, agus a gloir uile mar bhlath an fheoir; shearg am fiar, us thuit a bhlath.

25 Ach mairidh facal an Tighearna gu bràth: agus se so am facal a chaidh a shoisgeulachadh dhuibh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan