Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eòin 5 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


V. CAIB. Mu ʼn fheadhainn a tha air am breith bho Dhia, ʼs mu ʼn fhior charrantachd: bheir creideamh buaidh air an t-saoghal: triuir a tha togail fianuis air Criosta: air creideamh ʼna ainm: ʼs air peacadh a tha, agus peacadh nach eil gu bàs.

1 Tha gach aon, a chreideas gur e Iosa an Criosta, air a bhreith bho Dhia. Us tha gach aon, a bheir gaol dhasan a ghin, a toirt gaoil cuideachd dhasan a thʼ air a bhreith bhuaithe.

2 Le so tha fios againn gum beil gaol againn air cloinn Dhe, sinn a bhith toirt gaoil do Dhia, ʼsa cumail fhaintean.

3 Oir se so carrantachd Dhe, sinn a chumail fhaintean: ʼs cha n-eil fhaintean-sa trom.

4 Oir a h-uile ni a rugadh bho Dhia, bheir e buaidh air an t-saoghal: agus si so a bhuaidh a bheir buaidh air an t-saoghal, ar creideamh.

5 Co esan a bheir buaidh air an t-saoghal, ach esan a tha creidsinn, gur e Iosa Mac Dhe?

6 Se so esan a thainig tromh uisge, ʼs tromh fhuil, Iosa Criosta: cha n-ann a mhain tromh uisge, ach tromh uisge, ʼs tromh fhuil. Agus se an Spiorad a tha toirt teisteanais gur e Criosta an fhirinn.

7 Agus tha triuir a tha toirt teisteanais air neamh: an t-Athair, am Facal, agus an Spiorad Naomh: agus is aon an triuir sin.

8 Agus tha triuir a tha toirt teisteanais air talamh: An spiorad, agus an t-uisge, agus an fhuil: agus is aon an triuir sin.

9 Ma ghabhas sinn teisteanas dhaoine, se teisteanas Dhe is mua: oir se so teisteanas Dhe, a tha nas mua, a chionn gun tug e teisteanas air a Mhac.

10 Esan a chreideas ann am Mac Dhe, tha teisteanas Dhe aige ann fhein. An neach nach creid am Mac, tha e dianamh briagadair dheth: a chionn nach eil e creidsinn an teisteanais a thug Dia air a Mhac.

11 Agus se so an teisteanas, gun tug Dia dhuinn a bheatha shiorruidh. Agus tha a bheatha so ʼna Mhac-san.

12 Esan aig a bheil am Mac, tha beatha aige: esan aig nach eil am Mac, cha n-eil beatha aige.

13 Tha mi sgriobhadh so gu ʼr n-ionnsuidh, los gun aithnich sibh gum beil a bheatha shiorruidh agaibhse, a tha creidsinn ann an ainm Mhic Dhe.

14 Agus se so an dochas a thʼ againn ga thaobh: Ciod sa bith a dhʼ iarras sinn air a reir a thoile, gun eisd e ruinn.

15 Agus tha fios againn gun eisd e ruinn ciod sa bith a dhʼ iarras sinn: tha fios againn gum beil sinn a faighinn nan iarratas, a tha sinn a g-iarraidh air.

16 Am fear aig a bheil fios gun dʼ rinn a bhrathair peacadh, nach eil gu bàs, iarradh e, us bheirear beatha dhasan nach dʼ rinn peacadh gu bàs. Tha peacadh ann gu bàs: air a shon-san cha n-eil mi g-radh gun guidh neach air bith.

17 Is peacadh a h-uile eucoir; agus tha peacadh ann gu bàs.

18 Tha fios againn nach peacaich neach sa bith a thʼ air a bhreith bho Dhia: ach tha gineamhuinn De ga ghleidheadh, ʼs cha bhean an droch-fhear dha.

19 Tha fios againn gu bheil sinne bho Dhia; ʼs gu bheil an saoghal gu leir leagte ris an olc.

20 Us tha fhios againn gun tainig Mac Dhe, agus gun tug e tuigse dhuinn, los gum bi eolas againn air an fhior Dhia, ʼs gum bi sinn ann a fhior Mhac-san. Se so am fior Dhia, agus a bheatha shiorruidh.

21 A chlann bheag, cumaibh sibh fhein bho iodholan. Amen.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan