1 Eòin 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875III. CAIB. Air gaol De dhuinn: ciamar a ni sinn a mach clann De seach clann an deomhain: air gaol do gach a cheile, ʼs air glaine cogais. 1 Seallaibh ciod e an seorsa carrantachd a dhʼ fhiach an t-Athair dhuinn, gun gairmteadh sinn, ʼs gum bithemid ʼnar mic do Dhia. Uime sin cha n-aithne do ʼn t-saoghal sinn: a chionn nach bʼ aithne dha esan. 2 A mhuinntir mo mhor ghraidh, is sinn a nis mic Dhe; ʼs cha dʼ fhiachadh fhathast ciod a bhios sinn. Tha fios againn, nuair a nochdas esan e fhein, gum bi sinn coltach ris: a chionn gum faic sinn e mar a tha e. 3 Agus a h-uile h-aon aig a bheil an dochas so ann, tha e ga naomhachadh fhein, amhuil mar a tha esan naomh. 4 A h-uile h-aon a ni peacadh, tha e dianamh eucoire: agus is eucoir am peacadh. 5 Agus tha fios agaibh gun do nochd e e fhein gus ar peacannan a thoirt air falbh; agus annsan cha n-eil peacadh. 6 Gach aon a dhʼ fhanas annsan, cha pheacaich e; ʼs gach aon a pheacaicheas, cha n-fhac e e, cha mhua bʼ aithne dha e. 7 A chlann bheag, na mealladh duine air bith sibh. Esan a ni ceartas, tha e ceart, amhuil mar a tha esan ceart. 8 Esan a ni peacadh, ʼsann bho ʼn deomhan a tha e: oir tha an deomhan a peacachadh bho thùs. ʼSann air son so a nochdadh Mac Dhe, gu oibrichean an deomhain a sgrios. 9 Ge bʼ e a thʼ air a bhreith bho Dhia, cha dian e peacadh: a chionn gum beil a shiol a fantuinn ann; ʼs cha n-urrainn da peacachadh, a chionn gum beil e air a bhreith bho Dhia. 10 Bho so tha clann Dhe, agus clann an deomhain follaiseach. Ge e nach eil ceart, cha le Dia e, cha mhua is leis esan aig nach eil gaol dha bhrathair: 11 Oir se so an sgial a chuala sibh bho thoiseach, gun toir sibh gaol dha cheile. 12 Cha n-ann mar Chain, a bha bho ʼn droch-fhear, ʼsa mharbh a bhrathair. Agus car-son a mharbh e e? A chionn gun robh oibrichean fhein olc: us oibrichean a bhrathar ceart. 13 Na gabhaibh iongantas, a bhraithrean, ged a bheir an saoghal fuath dhuibh. 14 Tha fhios againn gun do dhʼ aisigeadh sinn bho bhàs gu beatha, a chionn gum beil gaol againn air na braithrean. Tha esan aig nach eil gaol, a fantuinn ann am bàs: 15 Neach air bith a tha toirt fuatha dha bhrathair, is murtair e. Agus is aithne dhuibh nach eil a bheatha shiorruidh aig murtair air bith a tamh ann fhein. 16 Le so is aithne dhuinn carrantachd Dhe, a chionn gun do leig e sios a bheatha air ar son: agus is coir dhuinn ar beatha leigeil sios air son nam braithrean. 17 Am fear aig a bheil maoin an t-saoghail so, agus a chi a bhrathair ann an uireasuidh, agus a dhuineas ʼinnidh ʼna aghaidh: ciamar a tha carrantachd Dhe a tamh ann? 18 Mo chlann bheag, na tugamaid gaol ann am facal, no leis an teangaidh, ach ann an gniomh ʼs am firinn. 19 Bho so tha fhios againn gur ann bho ʼn fhirinn a tha sinn; agus ʼna lathair-san ni sinn cinnteach ar cridheachan. 20 Oir ma tha ar cridhe ga ʼr cronachadh: is mua Dia na ar cridhe, agus is aithne dha a h-uile ni. 21 A mhuinntir mo mhor ghraidh, mur eil ar cridhe ga ʼr cronachadh, tha earbsa againn a thaobh Dhe; 22 Us ge bʼ e ni a dhʼ iarras sinn, gheobh sinn e bhuaithe: a chionn gum beil ʼsinn a cumail fhaintean, agus a dianamh nan nichean sin a tha taitneach ʼna lathair. 23 Agus se so fhainte: Gun creid sinn ann an ainm a Mhic Iosa Criosta; agus gun gradhaich sinn a cheile, mar a dhʼ àithn e oirnn. 24 Agus tha am fear, a chumas fhaintean, a tamh ann, agus esan annsan; agus le so tha sinn a g-aithneachadh gum beil e a tamh unnainn, bho ʼn Spiorad a thug e dhuinn. |