Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eòin 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


II. CAIB. Se Criosta ar fear-reite: feumaidh sinn fhaintean a chumail, us gaol a thoirt da cheile: cha n-fhaod sinn gaol a thoirt do ʼn t-saoghal, no eisdeachd ri luchd ur-theagaisg, ach tromh spiorad Dhe fuireach san eaglais.

1 Mo chlann bheag, tha mi sgriobhadh so gu ʼr n-ionnsuidh, los nach peacaich sibh. Ach ma so ʼs gum peacaich neach, tha fear-reite againn maille ris an Athair, Iosa Criosta ionraic:

2 Agus is esan an iobairt-reite air son ar peacannan: ʼs cha n-ann air son nam peacannan againne a mhain, ach mar an ciadna air son peacannan an t-saoghail uile.

3 Agus tha fios againn gur h-aithne dhuinn e air so, ma chumas sinn fhaintean.

4 Esan a their gur aithne dha e, ʼs nach eil a cumail fhaintean, is briagadair e, ʼs cha n-eil an fhirinn ann.

5 Ach esan a chumas fhacal, annsan gu firinneach tha carrantachd Dhe air a coimhlionadh; us air so is aithne dhuinn gum beil sinn annsan.

6 Is còir dhasan, a their gum beil e tamh ann, imeachd, ceart mar a dhʼimich esan.

7 A mhuinntir ro ionmhuinn, cha n-eil mi sgriobhadh h-ugaibh fainte ùire ach seann fhainte, a bhʼ agaibh bho thoiseach: se an t-seann fhainte am facal a chuala sibh.

8 A rithist tha mi sgriobhadh fainte ùire h-ugaibh, ni tha fior annsan araon agus unnaibhse: a chionn gun do shiubhail an dorchadas, ʼs gum beil am fior-sholus an nis a soillseachadh.

9 Esan a their gum beil e san t-solus, ʼsa tha toirt fuatha dha bhrathair, tha e fhathast san dorchadas.

10 Esan a bheir gaol dha bhrathair, tha e fantuinn anna an t-solus, ʼs cha n-eil sgainneal ann.

11 Ach esan a bheir fuath dha bhrathair, tha e ann an dorchadas, ʼsa g-imeachd an dorchadas, ʼs cha n-eil fhios aige cean a tha e dol: a chionn gun do dhall an dorchadas a shuilean.

12 Tha mi sgriobhadh h-ugaibh, a chlann bheag, a chionn gum beil ur peacannan air am mathadh dhuibh as leth ainm-san.

13 Tha mi sgriobhadh h-ugaibh, aithrichean, a chionn gum bʼ aithne dhuibh esan a tha bho thoiseach. Tha mi sgriobhadh h-ugaibh, a dhaoine oga, a chionn gun tug sibh buaidh air an droch-fhear.

14 Tha mi sgriobhadh h-ugaibh, a leanabain, a chionn gum bʼ aithne dhuibh an t-Athair. Tha mi sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh, a dhaoine oga, a chionn gum beil sibh laidir, agus gum beil facal De a fantuinn unnaibh, ʼs gun tug sibh buaidh air an droch-fhear.

15 Na tugaibh speis do ʼn t-saoghal, no do na nichean a tha anns an t-saoghal. Ma tha neach a toirt speise do ʼn t-saoghal, cha n-eil carrantachd an Athar ann:

16 Oir gach ni a tha san t-saoghal, ʼsiad ana-miannan na feola, us ana-miannan nan sul, agus uabhar na beatha: nichean nach eil bho ʼn Athair, ach bho ʼn t-saoghal.

17 Agus siubhlaidh an saoghal, agus ʼana-miannan: ach esan a ni toil Dhe, mairidh e gu bràth.

18 A chlann bheag, si an uair mu dheireadh i: ʼs mar a chuala sibh gum beil an t-anacriost a tighinn: agus sa cheart uair tha iomadh anacriost ann; bho so is leir dhuinn gur i an uair mu dheireadh i.

19 Bhrist iad a mach bhuainn, ach cha bʼ ann dhinn iad: oir nam bʼ ann dhinn iad, bhiodh iad gun teagamh air fuireach maille rinn: ach gus an dianteadh follaiseach nach ann dhinn a tha iad uile.

20 Ach tha an t-ungadh agaibh bho ʼn Ti naomh, agus is aithne dhuibh a h-uile ni.

21 Cha do sgriobh mi h-ugaibh mar do dhaoine aineolach air an fhirinn, ach mar do dhaoine dha ʼn aithne i: ʼs dha ʼn aithne, nach eil briag air bith bho ʼn fhirinn.

22 Co tha briagach, ach esan a dhʼ aicheadhas gur e Iosa an Criosta? Se esan an t-anacriost, a tha g-aicheadh an Athar agus a Mhic.

23 Ge bʼ e neach a dhʼ aicheadhas am Mac, cha n-eil an t-Athair aige, esan a dhʼ aidicheas am Mac, tha an t-Athair aige cuideachd:

24 Sibhse, fanadh unnaibh na chuala sibh bho thoiseach: Ma dhʼ fhanas unnaibh na chuala sibh bho thoiseach, fanaidh sibh mar-aon anns a Mhac us anns an Athair.

25 Agus se so an gealladh, a gheall esan dhuinn, a bheatha shiorruidh.

26 Sgriobh mi iad so h-ugaibh mu dheidhinn na feadhnach a tha gu ʼr mealladh.

27 As ur lethse, fanadh unnaibh an t-ungadh sin a fhuair sibh bhuaithe. Us cha ruig sibh a leas ur teagasg le duine air bith: ach mar a tha ungadh-san a teagasg a h-uile ni dhuibh, is firinn e, ʼs cha bhriag. Us mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann.

28 Agus a nis, a chlann bheag, fanaibh ann: air chor ʼs nuair a nochdas e e fhein, gum bi dochas againn, ʼs nach cuirear gu nàire sinn leis aig a thighinn.

29 Ma tha brath agaibh gum beil esan ceart, biodh brath agaibh cuideachd, gum beil a h-uile h-aon a ni ceartas air a bhreith bhuaithe.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan